Skip to main content

‹‹‹ prev (181) [Page 177][Page 177]

(183) next ››› Page 179Page 179

(182) Page 178 -
194 EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA. {Tanuaraidh 1. 1378.
mu dheireadh. Tha e freagarrach a ris gu 'm bitheadh parantan diadhaidh a' seòladh
inntinnean an cuid mac, aig am faigliear gràsan 'us gibhtean, a dh' ionnsuidh na dreuchd.
Cha-n 'eil sinn a' moladh do phàrantan an seòladh mar sud mur bi freagarrachd ann, acli far
am bi, chuireadh sinn sud mar fhiachan air pàrantan. Tha nos againn gu 'm blieil cuid de
pliàrantan a meas nach 'eil i 'n a ceaird bhuanachdail, nach 'eil airgiod r' a cbruinneacbadh
innte, acb is truagb an bi a tbainig air an t-saogbal, ma 's i is crioch an duine ann a bbi
'cruinneacbadb airgid. Tba criecb na 's airde na sin aige. Aeb tha dleasdanasan 'n an
luidhe air eoimhthkmailean cuideachd. 'S a cheud àite, buinidh dhoibh a bhi ag ùrnuidh gu-n
togadh an Tigbearn suas ministearan dileas. Tba aobhar eagail ann gu bheil dearmad air a
dheanamh air an dleasdanas so, agus ma tha, cha-n iongantach ged a bhitheadh an Tighearn
a' nochdadh a dhiomb ann am bhi 'g an àicheadh. Bhitheadh an toradh a rèir na h-ùrnuidh.
As-us a ris bhuineadh do choimhthionailean a bhi 'toirt aire nach bi iadsan 'toirt leiths^eil
do phàrantaibh air a bhi cumail an cuid mac air ais, leis an ullachadh bhochda tha iad a
'deanamh mu choinneamh bhi 'eumail suas an cuid ministearan. Tha cuid ann a bhitheas
'n am breitheamhan eruaidh air ministearaibh, naeh dean acb ro bheag air an son. Tha e 'n
a nàire cho beag 's a bheir cuid a luchd-aideachaidh airson cumail suas meadhonan nan gràs.
Agus cha-n 'eil gnothuch againn a bbi a' dioehuimhneachadh gu bheil nalaidheachd do
aobhar an Tighearna 'n a thoradh air gràs cho maith ri ereidirnh agus dòchas. Agus chuireadh
ministearan feum air a bhi 'sparradh sin air sluagh. Tha cuid ann nach do thuig sin, agus
ma gheibh iad mar a bheir iad is bochd a' chuid a bhitheas aca. Gu-m b' ann a dheònaich-
eadh an Tigbearn luchd-saothrachaidh firinneach a thogail suas gu gràsmhor mu choinneamh
'fhoghair fhèin.
A' GHAIDHEALTACHD AGUS NA H-EILEANA.
1. BuiNILLIDB.
Anns an àireamh mu dheireadh dh' aithriseadh
gu-n deaehaidh Mr MacLeathainn o Shrath-Fhar-
agaig a dh' ionnsuidh a' bhaile so, a shearmonachadh
do na Gàidheil a bha aig an iasgach. 'n uair a
sgriòbhadh e, fhuair sinn iomradh o 'n Teachdair
sin fèin mu thimchioll 'oifere 's a' bhaile sin. Tha
e ag innseadh dhuinn gu-n robh e eeithir Sàbaidean
an sin ; agus gu-n robh e àireamh nan coigreach na
bu lionmhoire na chleachd a bhi ann. Bha còrr 'us
sè fiehead bàta ann air a' bhliadhna so, agus eadar
S3 agus seachd eeud iasgair. Bha tri searmoinean
ann gaeh là Sàbaid. B' àbhaist do 'n t-searmoin
fheasgair a bhi uair mu 'n seach ann am Beurla
agus an Gaelig ; aeh a chionn gu-n robh na h-uiread
de Ghàidheil 's a' bhaile air a' bhliadhna so, bha an
t-searmoin ann an Gaelig air tri feasgairibh an dèigh
a chèile. Bha na h-iasgairean a' frithealadh gach
earrainn de 'n t-seirbhis gu riaghailteach. Aig dà
uair, an uair a bha an t-searmoin Bheurla 's an
Eaglais, bha na h-iasgairean nach tuigeadh an
cànain sin a' cumail coinneimh urnuigh 's an tigh-
sgoile. Air feasgair Dhi-sathuirne bha coinneamh
urnuigh aca 's an tigh-sgoile ; agus bha àireamh
mhaith de na coigrich a' cleaokdadh a bhi lkthair ;
agus cuid diubh an còmhnuidh a rachadh an ceann
na h-urnuigh. Bha luchd-àiteachaidh a' bhaile
mar an -ceudna a' frithealadh na seirbhis gu maith.
Tha Mr MacLeathainn ag ràdh gu-n robh mòr
thoil-inntinn aige 'n a obair ann am Buinillidh ;
agus mur bitheadh gu-n robh e ag ullachadh air son
dol air imrich a dh' ionnsuidh sgire a' Bhac ann an
Leùbhas, gu-n robh e ro-dheigheil air fantuinn 's a'
bhaile gu crich an iasgaich.
2. Baile nam Frisealach.
(0 iomradh Mhr M. Domhnullaich à Lagaidh.)
Bha Mr Domhnullach euig Sàbaidean 's a' bhaile
so ; agus bha coithional ro thaitneach aige, còrr 'us
dà mhìle pearsa ann an àireamh. Bha e toilichte
fhaicinn gu-n robh na Gàidheil co taingeil air son
caoimhneis agus cìiraim comuinn Gàidhealaich ar
n-Eaglais m' an timehioll. Bha e a' searmonachadh
da uair air an t-Sàbaid, agus a' frithealadh na
tcoinneimh urnuigh maille riu air an fheasgair.
Aig a' choinnimh dheireannaich a fhritheil e, b' i a
bharail gu n robh mu thrl cheud deug pearsa a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence