Skip to main content

‹‹‹ prev (190) Page 186Page 186

(192) next ››› Page 188Page 188

(191) Page 187 -
latmaram I. 1878.] IOMRADH AIR CR AOBHSG AOILE A DH AN T-SOTSGEIL.
203
'n d 1 thug Dia sin as an rathad, agus gu 'm b
urrainn da nis gàirdeachas a dheanamh anns an
fhirinn sin.
Breslatt.
Tha Mr Edward, an teach daire a tha 's a bhaile
so, ag innseadh mu òg&nach Iudhaeh air an d'
tbàinig dusgadh air là na Rèite. Tha an la so
air a cbumail air chuirnhne leis na h-Iudhaich-
Bha e air a shònruchadh le Criosduidhean ann an
caochladh thìrean,gu 'm bitheadh teachdmu 'n euairt
an latha air a dheanamh 'n a àm sònruichte gu bhi
'tagradh ann an urnuigh air son nan Iudhaeh ; agus
tha Mr Edwards ag araharc air cùis an òganaich so
mur aobhar-misneachaidh ann an urnuigh.
Tha leasachadh smuain agus cùraim mu na h-
Iudhaich air a dhùsgadh 's na h-àmaibh so le dà ni
gu sònruichte — 'S a' cheud àite, an teachd air adhart
comharraichte mar shluagh, mar gu 'm bitheadh
Freasdal 'g an ullachadh air son àite na 's àirde am
measg nan cinneach ; agus, 's an dara àite, leis a'
chogadh fhuilteach eadar da rioghachd, de 'm bheil
aon ann an seilbh air seann talamh nan Iudhaeh,
am feadh a tha mar iochdarain aig an aon eile
tuilleadh 'us leth na bheil a dh' Iudhaich air an
t-saoghal.
Aig an àm, 's e teachdairean a tha gu h-àraidh a
dh' uireasbhuidh air an obair. Buinidh do mhinis-
teirean agus do phobull eigheaeh ris an Tighearna
chum gu 'm beanadh e le èibhleag bheò ri bilibh
cuid a cho-èignicheas iad gu ràdh, " Feuch tha mise
an so, cuir fìos leam-sa." B' ann an uair a bha e
ag amharc le truas neo-ehriochnach air an t-sluagh
" Sgapta mar chaoraich aig nach 'eil buaehaill," a
labhair anSlanuidhearbeannaiehte nabriathra comh-
arraichte ud, " Gu deimhin is mòr am fogharadh,
aeh is tearc an luchd-oibre ; mime sin guidhibh-se
air Tighearna an fhogharaidh, luehd-oibre 'chur a
mach ehum 'fhogharaidh fèin."
BAS MB> EOIN FRISEAL AN SGIRE CHILLTARAGLAIN.
Air an fhogharaidh so a chaidh, ghairmeadh
dhachaidh an teachdair eaoimhneil, gradhach so.
Roimh àm an Dealachaidh, bha e a' saothrachadh
aig an àite-searmonachaidh ann an Srath-ghlais.
Aig an am dearbhaidh sin, thilg e steach a chrann-
chur maille ris an àireamh a sheas dileas air taobh
saorsa spioradail na h-Eaglais, agus d' am b' èigin
iad fèin a thilgeadh air son beathachaidh air
maitheas Ceann glòrmhoire na h-Eaglais, agus air
fialaidheachd a buill. Air do choithional na h-
Eaglais Saoire ann an Cilltaraglain eòlas fhaotainn
air fèin, agus air froagarrachd nan comas a
dheònuicheadh dha, chum iadsan a theagasg,
rinn iad le h-aon rùin a ròghnachadh gu bhi 'n a
mhinisteir dhoibh. Rè cheithir bliadhna deug thai*
fhichead shaothraich e gu dichiollach 'n am measg ;
agus o chionn roinn de bhliadhnachaibh chuir e
suas, air a chostus fèin, dà sgoile air son cuideach-
adh le teagasg no h-òigridh 's an sgire. Rinn a
cbomh-fhaireachadh eaoimhneil r' a shluagh, agus
a dhian-dhùrachd air son am maithe, araon aims-
ireil agus spioradail, an cridheacha a cheangal gu
dlùth ris ; agus b' ann le bròn a chunnaic iad an
teachdair grkdhach air a thoirt air falbh uatha. Tha
coithionala thall 's a bbos air feadh na Gaidhealt-
achd as eugmhais mhinisteire ; agus tha ann an so
gairm labhar do dheisciobluibh Chriosd bhi a'
guidheadh air Tighearn an fhogharaidh gu-n
cuireadh e luchd-oibre a mach chum 'fhogharaihd
fèin.
NAIGHEACHDAN-EAGLAIS AIR A'
GHAIDHEALTACHD.
MINISTEARAN AIR AN STJIDHEACHABH.
Mr Dughall M'Cormaig, an Loch Raonasa.
Mr Seumas Eoss, am Bràcadail.
Mr Dunchadh Caimbeul, an Cill Fhionain.
Mr Eoin M'Thamhais, an Inbhearnaoise.
IAIN KNOX.
De uile Mhinistearan na h-Alba, faodaidh e bhi
air a radh, le cinnteas, nach eil aon diubh, a tha
na 's ainmeile na 'n duin' urramach so. B' e an
t-inneal sònraichte e, ann an laimh an Tighearna,
gu obair athleasachaidh a' chreidimh a chur air
aghaidh ann an Alba. Is e a bha 'na mheadhon,
thairis air each uile, gus an rioghachd so a shaoradh
o dhorchadas na Papanachd.
Anns a bhliadhna 1572 dh' fbàs Iain Knox cho
anmhuinn na phearsa, agus gu 'm b' èigin minis-
tear eile a shuidheachadh, gu bhi 'g a chòmhnadh.
Shearmonaich e air an la so, an t-searmoin mu
dheireadh a rinn e. Ghabh e a chead de 'n t-sluagh,
ni a chuir fo mhor mhulad iad. Cha d' fhàg e a
sheomair an deigh so. Dh' fhàs e gach là na
bu laige gu crioch a thuruis. Bha na briathran so
gu trie air a bhilean air leabaidh a bhais. Thig a
Thighearn' Iosa. losa bheannaichte, ann do làmhan,
tha mi 'tiomnadh suas mo Spioraid. Bi tròcaireach
do d' Eaglais a cheannaich thu. Thoir sith do 'n
rioghachd so. Tog suas aodhairean dileas. Deònaich
fuath iomlan do 'n pheacadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence