Skip to main content

‹‹‹ prev (160) Page 156Page 156

(162) next ››› Page 158Page 158

(161) Page 157 -
157
ORAN DHUNEIDEANN.
S'e baile mòr Dhuneideann
A b' èibhinn learn bhi ann,
Aite fialaidh farsuinn,
A bha tlachdmhor anns gach ball ;
Gearasdan a's bataraidh,
A's rampairean gu teann,
Tighean mòr a's caisteal,
Anns an trie ann d' stad an càmp.
'S trie a bha càmp rìoghail ann,
'S bu rìomhach an luchd-dreuchd ;
Triap' nan srann-each lionmhor,
Gu dileas air a' gheard :
Bhiodh gach fear cho eòlach
'S na h-uile seòl a b' f hearr,
Na fleasgaich bu mhath fòghlum
A' dhol an òrdugh blàir.
iomadh fleasgach uasal ann,
A bha gu suairce, grinn,
Fùdar air an gruagan,
Suas gu bàrr ann cinn ;
Leadainn dhonna dhualach
'Na chuachagan air sniomh ;
Bàrr dosach mar an sioda,
'Nuair lìogadh e le cir.
'S raòr a tha do bhain-tighearnan
A null 'sa nail an t-sràid,
Gùntaichean do'n t-sìoda orr',
Ga'n slìogadh ris a' bhlàr ;
Stòise air ua h-ainnirean
Ga'n teannachadh gu h-àrd.
r

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence