Skip to main content

‹‹‹ prev (573) Page 569Page 569

(575) next ››› Page 571Page 571

(574) Page 570 -
586
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[Ianuara'tdh 1, 1884.
Phàpanach. An uair a bha an t-easbuig a' toirt dà
còir air an Aifrionn a fhrithealadh, ghnàthaich e na
briathran sòluimte so. " Faigli cumhachd gu iobradh air
son nana beò agus nam marbh." Chriothnaicli e an
dèigli-làimh ann an cuimhneachadh air na briathran so,
a thug dha cumhachd air an dearbh obair a dheanamh a
bhuiueas do Mhac Dhè. "B'e foighidin agus fad-fhul-
angas an Tighearna," ars' esan, " a chum an talamh o
ar slugadh suas le cheile."
Goirid an dèigh so — 's a' bhliadhna 1508 — air do
theisteannas àrd a bhi air a thoirt uime le Staupitz do
ard - uachdaran Shacsonaidh, Frederick, ghairm am
prionnsa glic sin e gu bhi 'n a àrd-f hear-teagaisg ann
an Oil-thigh Wittemberg. Dh'aontaich e gun dàil; agus
thog e a chòmlmuidh ann am mainisdir nan Augustin-
ianach 's a' bhaile sin. An dèigh a bhi re ùine ghoirid
a' teagasg feallsanachd agus Ealain - reusonachaidh,
thòisich e air Diadhaireachd a tlieagasg. Mhìnich e am
Biobull gach latha do na fòghlumaichean. Thoisich e
aig na Sailm, agus chaidhe an sin air aghaidh a dh'ionn-
saidh na Litir a chum nam Ròinanach. Thàinig e aon
latha gu briathran an fhaidh Habacuc, " Bithidh am
nrean beò tre chreidimh." Bha e air a bhualadh leis a'
chainnt. Smuainich e aige fein, tha mata beatha aig na
lireanan eadar-dhealaichte o mhuinntir eile, agus tha
a' bheatha so air a toirt tre chreidimh. Thàinig na
briathran so gu a chridhe mar gu'm biodh iad air an cur
ann le Dia fein, agus dh'fhosgail iad suas da diomhair-
eachd beatha a' Chriosduidh. Fada 'n a dheigh sin,
ann am meaclhon a shaothairean iomadaidh, air leis gu'n
cual e guth ag ràdh ris, " Bithidh am fìrean beò tre
chreidimh."
Bha a mlùneachadh air na Sgriobturan, ann an cur
eadar-dhealachaidh eadar lagh agus soisgeul, agus ann
an labhairt o'n chridhe ri cridheachan dhaoine, cho eadar-
dhealaichte o sin a bha coitchionn 's an latha a's gu'n
do sgaoil iomradh air am fad 's am farsuingeachd ; agus
tharruing e fòghlumaichean a dh'ionnsuidh an Oil-thigh
o dhùthchan eile.
Air iarrtus Staupitz thoisich e air searmonachadh ann
an eaglais bhig a bh'anns a' bhaile. Cha b'f hada gus
nach cumadh an eaglais an luchd-eisdeachd a dhòmhlaich
d'a h-ionnsuidh. Bha a ghnùis, a ghiùlan, agus a glmth
taitneach ; agus labhair e o chridhe làn, agus le ughd-
arras, dùrachd, agus ungadh nach fhacas ann an aon a
thàinig roimhe. Tha eadhon a naimhdeau a' toirt
fianuis nach robh duine 'n a latha a bheireadh bàrr air
ann an comasan labhairt. Bha a shearmonachadh cho
cumhachdach a's gu'n robh a luchd-èisdeachd air an
giulan air falbh mar le tuil an taobh a b'àill leis.
Anns a' bhliadhna 1510 dh'eirich connsachadh mu
phuingean àraidh am measg nam mainisdearan anns a'
Ghearmailt a bha de'n òrdugh d'am buineadh Luther ;
agus bha e;an air a shonruchadh leo gus na ciusean a
thoirt fo bhreith a' Phàpa. Mar sin chuir e 'aghaidh air
an Roimh. Mu'n do choimhlion e a thurus bha e air a
bhualadh sios le tinneas trom. Maille ri so bha e air a
leagadh sios 'n a anam. Dhùisg a chuid iomaguiueau
agus uamhasan as-ùr. Ach an uair a bha iad aig an
àirde, thàinig na briathran "Bithidh am frrean beo tre
chreidimh " gu 'inntinn, agus bha 'anani air a shoillseach-
adh mar le gath soluis o neamh. Bha a shlàinte cuirp
cuideachd air a h-aiseag, agus bhuanaich e air a thurus.
Bha fadal air gus an ruigeadh e "am Baile naomh; "
agus an uair a fhuair e a' cheud sealladh dheth, thilg e
e fèin air an làr, ag ràdh, "Fàilte ort, a Roimh
Naoimh."
Cha b'fhada gus an robh e air a dhùsgadh as a
bhruadar mu naomhachd na Roimhe. Bhuanaich e air
dol o eaglais gu eaglais, a' creidsinn gach breug a bha air
a h-innseadh dha, agus a' coimhlionadh gach gniomh
cràbhach ann an treibhdhireas a chridhe. Ach bha e
air a chràdh le bhi fianuiseach air a' mhi-nacrmhachd leis
an robh gach seirbhis-aoraidh air a coimhlionadh le
sagartan na Roimhe. Mheudaich 'uamhas an uair a
chunnaic e an spiorad ceudna air a nochdadh leis an
luchd-clreuchd a b'àirde 's an eaglais. Bu ghann a
chreideadh e a shùilean, no a chluasan. Cha'n e mhàin
gu'n d'fhuair e pearsachan-Eaglais anns gach inbhe
mi-churamach agus saoghalta, ach 'n an ana-creidich,
agus 'n an luchd-fochaid air diadhaidheachd. Mar a
dh'ainmich shin, bha e fein le aon-fhillteachd agus
dùrachd cridhe a' dol o àite gu àit anns a' bhaile a'
coimhlionadh gach dleasdanais a dh'àithn an Eaglais,
no am Papa, mar chumha air maitheanas peacaidh
fhaotainn, no saorsa o pheanas Purgadair. Am measg
ghmomharan eile, gheall am Pàpa am maitheanas no an
t-saorsa so (ris an abrar Indulgence) do gach aon a
rachadh air a ghlùinean suas Staidhir Philait, a bha,
nam b'fhior, air a giulan le miorbhuil, do'n Ròimh o
Ierusalem. Mheas Luther gu'm bu choir dha an deadh
thoillteanas so a chosnadh. Thoisich e air an staidhir a
dhireadh; ach an uair a bha e 'g a shlaodadh fein suas
o cheumgu ceum, air leis gu'n cual' e mar gu'm b'e guth
à irneanaich a dh'èigh o ghrunnd a chridhe, "Bithidh
am firean beò tre chreidimh." Dh'eirich e le uamhunn,
agus le gràin deth fein air son e bhi 'n a thràill cho
mòr do shaobh-chràbhadh, agus thàr e as cho luath 's a
b'urrainn da. Chunnaic e nis rathad an fhireanachaidh
na bu soilleire na chunnaic e riamh ; ghabh e o Dhia
fein, le làimh Chriosd, an umhlachd sin a tha e gu saor
a' meas do'n pheacach a tha a' sealltuinn ris an Dia-
duine a chaidh a cheusadh. Bha a chas a nis gu
daingean air a' charraig, agus o so suas bha 'anam da
rireadh saor. so suas b'e fireanachadh le gràs tre
chreidimh "anam a dhiadhaireachd, a dhaingueach anns
gach cunnart, neart a theagaisg, brosnachadh a ghràidh,
steidh a dhòchais, greasadh a shaothairean, agus a
chomhfhurtachd am beatha agus am bàs."
Aig am sonruichte an dèigh so, ann an labhairt mu
na h-oidhirpean a bha Satan a' toirt air an teagasg so a
chumail fodha, ghnàthaich e a' chainnt làidir, shòluimte
so. " Tha mise, an Dochtair Màrtuinn Luther, soisgeul-
aiche neo-airidh an Tighearna Iosa Chriosd, a' cumail
na puinge-teagaisg so — gu bheil ereidimh a villain, as
eugmhais oibre «' fireanachadh am Jianuis Dhe; agus tha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence