Skip to main content

‹‹‹ prev (505) Page 501Page 501

(507) next ››› Page 503Page 503

(506) Page 502 -
518
EAGLAIS SHAOR NA II-ALBA.
[lanuaraidh 1, 1883.
t-sàtnliraidh agus an fhogharaidh, gu iouadan sonruichte
de Thìr Mhòr na Roinn-Eorpa, gu bhi 'searmonachadh
an t-soisgeil.
Air an t-sàmhradh ma dheireadh, chaidh Dr. Wilson
à Dunedin do Interlaken — aon de bhailtcan Switzerland.
Chaidh Mr. Sloan a Glaschu, do bhaile Lucerne ann
an Switzerland. Bha a' chuid a bu mho de'n co-thional
aige air a dheananih suas de luehd-siubhail a America
agus a Breatunn. Bha sàcramaid na suipeir air a
f hrithealadh dhoibh, air a' cheud mhios de'nfhoghar ; agus
shuidh tri-fichead agus ochd pearsa aig a' bhòrd. Bha
an t-iomlan diubh a' mothachadh, agus ag aideachadh,
na mòr chomain fo'rn bheil iad do'n Eaglais Shaoir, air-
son an dragha a tha i a' gabhail, agus nau cothroman
priseil a tha mar so air an deònachadh a chum a bhi
'feitheamh air an Tighearna, agus ag eisdeachd fhocail
'n an cainnt fein. Tha aobhar a bhi creidsinn, gu'm bheil
mar an ceudna drùghadh spioradail air a dheanamh air
cuid a tha a ghnàth a chòmhnuidh anns na bailtean ud.
Feudaidh cuid aig a' bhaile, a bhi de'n bheachd gu 'm
bheil an Eaglais Shaor a' dol gu tuilleadh 's a' chòir de
dhragh, agus de chostus, ann a bhi a' cur mhinistearan
a dh'iomisuidh nam bailtean ud. Ach feumaidh sinn a
bhi 'toirt fainear, gu'm bheil e mar fhiachan oirnn a bhi
a' deanamh na's urrainn sinn, airson ar luchd diicha,
eadhou ann an tiribh cein, fad air falbh, cho maith agus
aig a' bhaile. A thuilleadh air so, tha an siol maith a
th'air a chur leis na ministeirean againn, anns na
h-ionadan ud, a' gabhail freumh ann an cuid am measg
an luchd-àiteachaidh fein — agus mar sin, a' còmhnadh,
gus an soisgeul a sgaoileadh 'n am measg. Air chid so,
tha a 1 chuid mhòr de na chosdus air a chur ri cheile,
agus air a dheònachadh leis an luchd-eisdeachd fein ; air
chor, 'us nach eil uiread a chosdus air an eaglais aig a'
bhaile, agus a shaoileas neach nach seall a steach gu
mionaideach anns a' chuis. Guidheamaid airson dortadh
an Spioraid air luchd-àiteachaidh Tir Mhòr na Roinn-
Eorpa.
B'e Mr. Rowland Hill, aon de mhinistearan àinràeil
Shasuinn — agus a dh'aidich Dia gu mòr, ann a bhi ag
ioaipachadh pheacach, agus a' beathachadh a shluaigh : —
Arsa Mr. Hill. — " Tha an grits a tha 'g am thoirt a
dh'ionnsuidh Chriosd, a' tighinn bho Chriosd fein. Is
ann le bhi beò air Criosd, a bhios mi comasach air a bhi
beò do Chriosd. Agus is ann amhàin, le bhi 'beathach-
adh air Criosd, agus beò do Chriosd, a bhios mi air mo
thogail suas os ceann an t-saoghail so a tha làthair.
Cheart cho luath, agus a tha mi air mo thoirt fo chumh-
achd grais, tha e 'g am thoirt gu bhi beò 'chum glòire
Dhe. '
" Ged tha mi-choilionta ann am fèin, tha mi coilionta
ann an Criosd. Tha a shaorsa a cheana gu h-iomlau
air a h-oibreachadh a mach ; agus 'fhireanteachd, a tha
do na h-uile, agus air na h-uile a chreideas, làn choilionta
— earradh rioghail a shluaigh a nis, agus am maise tre
uile linntibh na bith-bhuantachd.
" Dh'ullaich mo Shlanuighear gràidh, cha 'n e 'mhàin,
gràs maitheanais air mo shon ; ach gnis naomhachaidh
mar au ceudna. Is i ùrnuigh dhiirachdach a chreidicli
— a th'air a shaoradh o chiont a' pheacaidh, gu' m bi e
air a shaoradh o bhith, agus o thruaillidheachd a
pheacaidh.
"Shaor Criosd a shluagu o mallachd an lagha.
Uime sin, ged a tha mòr shearbhadas ann an cuid de
thrioblaidean a' chreidich ; cha'n 'eil mallachd annta ; oir
tha e sgriobta, gu'm bheil na h-uile ni aig oibreachadh
a chum maith do 'n dream a tha 'ga ghiàdhachadh agus
a tli' air an gairm a reir a rùin.

TEACHDAIREACHB CHE IK NA H-EAGLAIS.
FOREIGN MISSIONS.
" Lmichibh air fcadh an t-saoghail uile, agus searmon-
aichibh an soisgeul do gach duil." Is iad sin na briath-
ran anns an d'thug ar Tighearn seachad ughdarras d'a
dheisciobluibh, an saoghal mòr, farsuing, a thoirt fo
cheannsal dha fein. Tha an obair mòr, tha an luchd-
saothrachaidh gaun ; agus tha feachdan an dorchadais.
neart sluaigh, agus daighnichean laidir a' pheacaidh gu
leir ann ar 'n aghaidh. Faodaidh sinn a ràdh, " Cò a ta
foghainteach chum nan nithe so?" Gidheadh tha ar
foghainteas o Dhia. Bu bheag agus bu lag a' bhuidh-
eann clann Israeil an uair a chaidh iad sios do'n Eiphit,
ach troimh tnhaitheas Dhè", cha b'fhada gus an do

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence