Skip to main content

‹‹‹ prev (477) Page 473Page 473

(479) next ››› Page 475Page 475

(478) Page 474 -
490 EAGLAIS SB
Mr. Rowland Hill. — Bha Mr. Hill 'n a mhinistear
ainmeil 'n a latha. Thachair gu 'n d'thàinig aon da
ionnsuidh aig am àraidh, airson comharra gu Lord an
Tighearna. Innis dhomh, arsa Mr. Hill, do bheachd
mil olcas pheacaidh, agus mu eifeachd fuil Chriosd gu
a ghlanadh uaiun. Thoisich au duine air a bheaclidau
a chur au ceill — agus dh'innis e bruadar a chunnaic e ;
agus mar a bhean am bruadar ri 'inntinn ; agus mar a
bha e mar so air a thoirt fo cliuram anama. 'N uair a
sguir e, fhreagair Mr. Hill, agus thubhairt c. Cha'n 'eil
mi idir, ars' esau, a deanamh dimeas air bruadar duine
math, ach innsidh mi mu bheachd na 's fearr mu d'thim-
NA H-ALBA. [Maidh 1, 1882.
chioll, an deigh dhuinn fhaicinn cionnus a ghluaiseas
tu an deigh so va do dhùisg.
Iain Newton. — Arsa Mr. Newton, "fhuair mi tuill-
eadh croin aig mo dhorus fein, no thachair dhomh amis
gach cearnaidh eile de'n t-saoghal anns an robh mi
riamh. Thuit mi da uair aig mo dhorus fein, agus
dbochaian mi mo ghlun gu dona. Cha do thachair
uiread so do chron dhomh rè na h-uiue gu leir a bha
mi ann an duthanna Cein." Tha so a teagasg dhuinn
a bhi a ghnà — agus aig gach am — aig a' bhaile agus bho
na bhaile ga nar cur fein air curam an Tighearna.
■0-
TEACHDAIREACHD CHEIN NA H-EAGLAIS.
FOREIGN
An TlachdaireaChd. — " Scarmonaichibh an soisgeul do
gach duil." B'i sin àithne ar Tighearna d'a dheisciobluibh.
Bha an gràs cho saoibhir, an gràdh cho mòr, an raon
cho farsuing 's gu'n robh e cruaidh eadhon d'a dheis-
ciobluibh an fhirinn a chreidsinn agus umhlachd a thabh-
airt d'a fhocal. B' fheudar do Pheadar sealladh agus
teagasg àraidh fhaotainn, mu'n d'aoutaich e an soisgeul
a shearmonachadh do Chornelius. Bha'n t-as-creideamh
buadhach mar au ceudna an deigh am an Ath-leasachaidh.
Mu thoiseach nan ceud bliadhna tha nis a dol seachad,
dhuisg an Eaglais o shuain. Bha cuid air am brosnuch-
adh, gu bhi cuir na ceisde, " A Thighearn ciod is àill
lead mise dheanamh ? " Anns a bhliadhn 1808, ghabh
cuignear fhoghlumach, ann an aon de cliolaisdean
America, bòid, gu'n searmonaicheadh iad an soisgeul do
na Cinnich, nam fosgladh an Tighearn dorus gu dol a
steach chum na h-oibre. B'e so toiseachadh saothair
nan Eaglaisean ann an America, am measg fhineachan
dorcha na talmhainn. Thachair an ni ceudna am measg
nam foghlumach ann an Cill-Ribhinn agus chaidh siauar
theachdairean a mach, lan dùrachd, làn dochais, agus
lan creidimh — Nesbit, Duff, Macaoidh, Ewart, Adam,
agus Urquhart. A rithisd anns a bhliadhn 1852, thuit
an t-ungadh os àrd, air fogblumaichean Dhun-eidinn,
agus an lorg sin, chaidh cuignear a chur a mach le teachd-
aireachd an aiobhneis. A rithisd, tha am urachaidh air
tighinn a dh'ionnsuidh ar n-Oil-thighean, agus tha
deichnear dhaoin' òga, 'g an tairgseadh fein, air sou
seirbhis an t-shoisgeil ann an tirean cèin. Tha feum
air luchd-saothrachaidh, agus tha feum air airgiod, chum
MISSIONS.
au cosdas a gliiulain. Tha cuig mile punnd Sasunnach
a dhith air an Eaglais, air son an Teaclidaireachd Chèin
air a' bhliadhna so. Co a cbuidicheas gu[so a dheanamh
suas?
Soirbheachadh. — Tha naigheachd air tighinn o earr-
annan fa leth de na h-Innsean, gu'm bheil am focal air
a shearmonachadh a' giulan toraidh. Chaidh dithis a
bhaisteadh leis na teachdairean ann an Tsinsura, agus
am Bombai. Chaidh teaghlaichean a ghabhail a steach,
air au dòigh cheudna, ann an Nagpòr, Madras, Poona,
Santal, agus mar an ceudna aun an Africa, agus ann an
Siar-Eileanan a chuain mu dheas. Aig Nagpòr, shearm-
onaich Mr. Cooper, agus bhaist e fear, agus a bhean,
agus a mhac, ochd bliadhn' deug a dh'aois, aig an aon
àm. Bha'n tigh lan gus an dorus le sluagh, Innsean-
aich agus Eorpaich.
Tha'n t-Ollamh Midsell a nis air dol do Mhadras, a
saothrachadh anns an t-soisgeil. Tha'n Tighearn a'
nochdadh dha comhara air mhaith anns gach aite. Tha
moran sluaigh a tighinn gu chèile a dh'èisdeachd, tha
iad a fanntuinn le mòr dhurachd, agus ann an iomadh
aite tha cuid a tilgeadh stigh an crannchur le pobull an
Tighearna. Tha daigneach an deigh daigneach air an
toirt fo cheannsal. Cha'n 'eil ach mu cheithir fichead
bliadhna 's a deich o'n chaidh a cheud teachdair a mach
do na h-Innsean agus tha cuig mile Teachdair a' saoth-
rachadh, agus 30,000 a cuideachadh amis an obair.
"Rinn an Tighearn nithe mora air ar son, bha sinn
aoibhneach." Tha am fear cuir a' pilltinn, a' giulan
Bguaban trom a leis.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence