Skip to main content

‹‹‹ prev (167) Page 163Page 163

(169) next ››› Page 165Page 165

(168) Page 164 -
164
Tha'n Sàmhradh blàth ann
O'n dh'fhàg an t-earrach sinn,
Ma ni sinn càmp
'S e bhios ann dhuinn fallaineachd :
Tha nì air gleanntaibh,
Cha bhi sinn gann dhiù,
'S gur ftonmhor Gall
Tha cuir àird air aran duinn.
'S e'n togail inntinn
Cho grinn 'sa b'aithne dhomh,
Bhi'n cùirt an Rìgh
Gu'n bhi strì ri sgalagachd ;
Cha dean sinn feòraich
Air tuilleadh stòrais,
S cha teirig lòn dhuinn
R'ar beò air gearasdan.
OR AN DO REISEAMAID BHRAID-ALBANN,
LUINNEAG.
H-o ri il, li-ò rb a,
H-u H il, hb-rè,
Is h~è h-illin h-o rò a,
H-ò hi urabh h-o-rè.
'S ann a b'aighearach sinne
Mu'n ionad so an dè,
Air tràigh Obair-Keadhain
Ag amharc na r&'s.
H-ò ri il, h-ò rò a, &c.
Bha na pìobairean ullamh,
'g bha 'n druma na gleus,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence