Skip to main content

‹‹‹ prev (204) Page 200Page 200

(206) next ››› Page 202Page 202

(205) Page 201 -
April 1. IS7S.] IOMRADH AIR CRAOBHSGAOJLEADH AN T-SOISGEIL.
217
fheadhainn a ghabhas fàth air a' chothrom air
leabhraichean fhaotainn. Agus, maille ri Biobuill
anns gach aon de na ceithir cànainean deug a th' air
an labhairt 's an rioghachd, tha pailteas leabh-
raichean maithe eile, freagarraeh air son gach sedrsa,
agus gach aois air an solar, agus air an reic leis na
colporteurs.
Tha cuid de thoradh na h-oibre se air tighinn gu-
solus, agus cuid ro chomharraichte air a' bhliadhna
so 'chaidh. Is aithne dhomh da theaghlach Iudhach
ann an Transylvania d' an robh saothair Mhr
Riedel air a beannachadh. Tha iad soilleir ann an
solus an t-soisgeil, agus ullamh gu iad fhèin a
cheangal ris an eaglais.
Troimh shaothair nan daoine so a tha a' craobh
sgaoileadh leabhraichean tha spiorad rannsachaidh
air a dhusgadh ann an iomadh àite de 'n tir. Rè
nan ceithir miosan so chaidh bha litrichean ag am o
chuignear, aig am bheil deadh ionnsachadh, ag
aslachadh gu dùrachdaeh gu 'n cuirinn d' an
ionnsuidh leabhraichean freagarraeh air son an
seòladh agus an teagasg ann am puingean a'
j chreidimh Chriosduidh. Tha litrichean eadar mi
agus cuid diubh fhathast ; agus thàinig aon
mhaighstir-sgoile Iudhach asdar fada gu Pesth air
son conaltradh fhaighinn rium gu pearsanta, ged
nach ceadaicheadh 'ujne dha fuireach ach aon
I lath a.
TEACHDAIREACHD CHEIN NA H-EAGLAIS.
NA H-INNSEAN AN EAR.
Puna. — Tha Mr Small, a chaidh a mach an uiridh,
a' toirt cunntas air an oidhirp a thug e, air soisgeul
na sith thoirt dluth do shluagh na tire mu 'n
cuairt dha. Air dhoibh tigh-sgoil fhaotainn, air
son tigh-aoraidh, thoisich iad air na meadhonan
gnàthaichte, a chleachdadh chum an sluagh thoirt
a mach. Roimhe so bha iad mar iasgairean aig an
robh bàta 'us lin, ach cha robh iasg aca ri ghlacadh.
Nis tha iad air dol a mach, a dh' ionnsuidh an
doimhne. Tha an sluagh a' tional mu 'n cuairt
dhoibh 's na sraidibh, agus a nis tha làn-chothrom
aig na teachdairean an soisgeul a shearmonachadh.
Tha toradh a cheana 'g a nochdadh an lorg na
saothar so. Tha cuid a' rannsachadh nan sgriob-
tuirean air an son fein a dh' fhaicinn am bheil
na nithe a thasa cur an cèill do reir na firinn.
Tha da sgoil an ceangal ris an Eaglais. Tha
mar an ceudna, triur mhnathan, dha 'm buin e mar
obair shònruichte, ann Biobul a leughadh anns na
teaghlaichean. Bha ceathrar o cheann ghoirid air
an cur ris an Eaglais gu follaiseach. Tha 'n luchd
saothraich ag asluchadh air son urnuighean pobull
an Tighearna as leth an oidhirp a tha iad a' tabhairt
air an soisgeul a shearmonachadh do gach duil mu
'n cuairt dhoibh,
Padsamba. — Tha Mr Milne ag innseadh dhuinn
gu 'n deachaidh ceathrar a bhaisteadh an so mu
dheireadh na bliadhna. 1. Suna duin òg mu
fhichead bliadhna a dh' aois. 2. Mongla, duin mu
chuig deug thar fhichead. Bha e anns an tigh-
eiridinn, agus ann sin fhuair e eolas air lejgh mòr
an anama. 3. Narain duine mu dha fhichead
bliadhna. Bha e roimh so garbb, cruaidh mar
an ailbhinn, ach rinn gràs atharracbadh mòr air.
4. Bisna, banntrach, mu leth-cheud bliadhna a
dh' aois, a thainig do 'n aite so aig am na gainne,
agus thug an soisgeul buaidh air a cridhe.
Tha an Tighearna' toirt gnuis do na meadhonan a
chomharraich e fèin. Tha soisgeulaich 'dol a mach
le siol an fhocail, agus a reir coslas tha fas agus
cinneas na lorg.
Madras. — Tha earrann de 'n t-sluagh mu 'n cuairt
cosmhuil ri fearann ban, air ùr-threabhadh.^ Tha an
talamh air a bhristeadh, ach cha do chuireadh siol
maith na rioghachd anns an fhonn fathasd. Arsa
fear-lagha og o chionn ghoirid, " Tha mi air mo
ghluasad gu mòr, a thaobh creidimh. Na 'n robh mi
a' faotainn an bhàis an nochd, cha-n eil fhios agam
ciod e a dh' eireadh dhomh. Thrèig an creidimh a
bh' agam mi, 's cha d' fhuair mi do eolas air a
chreideamh Chriosdaidh, na tha toirt neart no solas
domh." Tha moran anns au t-suidheachadh so,
Oh ! gu 'n d' thugadh esan tha 'tabhairt fradharc do
'n dall, fradharc agus solus dhoibhsan, tha mar so
dluth do 'n rioghachd. Tha faisg air 500 pearsa
air tighinn a mach chum eisdeachd an t-soisgeil.
Do 'n Tighearna buiuidh làn-teasairginn o 'n bhàs,
agus an soisgeul a dheanamh 'na chumhachd Dhè
chum slainte do mhoran a' creidsinn.
N AIGHE ACHD AN-E AGL AIS AIR A'
GHAIDHEALTACHD.
MINISTEAEAN AIR AN GAIRM.
Mr A. Lidh a Liabost, gu Inbhearnaruinn.
Mr Teaelach D. Ross, gu Duinbheatha.
Mr D. Macratha, gu Buimllidh.
MINISTEAEAN AIR AN SUIDHEACHADH.
Mr Tearlach D. Ross, ann an Duinbheatha.
Mr D. Macratha, ann am Buiuillidh.
AM PROTEST, NO, AN FHIANUIS DHEALACHAIDH.
Tha sinn a' cur sios an so Protest na h-Eaglais Saoire air a thoirt as " An Fhianuis " a chuireadh a
mach 's a bhliadhna 1845.
Tha sinne, — a tha a' cur ar Làmh-sgrlobhaidh ri so, i Clèiribh na h-Eaglais) chum bhi 'n ar buill do Ard-
mar mhinisteiribh agus Sheanairibh a thaghadh (le I Sheanadh Eaglais na h-Alba, a bha gu suidhe an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence