Skip to main content

‹‹‹ prev (172) Page 168Page 168

(174) next ››› Page 170Page 170

(173) Page 169 -
169
Thug an Rìgh dhuibli an tairgse
Chur meamna 'n ar gnuis,
Tha e earbsach gu'm falbh sibh
'S gu'n dearbh sibh an cliù.
'S gu'n dearbh sibh an cliu, &a
Ma tha duin' anns nach eil àrdan
'Sa chàmp so gu leir,
Nach imich leis na càirdean
An àm dol am feum,
Ciod a dheanadh càch ris,
Ach fhagail na'n dèigh,
Bhi 'na thàmh aig a' mhàthair,
An kite leis fein.
An àite leis f&n, &c.
'S ann againn tha na Gàidheil,
Thèid dàn anns an ruaig,
Na fir làidir, dhàicheil
A b'àbhaist bhi cruaidh ;
Theid sinn do Phort-phàdruig,
Cha chàs leinn a luaths,
Moch an là'r'n-mhaireach
Gun dàil air a' chuan.
Gun dàil air a' chuan, &c.
'Nuair thèid na loingeis bhreid-gheal
An Eirinn air tir,
Ciod a ni na Keubail
A dh'èirich 'san stri ?
Teicheadh as a' ch&le
'S ratreut orra sios,
Bhi na'n èigin a's feum ac'
Air reite 's air sith.
Air rèite 's air sith, &c.
Q

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence