Skip to main content

‹‹‹ prev (157) Page 153Page 153

(159) next ››› Page 155Page 155

(158) Page 154 -
154
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[April 2. 1S77.
fheith i vis au latha, agus an uair shona anns an
robh i gu Iosa Criosd aideaehadh gu follaiseach mar
am Mesiah agus a Fear-Saoraidh.
" Agus cionnus a 's urrainn mi m' aoibhneas agus
mo thaingealachd fhein a chur an ceill ! ! gu 'n
dean E sinn comasach air buanachadh 'n ar ' ceud
ghràdh,' agus gu 'n dean E ar cridheaehan a
lionadh leis fein, air chor a 's gu 'm bi beò-mhoth-
uchadh againn a ghnàth air nach leinn fhèin sinn
fhein.
" Tha agam na's fhaide ri innseadh ni a chuireas
subhachas air 'ur oridhe, gu 'n d' fhàg briithair mo
mfinà a chàirdean an Lemberg, chum aideaehadh a
dheanamh air Criosd. Bha litrichean aige chum an
Aodhair Gotthiel, an Stuttgart, neach a ghabh ris
gu càirdeil, agus a thug fàrdach dha ; agus tha e
nis air àite fhaotainn maille ri Mr B., fior Ghriosd-
aidh, agus tha e a' soirbheachadh air gach dòigh.
Tha litir agam o Mhr Gottheil ag innseadh gu bheil
e ro riaraichte leis, agus gu' bheil dùil aige a bhais-
teadh an ceann mios.
"Bithidh cuimhn' agaibh air mo charaid mu 'm
b' àbhaist domh bhi 'g innseadh gu' n robh e fhein
agus raise air ar dùsgadh aig an aon am, agus gu' n
do thòisich sinn air an Tionmadk Nuadh a rann-
sachadh còmhluath. Ghairm an Tighearn esan mar
an ceudna air 'ainm, agus is leis e a nis.
" ! gu 'n luathaichear an latha anns an dean an
Tighearna tròcair air cinneach Israeil uile, agus
aims am bi uile bhraighdean Shioin air an saoradh !"
Da bhaisteadh an Galata laimh ki
Constantinople.
A relr mar a shònruiclieadh, bhaisteadh Ioseph
Gotthiel, agus Isaac Neuman air an t-Sabaid mu
dheireadh de October. Aig a leithid so a dh' àm,
'n uair a tha an t-òrdugh air fhrithealadh do thuill-
eadh 'us aon, tha sinn gu bhi 'toirt an aire, mar
tha eadar-dhealachadh thiodhlacan, agus eadar-
dhealachadh ann an ceuman an treòrachaidh leis an
Tighearna, ach an Aon Spiorad ann. Tha an clithis
so o dbùthchaibh eadar-dhealaichte agus tha an
eachdraidh tur eu-coltach r' a chèile ; agus gidheadh
'n uair a tha iad araon air an toirt chum an aon
mholldair, agus gu blasad air maitheas agus tròcair
ann an Criosd, tha an t-aon iarrtus, an t-aon to-
gradh air an dùsgadh annta araon, an t-aon iarraidh
air fois agus sith, agus an t-aon toradh a' leantuinn.
cadhon gabhail ri Criosd. Ach air an làimh eile,
ann an toradh agus cleachdadh a' chreidimh, tha
sinn a' faicinn a ris, an t-eadardhealachadh nàduir
agus cruth inntinn, ged is c an t-aon ghne a tha 'g
oibveachadh.
Tha Ioseph de mhuinntir lerusaleim, agus tha a
phdrantan agus a chàirdean an sin fhathast. Cha
do dhùraig e dol ach aon uair a dh' ionnsuidh
teachdaiv an t-soisgeil, agus thug na h-Iudhaich
uaithe a bhean agus a leanabh. Chuir a' bhuille
ghoirt so preathal air, agus thug e thairis car ùine ;
ach an uair a ghlac e misneach aon uair eile gu
'inntinn a thionndadh rathad an t-soisgeil, agus a
ehaidh e rathad an teachdaire, mhaoidh 'athair a
bheatha air ; agus, air d' a chàirdean bhi fiosrach
air an duine dhoirbh a th' ann, chomhairlich iad do
'n ghille bhochd (oha-n 'eil e ach fichead bliadhna
lerusalem fhàgail agus tighinn d' ar n-ionnsuidh-nc.
Tha an gealladh dhoibh-san a shireas an fhirinn
gu dùrachdach, gu 'm faigh iad i. Bheir ar Dia
duais dhoibhsan a dh' iarras e gu dichiollach. Tha
an duais aca cheana, ann an seadh, anns an iarrtus
fhein ; agus ma 's e a' s aig a' cheud dhol a mach,
gu' bheil iad troimh fhulangas agus fhèin-iobradh
air an gairm gu bhi a' toirt suas na bheil aca air
altair Chriosd, gu bhi " a' meas nan uile nithe 'n
an call air son òirdheirceis eòlais Iosa Criosd an
Tighearna," cha trie a thèid iad troimh an amhuinn
sin gun an cridhe bhi air a leaghadh troimhe, agus
an tuilleadh faisgeachd air cathair grkis. Is ann
mar so a dh' èirich e do Ioseph. Thuit an siòl
maith air talamh air a dheadh ullachadh, agus thug
e uaith toradh maith. Bha e 'n a shochair a bhi 'g
a theagasg. A dh' ionnsuidh a leithid-san tha an
soisgeul a' tighinn le cumhachd dùbailte. Tha e de
inntinn aon-fhillte, agus 'n e an t-aon iarrtus a th'
aige, tuilleadh eùlais fhaghail air an Tighearna.
Tha atharrachadh eachdraidh aig Isaac. Bha e
rè fagus do bhliadhna fo theagasg : le ceumaibh
athaiseach chaidh e air aghaidh chum eolas na
firinn. Ach tha e seasmhach, agus suidhichte gu
daingean air a' Charraig. Tha e de shuidheachadh-
inntinn sàmhach, ciiiin, agus a' ghnàth deònach air
ar toileachadh. Tre ghràs Dhè, bithidh e 'n a
Chriosdaidh cogaiseach, seasmhach, agus an còmh-
nuidh ag oidhirpeachadh maith a dheanamh. Tha
e an tràths' a' cuideachadh 's an sgoil, agus a'
deanamh gu maith.
Ach tha fcarg nan Iudhach an Galata air a
dùsgadh leis na baistidhean so, agus tha iad a'
feuchainn ri 'n seann innleachdan a chleachdadh.
Tha iad a rithist a' dol gu 'n dichioll gu sgoil a
chur suas. Ghabh iad tigh gun bhi fad uainne,
agus chord iad ri Gearmailteach a tha 'n anacreid-
each gu bhi 'n a mhaighstir-sgoile. Chithear cia
mar a shoirbhichcas leo. Dh' fheuch iad an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence