Skip to main content

‹‹‹ prev (472) Page 468Page 468

(474) next ››› Page 470Page 470

(473) Page 469 -
Iuhklh 1, 1SS2.]
IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADII AN T-SOISGEIL.
485
bin deauta gun dàil, — air tùs, tigh-aoraidh a thogail a
chumadh ceithir cheud pearsa ; agus a ris, an t-eilean a
dheanamli 'n a aite-searmonachaidh, le sùil ri bhi ann an
ùine gheàrr 'n a choimhthional suidhichte. Tha àit-
ean eile air an d' rinneadh luaidh, ach mu thimcbioll
nach 'eil rum againn gu sgriobhadh.
Tha an t-iomradh mu thimcbioll oibre a' Chomuinn
aig na bailtibh iasgaich a' nocbdadh fàis agus cinn-
cachaidh ; agus air a' bbliadhna so, air son na ceud
uaire, tha an Comunn a' cur teachdaire dh'ionnsuidh
nan Gaidheal aig an iasgachd an Arco. Bha aon de
na teachdairibh, air a' bhliadhna a dh'fhalbh, a rinn
luaidh gu sònraichte air na buairidhibh d'atn bheil
na h-iasgairean fosgailte, gu h-àraidh ann an comh-
cbeangal ri peacadh na h-ana-measarrachd, no na
misge. Gidheadh. g'an gabhail thar a che"ile, cba-n
f haigbear 's an rioghachd air fad cuideachd ni's stuama,
no ni 's deadh-bheusaicbe na ar n-iasgnirean Gaidh-
ealach ; agus is bochd an ni, gu-n tugadh beagan de
dhaoinibh amaideach, le 'n gluasad ana-measarra, mas-
ladh air am bràithribh, agus air an dùthaicb o'n
d' thàinig iad. Is aobbar ghairdeachais c do chàirdibh
nan Gaidheal gu bheil Cuideachd Mheasarrachd Ghaidh-
ealach air a cur suas o cbionn dà bhliadhna, agus gu
bheil tri mile pearsa a nis ann an comb-cheangal rithe.
Bu mhaith na 'm bitheadh iad 'n an deicb mile fichead.
Tre fhialuidheachd Mhr. Martuinn à Acbendennan
— seanair ro-mheasail a bhuineas d'ar n-eaglais, — tha
an Comunn, air a' bhliadhna so, air cur chùisean an
ordugh chum dithis dhaoine freagarrach a chur uatha,
a reiceadh leabhraichean maith am measg nan iasgair.
Tha aon de na daoinibh so air falbh gu Eirinn ; agus
tha e g'a dhol as a sin gu oirthir Ghallaoibh. Tha am
fear eile a' tòiseachadh aig Barra, agus na h-hitibb-
iasgaich eile air taobh siar ar dùthcha ; agus tha e a'
dol uatha sin gu Baile-nam-Frisealacb, Ceann-Phadruig,
agus bailtibh eile air taobh soir na diithcba. Tha
sinn ag earbsadh mòr-mhaith o oidheirpibh nan daoinc
so chum sgriobhaidhean fallain a chraobhsgaoileadh
am measg nan Gaidheal, a ghiùlameas iad gu 'n teagh-
laicbibh fein, aims na criocbaibh ceine 's am bheil an
còmhnuidh.
Bha iomadh ni eile ann an Iomradh a' Chomuinn, air
son nach 'eil rùm againn an so : ach feudal* aithris,
ann an comhdhunadb, gu-n d'rinn an t-OUamh Mac
Lachlainn, agus an Comunn, a mboladh do'n Ard-
Sheanadh gu-n rachadh an t-011amh Rainy a chur air
leth mar Cheann-suidhe a' Chomuinn so, ann an àite
an Ollaimh urramaich, a tha a nis, le staid a shlainte,
air a choinh-eigneachadh gu obair a thlachd a thoirt
thairis. Dh'aontaich an t - Ard - Sheanadb agus au
t-OUamh Rainy gu-n rachadh comhairle a' Chomuinn
a ghabhail : agus is e ar n-iarrtas agus ar diiil gu-m bi
saotbair ar Cinn-suidhe iiir, agus obair a' Chomuinn
agus nan teachdair a tha 'ri an seirbhi3 air an aideach-
adh, agus air am beannachadh gu mòr leis an Tighearn ;
agus gu-m bi a' Ghaidhealtachd air feadh a criochan gu
leir a' soirbheachadh tre shearmonachadh an Fhocail.
■0
GEARR-IOMRADH MU SHEORAS WISHART
(air a leantuinn).
V.
An uair a bha a' phlaigh a' caitheadh as, fhuair Wishart
litir o a cbairdean, uaislean taoibh an iar Albainn, ag
iarraidh air an coinneachadh an Dune"idinn, agus deas-
boireachd a chumail gu follaiseach an sin ris na b-eas-
buigean. Dh'aontaich e gu toileach. Ach mu'n d'thainig
an t-àm a shonruicheadh, thug an Cardinal ionnsuidh
uaigneach air a bheatha. Dhealbh e litir mar gu-m
b'ann o aon d'a chàirdean "Wishart, triath Chinnear,
ag aslachadh air tighinn far an robh e gun dàil, oir
gu'n do glacadh e le tinneas obann. Chuir e an sin
tri fichead fear armaichte gu luidhe am fàth air an
rathad a bha e gu ghabhail agus a ghlacadh. Dh'fhalbh
Wishart agus beagan cbàirdean maille ris. Ach gu
b-obann stad e, agus an dèigh meòrachadh car tacain,
phill e. An sin thuirt e riu, " Cha teid mi ; tha Dia 'g
am bhacadb ; tha mi dearbhta gu bheil foill ann." Air
do a cbàirdeau dol air an aghaidh, fhuair iad au lucbd
feall-fholacb, agus thàiuig iad agus dh'innis iad siu da.
An sin thuirt e, " Tha fios agam gu-n criochnaich mi
mo bheatha ann an làmhan an duine f huileachdaich sin ;
ach cba-n ann air an doigh so a bhitheas e."
An uair a thàinig an t-àm a chomharraicheadh, chuir
e 'aghaidh air Duneidinn. Chaidh e troimh Dhundeagh
gu Ionarghabhraidh far au do chaith e an oidhche an tigh
Sheumais Watson. Ghabh an tigh uile mu thàmh •, ach
cha b'urrainn do Wishart cadal. Dh'fbhg c a sbcomar.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence