Skip to main content

‹‹‹ prev (202) Page 198Page 198

(204) next ››› Page 200Page 200

(203) Page 199 -
April 1. 1S7S.]
IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
215
nam briathran gaolach, braithreil, leis am bheil iad
a cur an ceill an taingealachd airson na fiadhlaidh-
e.ichd so.
Ach tha mòr aobhar taingealachd eil' aca do'n
Tighearna, airson an doigh anns an do sbaor e iad
o cbionn ghoirid o an naimhdean. Bha Ard
Riaghlairean na Frainge fo riaghladh a' Phapa,
suidhichte air gach saorsa spioradail agus aimsireil,
anns an rioghachd ud, a chuir sios. Ach direach
'n uair a bha iad gu so a dheanamh ; am freasdal
Dè, chaidh a Ghoverment ud, a chuir a mach, agus
tè eile a chuir 'na h-àite, air a deanamh suas de
naoidu agus ceithir diubh so na 'm Protestanich.
Bha so na rubor iongantas anns an tlr; agus tha
nis saorsa aig an Eaglais anns an Fhraiug, nach
robh aice o cbionn iomadh linn.
Anns an Olaind, agus anns a' Ghearmnilt tha
coltas ath-bheothachaidh anns na h-Eaglaisean —
mar gum bitheadh an Spiorad beannaichte ag anal-
achadh orra. Anns an Eadailt mar an ceudna, tha
coltas gluasaid am measg nan cnamhan tioram.
Mar an ceudna tha deadh naigheachd 'tighinn o
Eaglaisean Bhohemia, Hungary, agus Switzerland.
Ni eile ro thaitneach a tha againn ri innseadh, gu
'm bheil daoin' òga a tha 'g ullachadh airson na
ministreileachd a', tighinn as gach cearnaidh de 'n
Roinn-Eorpa do na Colleges againn. Mar so
gheibh iad na teagasgan a rinn Alba an ni a ta i—
agus a ni na duchanna ud, a chuid agus a chuid,
mar an ceudna, a shoilleireachadh o cheann gu ceann,
le solus glòrmhor an t-soisgeil shiorruidh.
BEACHD AIR OBAIR AN T-SOISGEIL AM MEASG NAN IUDHACH.
JEWISH MISSION.
Constantinople.
Cra bheag a' bheannachd gu bheil sith a nis
eadar na Turcaich agus na Ruisianaich. Bha
muinntir Chonstantinople fo gheilt anabharraich
mu 'n do sguir an cogadh, gun fhios ciod a dh'
fheudadh tachairt. Ach dh' fhan na teachdairean
againn 'n an àite gu foighidneach, a' tilgeadh an
uile chùram airsan aig am bheil cùram dhiubh ;
dhiùlt eadhon na ban mhaighstirean sgoile teich-
eadh do eilean Mhalta, 'n uair a chaidh sin a chur
'n an tairgse. Ach ged a sguir an cogadh, cha do
sguir na truaighean a tha 'g a leantuinn. Gun
luaidh air dortadh fola, agus milleadh, agus sgrios
dèistinneach, do-innseadh, no air a' ghaoir bròin,
agus fulangais, agus bochdainn, nach bi gu grad
air an dichuimhneachadh, tha a nis araon gorta
agus plàigh 'g an nochdadh fèin 'n a lorg. Tha 'am
baile Chonstantinople fhèin miltean air mhiltean
beò air oircheasan na muinntir aig am bheil r' a
sheachnadh. Agus 'n uair a bheirear fainear gu
bheil aig an am so còrr us ceud mile fògarach anns
a' bhailo, agus 'n am measg so iomadh seòrsa plaigh
agus galair, feudar a thuigsinn nach 'eil cor a' bhaile
fabharach do fhallaineachd.
Litir o Mhr Tomort.
Tha Mr Tomory, an teachdair chum nan Iudhach
ann an Constantinople, ag innseadh le subhachas
mu theaghlach Iudhach d' an do fhritheil e òrdugh
a' bhaistidh o chionn ghoirid — Abraham Dresler,
a bhean, agus a dhithis ohloinne. Tha e ag radh
'n a litir : —
"Bha coimhthional dòmhail a làthair aig an
òrdugh sholaimte. Bha còrr' us ceud Iudhach, a
bha 'n an coigrich dhuinn, fir agus mnathan ann, a
bhàrr air a' choimhthional ghnàthaichte. Ciod
a tharruing a leithid a choimhthional ? Coigreach a
thaair bhi mu thri bliadhnaannanGalata. Ochionn
dà bhliadhna thoisicb a mhaighstirean air a bhacadh
othighinn a dh' fhaotainn teagaisg; agus an uiridh
an uair nach b' urrainn iad a chumail air falbh uainn
na b' fhaide, chuir iad airson a mhnatha do Ruisia,
an dòehas gu 'm buadhaicheadh ise air, agus gu 'n
tairngneadh i air falbh uainn e ; agus, an earalas
nach soirbhicheadh an innleachd so, bha na bu
mhiosa aca a' feitheamh air. Bha cuisean cho
bagarrach a 's gu 'n do chomhairlich sinne dha dol
do Ierusalem. Thàinig a bhean le a dithis chloinne
an so. Nan do ghabh sinne gnothuch rithe,
chuireadh so thuige na h-Iudhaich gu ni air bith a
ghealltuinn, no a dheanamh air a son, air son a
cumail uainn. Ach dh' iarr mise air an t-sluagh
againn cumail uaipe ; agus 'sea thachair gu 'n do
dhiobair na h-Iudhaich gu tur i, a rèir an àbhaist,
agus bha an truaghan mar so air a fàgail ann an
uireasbhuidh. Thairg iad a cur air a h-ais do
Ruisia, ach cha chuireadh iad do Ierusalem i, agus
bha i ann an cor truagh, cianail. Chuir mise 'n a
làimh tiocaid gu Ierusalem, gun innseadh dhi co
uaithe a thàinig i. Air dhi ruigheachd fhuair i a
fear gu durachdach ag iarraidh 'n a slighe, agus da
rireadh fo bhuaidh an t-Soisgeil. Bha e ro chaoimh-
neil rithe, agus tha na càirdean eile ro chiallach
'n am buntainn rithe. Choisinn caoimhneas bean
an teachdaire a cridhe. Dh' èisd i ris an t-soisgeul,
agus, uigh air 'n uigh, thearb i i fèin o lagh nan

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence