Skip to main content

‹‹‹ prev (235) Page 231Page 231

(237) next ››› Page 233Page 233

(236) Page 232 -
248
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[Octcltr 1. 1878.
monaich na h- Abstoil fèin. B 'e eaglaia gniomhach
airson Chriosd an fhianuis 'bu shoilleire air i bhi air
a gintinn o neamh.
iNNSEANACn AIR A CHUR AIR LETH MAR MhINISTEAR.
L1T1R AN URR. A. MILNE, CALCUTTA.
Bu mhaith learn sibh innseadh anna an Iomradh
mu 'n Urr. S. A. Daniel bbi air a chur air leth mar
shoisgeulaiche de dhaoinibh na tire, am measg
muinntir dhùcbasaich Uhalcutta.
Bha a bheul air fhosgladb o cbeann ghoirid le
Clèire Eaglais Shaoir Chalcntta, le suil ri e bhi air
a chur air leth mar theachdaire, agus air dha bhi
air a chur fo dhearbhadh mar tha gnàthaichte, chuir
a chlèir air leth e anns an Eaglais Shaoir air an 22»ih.
la de 'n Mhaigh. Bha moran sluaigh an làthair,
cuid dhiubh de 'n mhuinntir Thamil agus Thelugu,
agus aireamh de mhuinntir na h-Eorpa.
Tha Mr Daniel nis 'n a mhinistear, agus bithidh
ughdarras aige nach robh aige roimhe, agus air dha
bhi dol aphòsadh boirionnaich oige eireachdail a dh'
aidich Criosd, de mhuinntir na dùthcha, bithidh
sìiil ris gu-n soirbhich gu mòr le a shaothair.
Tha Mr Daniel ro eudmhor, ghniomhach, am
measg an t-sluaigh ; agus tha mi ag gnidheadh air
cairdibh aobhair Chriosd annsgach àite, gu-n cuimh-
nich iad e fhcin agus a shaothair gu durachdach
aig cathair gràis.
BOMBAIGH.
Tha ceannsuidhe na buidhne a tha 'gabhail
curaim de chraobhsgaoileadh an t-soisgeil anns na
h-Innsibh an ear ,ag aithris gu-m bheil an triùir
theachdairean òga a tha 'giùlan cudthrom na
h-oibre ann am Bombaigh, ach beag air toirt thairis.
Tha an obair ro throm dhoibh. Tha Mr Stothert
anns na beanntaibh airson a shlainte : agus tha
aca ri frithealadh 's an Eaglais Shaoir a tha gun
mhinistear. Na 'm bitheadh ministear aig a'
choimhthional, ia mòr a b' fheairrd iad e, agus tha
an Eaglais ullamh chum soisgeulaiche eile a chur a
mach chum an cabhar. Tha na braithrean ann an
Calcutta cuideachd cur feum air cabhar.
Tha an ceannsuidhe, ann am bhi 'deanamh so
aithnichte do 'n Eaglais a guidheadh o mhinistear-
aibh òga, eudmhor, gu-n tugadh iad sùil air na
h-Innsibh an ear, agus gu-n rùnaicheadh iad iad
fhèin a thoirt do obair an Tighearna 'a an tir
mhòir ud.
AFRICA.
Tha litir o 'n chearnaidh so de 'n fhionlios, a'
labhairt air na daoinibh dubha ris an abrar na
Zulus, agus ag radh ann an aon àito, gur ro
iongantach a bhi 'faicinn coimhthional de na Zulus
ann an aon de na bailtibh aca. Tha iad uile 'n an
suidhe air an làr, mar bi cuid de na gillean òga air
na ballachaibh timchioll. Tha na daoine ann an
aon àite, na mnathan, sean 'us òga, ann an àite eile,
ach dealaichte o 'chèile. Is geur a dh 'eisdeas iad,
theagamh leis nach eil a' chainnt againn ro mhaith.
Ach tha iad ro mhodhail. Air uairibh cuiribh fear
de na daoinibh ceist, ach mar is trice tha iad
samhach. Cha-n 'eil na mnathan cho geur 'n an
èisdeachd ris na daoinibh, 'us cha-n iongantach e,
oir tha iad air an togail gu bhi 'creidsinn nach
urrainn iad ni 'a am bith a thuigsinn. Bhrùidhinn
Mr S uair ri bean mu a h-anam agus a chor.
Thug i gàire mhòr aisde, cha-n ann ris na thubhairt e
ach ris gu-m bruidhneadh e rithse idir, 'us i 'n a
bean, air' leithid a phuinng.
Gun amharus tha bean Africanach na 'a brùideil
na na brùidean a theid am mugha. Ia 'uamhasaeh
mar a laimhsicheash iad na naoidheanan aca, agus
cha bheag an t-iongantas gu bheil a h-aon diubh a
fuireach beò. Oh, gu-n dealraicheadh solus firinn
Dhè a stigh n' an cridhe ! Iarraidh iad agus cuiridh
iad meas air solusan na 'a lugha an ain.
BEACHD AIR OBAIR AN T-SOISGEIL AM MEASG NAN IUDHACH.
JEWISH MISSION.
ISRAEL.
Tha e 'n a aobhar cùraim gu bheil teachdairean glè
ghann air aon oibre an t-soisgeil am measg nan
Iudhach. Bhitheadh e 'n achomharadh air mhaith
nam bitheadh o am gu dm cuid de mhinisteirean
òga ar n-eaglais aig a' bhaile 'g an toirt fhèin do'n
earainn chudthromaich so de shaothair n h-eaglaia,
agus gu-m bitheadh i a' faotainn tuilleadh àite ann
an cùram agus an urnuighcan bhuill na h-eaglais an
cumantas. Oir tha e soilleir o 'n fhirinn gu bheil
iompachadh nan Iudhach agus iomlanachd nan cin-
neach gu bhi air an toirt a steach dlùth-cheangailte
r' a chèile ann an run suidhichte an Tighearna,
agus gur ann tre na h-Iudhaich bhi air an gabhail
air an ais a bhitheas làithean glòrmhor na h-eaglais
air an toirt mu 'n cuairt : " Oir ma 'a e an tilgeadhsan
air falbh rèiteachadh an domhain, ciod a bhitheas
an gabhail air an ais ach beatha o na marbhaith "
(Rom. ii. 15). Ach ged tha ar n-Eaglaia a' cumail
air aghaidh teachdaireachd an t-soisgeil air son nan

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence