Skip to main content

‹‹‹ prev (277) [Page 273][Page 273]

(279) next ››› Page 275Page 275

(278) Page 274 -
290
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[Iulaidh 1, 1879.
Sustentation Fund, airson cumail suas mhinistearan air feadh na tire. Is e so an t-Ionmhas
a 's ro chudthromaiche, oir mar bi na meadhonan air an cumail suas gu fialaidh,
eireachdail, aig a' bhaile, bithidh na h-uile cuis ann an cunnart. Ma tha sinn ag iarraidh
mhinistearan chumhachdach, ged is ann o'n Tighearn tha an tiodhlac, is èigin duinne mar
dhleasdanas uainn ullachadh iomchuidh a dheanamh dhoibh, le ar cuid a thabhairt chum
sin. Tha aobhar eagail ann gu bheil daoine ann nach do thuig fhathast fior nadur
agus luach an ionmhais so. Cha-n 'eil an t-suim a gheibh na ministearan cho mòr am
bliadhna 's a b'abhaist da bhi, ach cha-n iongantach sin, leis na h-aman cruaidh a th'ann.
Thugadh oidhche do chuis na Gaidhealtachd. Thugadh iomradh a stigh mu obair na
bliadhna ag innseadh mar a shoirbhich leis an aobhar. Tha cairdean fialaidh cuimhneach air
ar cuid de'n tir, agus tha aon charaid air mu dheich mile punnd Sasunnach f hàgail chum an
liadh bhi air a chaitheamh ann an cuideachadh le ministearaibh ann an àitibh bochda.
Bithidh so ro fheumail. Is ann do'n Ghalldachd a bhuineadh an caraid a dh'fhàg an
t-airgiod, 'us chuir e coman air a' G-haidhealtachd. Bha e air iomradh gu robh aon mhinistear
a theich do'n Eaglais Stèidhichte. Cha robh mòran suim aig an t-Seanadh dha. Ma tha e
fèin a' faicinn gu-r fèarr do'n Eaglais bhi fo chuing Cheasair na fo chuing Chriosd, cha robh
iadsan gu bacadh a chur air. Cha-n 'eil sinn ag iarraidh daoine a bhi againn nach eil leinn.
Thugadh là air an Eaglais Stèidhi elite. B'i a' cheist am bu choir dhi bhi ann. Bha cuid a'
meas gu-m b'eadh, ach bha a' chuid mhòr a' meas nach b'eadh ; nach robh còir aice air a bhi
'sealbhachadh sochairean nach 'eil aig eaglaisibh eile, agus gu-n do thog an Eaglais Shaor
fianuis 'n a h-aghaidh o thoiseach, le bhi 'dealachadh rithe.
Bha iomadh ni eile fo aire an t-Seanaidh nach 'eil cothrom againn 'aithris, ach b'iad sud
na puinngean bu chudthromaiche. Bha aon ni soilleir, gu-n robh buill an t-Seanaidh
riaraichte leis mar a chaidh cuisean, agus a' meas gu-n robh làthaireachd an Tighearna
air a mealltuinn aims a clioinnimh.
A' GHAIDKEALTACKD AGUS NA H-EILEANA.
An t-Iomradh Raitheil.
Thoisich an leabhran so air teachd a mach o
chionn còrr is ceithir bliadhna. Air comhairle a'
Chomuinn, a shuidhicheadk leis an Eaglais air son
craobhsgaoilidh nan leabhar-eachdraidh 's an dà
chànain, dh'orduich an t-Ard-Sheanadh an uiridh
an t-Iomradh Gaidhealacb bhi air a chur a mach
air son na bliadhna a dh'fhalbh, anns an dòchas
gu-m bitheadh àireamh ni' bu lionmhoire de na
leabhranaibh so air an reiceadh, gu-m bitheadh am
feumalachd air a meudachadh, agus an cosdas do 'n
Eaglais air a lughdachadh ; agus mar sin gu-m
bitheadh aobhar-misnich ann do 'n Eaglais chum
leantuinn air an cur a mach 's an am ri teachd.
Ach is doilich leinn a chluinntinn gu-n robh na
dòchasa sin, ann an tomhas mòr, air am mealladh ;
agus gu-m b'eigin do'n Chomunn a' cheisd a thoirt
as ùr fa chomhair an Ard-Sheanaidh, air a' bhliadh-
na so, co dhiubh a sguireadh, no nach sguireadh
iad de chur a mach an Iomraidh Ghaidhealaich ni'
b' fhaide. Sheas Ard-OileadairnaColaisdeNuaidh
an Duneideann — an t-011amh Rainy — air taobh
an Iomraidh Ghaidhealaich a chumail suas ; agus
chuir an t-011amh Mac Lachlainn gu diongmhalta
leis. B'i beachd nan cairdean urramach so nach
bu chòir idir an leabhran so a thoirt thairis, an
dèigh uiread de shaothair a chleachdadh m'a thim-
chioll a cheana ; ach gu-m b'iomchuidh gach
oidheirp a ghnàthachadh chum 'fhàgail ni 's feum-
aile na bha e riamh. Thubhairt Dr. Mac Lach-
lainn, an kite stad a chur air na leabhranaibh so,
gu-m b'fhèarr àireamh dhiubh a chraobhsgaoileadh
an nasgaidh anns na cearnaibh a's bochda 's a'
Ghaidhealtachd an iar.
B'e an comhdhunadh, a dh'ionnsuidh an d'thàinig
an t-Ard-Sheanadh gu toileach, gu-n tigeadh an
t-Iomradh Gaidhealach a mach gach ràith, mar a's
àbhaist ; agus tha sinn an dòchas gu-m bi ar
luchd-leughaidh air feadh na Gaidhealtachd aig
saothair chum an leabhran so a chraobhsgaoileadh,
f hada 's a tha sin 'n an comas ; agus gu-n cuidich
iad mar sin araon a chum ar cànain a chumail suas,
agus obair ar n-Eaglais ionmhuinn a dheanamh
aithnichte d'ar comh-luchd-dùthcha.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence