Skip to main content

‹‹‹ prev (344) Page 340Page 340

(346) next ››› Page 342Page 342

(345) Page 341 -
Maidh 1, 1880.]
IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
357
aig an km. Cha-n 'oil an Spiorad a' tighinn a
nuas mar thuiltean air an fhearann chruaidh. Ach
mur 'oil frasan pailfc air bhi ann, tha air a' char
a 's lugha boinneachan air tuiteam air iomadh àite
tioram a tha air an deanamh uaiue agus torrach.
Tha iomadh air an tional a stigh dh' ionnsuidh
comuinn na h-eaglais a measg nan diobarrach a
tha an leth a muigh, agus tha so gu h-àraidh air
àite ghabhail an co-cheangal ri ar n-eaglaisean
cèarnail aims na bailtean. Tha mar an ceudna
fianuis air a thoirt an sud 's an so air iompacbadh
soilleir a thaobh cuid, — taisbeanadh air cumhachd
gràis an Tighearna, a chuir gean air cridheachan
theachdairean. Agus is trie a tha e 'tachairt gu
bheil fior thoradh ann ged nach 'eil et'a fhaicinn,
oir feudaidh an siol fàs gu h-uaigneach, agus a bhi
athaiseach ann an tighinn gu abachadh.
Tha an obair air a roinn 'n a caochladh earann-
au, mar tha : — 1. Ionadau-searmonachaidh, agus
coimhthionalan fo chùram mhinistearan suidhichte,
a tha air an cur ris an eaglais o am gu am. 2.
An t-saothair a tha air a giùlan air a h-aghaidh
ann an deanamh àiteachadh air cèarnan sònruichte,
feumach, anns na bailtean mora, agus a tha air a
sloiuneadh 's a' Bheurla, Territorial. 3. An obair
a tha iomadh d' ar coimhthionalan a' deanamh ann
an suidheachadh teachdaireachd 'n an coimhears-
nachd fhein (Congregational Missions). 4. An
teachdaireachd air son mheineadairean. Agus 5.
Na teachdairean-soisgeulachaidh a tha an t-Ard-
Sheanadh a' cur air leth gach bliadhna gu dol an sud
's an so troimh an tir do gach àite, am baile no air
dùthaich, dh' ionnsuidh am bi iad air an gairm.
Feudaidh sinn an riaghailt a mhineachadh a reir
am bheil an Eaglais a' cleachdadh ann an suidh-
eachadh choimhthionalan, no sgìreachdan, ùra.
Anns a' cheud àite, tha àite-searmonachaidh air
fhosgladh anns an ait a tha air a shònrachadh mar
àite feumach air meadhonan nan gràs, agus tha
searmonaiche air a chumail ann le Comunn na
Home Mission, no, feudaidh e bhi, le coimh-
thional àraidh a tha 'gabhail cùraim dheth. 'N uair
a tha cùisean a' soirbheachadh, agus a' tighinn gu
bhi abuich air son ministear a bhi air a shuidh-
eachadh ann, tha an t-Ard-Sheanadh a' toirt cead
do 'n t-sluagh ministear a ghairm ; agus an sin tha
iad air àireamh choimhthionalan suidhichte na
h-eaglais, ged nach 'eil iad co-ionann ris na seann
choimhthionalan a thaobh beathachaidh. Ach tha
an t-sochair so a' feitheamh orra : oir tha àireamh
shònraichte de na coimhthionalan ùra so air an
togail gach bliadhna gu bonn co-ionannachd a
thaobh conihpairt de ionmhas-beathachaidh na
h-eaglais.
AlTEAN-SEARMONACHAIDH AGUS COIMHTHIONALAN
SUIDHICHTE A THA AIR AN CUR RIS AN EAGLAIS.
Bha na h-;iitean a leanas, air an cur ri àireamh
nan àitean-searmonachaidh air a' bhliadhna 'chaidh
seachad : —
1. Boddam. — Baile beag sluaghmhor, fagus do
Cheann-Phàdruig.
2. Draffan. — Baile anns am bheil lionmhorachd
mheineadairean, le dùthaich fharsuinn mu 'n cuairt
da. Tha e an taobh stigh de chriochan Cleire
Lanark, eadar Crossford agus Lesmahagow. Tha e
'n a chèarna gle fheumach, agus tha dòchas gu 'n
soirbhich an obair a tha air a h-ùr-thòiseachadhann.
3. Maxwelltown. — Earann bhochd agus
shluaghnihor de bhaile Dhumphris.
4. Drumoak. — Sgireachd eadar Abaireadhain
agus Banchory àrd. Tha an luchd - àiteachaidh
meadhonach lionmhor, agus tha mòran d. aitean
eile 'g a thadhall re miosan an t-samhraidh agus
an fhogharaidh. Tha eaglais air a togail ann,
agus tha iarrtus air a dheanamh air son comas
ministear a ghairm ; agus cha-n 'eil teagamh nach
bi an an t-àite an ùine ghoirid fo chùram mmisteir
shuidhichte.
5. Grangemouth. — Tha e air a shònrachadh gu-m
bi eaglais agus coimhthional eile air an cur air
chois 's a' bhaile so, agus le sùil ri so tha an
coimlithional a th' ann a cheana ag atharrachadh
dh' ionnsuidh eaglais uir. Aig a' cheart am, tha
an Comunn a' cumail searmonaiche ann chum
comhnadh a dheanamh ris a' mhinisteir ann an
giulan air aghaidh na seirbhis dùbailte.
6. Glenboig. — Baile beag làimh ri Glaschu.
Tha talla snasmhor de chlachan -creadha air a
thogail ann ; agus an uair a f hritheileadh ordugh
suipeir an Tighearn o chionn ghoirid ann, bha còrr
'us leth-cheud air an gabhail a stigh.
7. Skeltymuir. — Aite mheineadairean ann an
Cleir Dhailche. Tha an obair air a cumail air
aghaidh fo chiiram coimhthionail Chockpcn. Tha
e 'n a àite feumach ; tha talla freagarrach air a
thogail, agus tha dòchas nach bi an t-saothair a
tha air a gabhail air son maith spioradail an
t-sluaigh gun toradh.
Tha tri de na seann àitean-searmonachaidh air
an cur ri àireamh nan coimhthionalan suidhichte
air a' bhliadhna 'chaidh seachad, Wlvfflet, Cleland,
agus Nitshill.
An teachdaireachd ann an cèarnan uireasbhuidh-
each de na bailtean-mòra (Territorial Missions).
Tha ceithir aitean dhiubh so a tha 'faotainn
còmhnaidh o 'n eaglais aig an am, — Ann field,
Parkliead, agus Possil Park aig Glaschu, agus aon
am baile Pheairt. Tha Possil Park fo chiiram

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence