Skip to main content

‹‹‹ prev (253) Page 249Page 249

(255) next ››› Page 251Page 251

(254) Page 250 -
266
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[fanuaraidh 1, 1879.
earrainn so ag innseadh dhuinn, nach robh riamh
leithid de mheas o'n leth a mach air na teachd-
airean 's a tha aig an àm so. Tha an sluagh a'
gabhail ri ainm agus soisgeul Chriosd le urram o'n
leth a mach codbiubh. gu'n luathaiclieadh an
Tighearn air an là 's am bi niòran diubh comas-
ach air a ràdh le f irinn ' cha-n 'eil nair orm a sois-
geul Chriosd : oir is e cumhachd Bliè e chum slàinte
do gach neach a chreideas.'
3. A bhliadhna 1878. — Thaneach a toirt cunntas
mu thimchioll soirbheachadh an aobhair air a'
bhliadhna so ann an 'co-cheangal ris na teachdairean
Americanach.
Tha e ag innseadh gu bheil mu thri mile deug
tharfhichead — 33,000, — air treigsinn an ìodhalan
agus air aideachadh follaiseach air taobh Chriosd a
thogail. Bha gort anns an tìr o chionn da bhliadh-
na, ach 's ann o'n thàinig pailteas chaidh iad so a
bhaisteadh.
4. Tsinduara. — Tha Mr. Dawson, a' toirt fianuis
mu thimchioll toraidhean a shaothar o'n let h a mach,
air son beagan bhliadhnachan. Tha speis agus
urram aig a chuid mhòr do'n t-sluagh do na teachd-
airean. Cha-n 'eil iad 'g an geur-leunmhainn no a'
deanamh magaidh orra mar a b'àbhaist. 'N uair a
labhras iad a nis mu Dhia — achumhachd, a ghliocas,
a mhaitheas, agus a ghràs, eisdidh iad gu dùrachadh.
'Sann 'nuair ashearmonaicheasiad IosaCriosd — Dia
aithnichte anns an fheoil, tha naimhdeas an cridh-
eachan air a dhùsgadh agus air fhoillseachadh.
Ach dh'aindheoin gur h-ann mar sin a tha 'chuis,
bheir iad aire agus èisdeachd do bhriathran agus
theagasg an t-searmonaiche.
5. Madagascar. — Tha cinneachdainn mòr air
tighinn air an eilean agus an rioghachd so. Tha'n
soisgeul gu cinnteach air faotainn buaidh agus ugh-
darras; agus an lorg sin tha fireantachd agus sith
a' ruith air feadh na tire mar shruthaibh fior-uisge.
Tha Ban-righ Mhadagascair, air toirt fianuis
fhollaiseach, ag ràdh, ' Tha mi 'toirt buidheachas do
Dhia gu'n d'thiiinig soisgeul Iosa Criosd do'm tlnr
agus do'm rioghachd. Tha so a 'toirt gliocas do
mo shluagh ; 'toirt aithne dhoibh air Dia, chum '§
gun sealbhaich iad a' bheatha shiorruidh. Air son
an dion a fhuair mi o Dhia, tha mi 'faicinn a bhi
ro mhaith, tha mi a nis a' socrachadh mo rioghachd
air Dia.'
6. Libhingstonia. —Tha Dr. Laws air oidhirp a
thoirt air bunait agus àite tàimh iir fhaotainn air
taobh siar na linne mòr, Niassa. Fhuair e cinn-
fheadhna nan treubhan cairdeach agus caoimhneal.
Tha e ag asluchadh air son ùrnuighean pobull an
Tighearn as leth an oidhirp air talamh iir aiteach-
adh. Rinn an Tighearn nithean mora air ar soinne.
' Pill ar bruid a ris mar shruthaibh 's an àirde
deas.'
Bas an Urr. D. Macleoid, M.A. — Rugadh Mr.
Macleoid an eilean Leodhais 's 'a bhliadhna 1840.
'N uair a bha 'n a ghiulan anns an sgoil nochd e
gu'n do bhuilicheadh air buadhan barrasach. Air
son beagan uine bha e 'n a mhaighstir- sgoil fo'
riaghladh comunn nam baintighearnan an Dun-
eidean, a rinneadh nam beannachd cho mòr do na
Ghaidhealtachd. Re nam bliadhnachan so, bha Mr.
Macleoid adeasachadh air sondreuchd na ministreil-
eachd. 'S a bhliadhna 1873 chaidh a shuidheachadh
ann an Burnshill, an ceann deas Africa. Thug se
e fein do'n Tighearn agus do'n aobhar gu h-iomlan.
Thàinig beannachd agus cinneas mòr an lorg a
shaothar. Cha robh stad air dh' aidbeoin anmhuin-
eachd pearsa, a Shàbaid no 'sheachduinn, ach a'
searmonachadh agus a' teagasg. Chuir e sgoilean
agus luchd-teagaisg an lionmhorachd. Bha e fèin
sonruichte am measg dhaoine fòghluimte, air dha
bhi eòlach air Gailig, Laidinn, Greugais, Eabh-
ruidheach, agus Arabic, maille ri cainntean a'
Ghearmaillt, na Frainnc, agus na h-Eadailte.
Fhuaire an laimh-an-uachdair gu h-ealamh air
cainnt nan daoine dubh an Caffraria. Tha na
ceudan, 's an duthaich fein, dha 'm bi 'ainm, a
shaothair, agus a theagasg, ùrail gu bràth. 'Air
chuimhne shiorruidh bithidh am firean.' Chaochail
e air a cheud là thar fhichead de cheud mhios an
fhogharaidh. Bha e posda ri nighean do Mr.
MacRitsie, teachdaire urramach Sgire a' Chnuic
an Eilean Leodhais. Cuidich, Thighearna ! oir
tha'n t-ionracan a' bàsachadh. Gu'n d'thigeadh do
rioghachd, gu'n robh do thoil air a deanamh air
thalamh mar a tha i deanta air nèamh.' Gu'n
lionadh do ghlòir gach uile thir. Amen.
■o-
ISEAEL.
Tha paipear - naidheachd inbheach Sasunnach
do'n ainm am Fear-amhairc {Spectator) a' toirt
fainear gu-n robh o cheann cheud bliadhna, na
h-Iudhaich 'n an cuspairean tkire, agusgu bheil an
èiridhgu bhi'n an cùis-eagail comharraichte ealamli
— tuilleadh a's ealamh gu bhi làn-theàruinte. Ann
bhi a' soilleireachadh na h-inbhe gus am bheil iad
air tighinn air an aghaidh, tha e ag ainmeaehaclh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence