Skip to main content

‹‹‹ prev (137) Page 133Page 133

(139) next ››› Page 135Page 135

(138) Page 134 -
134
E AG LAIS SHAOR NA H-ALBA.
[Iaiuiaraklh 1. 1877.
QUEENSLAND.
So cearnaidh de Australia, a tha ro bheartach ann
am fònn fearainn, agus ro fharsuing. Tha an
sluagli a sior dhol a mach d'a h-ionnsuidh ; agus uime
sin, tha an Eaglais againn a' deanamh na dh' f haodas
i, gu ministearan a chur maille riu. Ach cha 'n eil
iad ach teirc a chaidh fathast a mach, an coime'àa ri
aircamh an t-sluaigh, agus farsuingeachd na tire.
Tha Mr Hume a chaidh mach o chionn ghoirid,
a' sgriobhadh dhachaidh, gu 'n d' rainig e gu tear-
uinte ; agus gu 'n robh e air fhailteachadh le mòr
ghràdh, le Mr M'Culloch ; aon de na ministearan a
tha 'n sud ; agus a choinnich e air dha dol air tir.
Tha sinn duilich a ràdh, a bhrigh fliuchadh a fhuair
Mr Hume air long air an deach e mach, gu "n do
bhris a shlàinte air ann an tomhas. Bha aige ri sgur-
sainn do shearmonachadh sè seachduinean. Tha e
a nis ni 's fearr. Guidheamaid ris an Tighearna,
gu 'm bi e air a neartachadh 'na choluinu agus na
anam, agus a shaothair gu mòr air a beannachadh.
AFRICA MU DHEAS.
Tha Mr Cachet, Iudhach agus aon de na minis-
tearan anns a chearnaidh so, a' sgriobhadh — "gu
cinnteach tha Eaglais Shaor na n-Alba na h-Eaglais
a tha gu mor air a beannachadh leis an Tighearna.
A nis agus a rithist bha an Tighearna a' dortadh
spiorad ddsgaidh oirnn anns a' chearnaidh so, ach tha
nìòran ri dheanamh fathast, agus an luchd saoth-
rachaidh teirc. Biodh na bràithrean ann an Alba,
a cuimhneachadh nam braithrean ann an Africa
mu Dheas aig Cathair tròcair." Deanamaid so.
Tha Mr Macdonald, aon eile de mhinistearan na
cearnaidh so, a cur ruinn gu cruaidh, airson
mhinistear a chur a mach do 'n bhaile do 'n goirear
Lunnain-an-ear (East London). Tha e 'g ritdh gu
'm bi am baile so fathast na bhaile mor, saoibhear.
Uime sin, gu'm bheil e ro fhèumail gu 'n suidhich-
eadh sinn ministear ann gun dàil.
Tha so gu leir a' nochdadh dhuinn,cia chofarsuing,
mor, agus a tha an ràon a th' againn anns na
Colonies ; agus uime sin, am fèum gu 'm biodh
teachdairean air an togail, gu bin dol do 'n ionnsuidh,
agus toil air a toirt do hluagh ar 'n Eaglais, gu
comhnadh a thoirt dhoibh, gu so a dheanamh.
TIR MHOR NA ROINN EORPA.
Mar a dh'ainmicheadh ann an aireamhan a chaidh
roimh so, tha ionadan sonruichte searmonachaidh,
aig ar n' Eaglais air Tir Mhor na Roinn Eorp'.
Tha a' bhuidheann air am bheil cùram a' ghnothuich
so, air rian a dheanamh, a rèir am bi an soisgeul
air a shearmonachadh re a' gheamhraidh, anns gach
aon diu. Tha aon bhaile deug anns am bi so air a
dheanamh le ministearan ar n' Eaglais, re a' gheamh-
raidh so, a tha nis ann. Tha a' chuid a's mo de na
h-ionadan so, anns an Eadailt ; ach tha aireamh
dhiubh an taobh deas na Frainge. Cha 'n urrainn
sinn gun a thoirt fainear, le taing do 'n Tighearna,
gu 'm bheil a' leithid a chothrom air a thoirt anns
an Eadailt, a bha thuige so, cho mòr fo dhorchadas
na Papanachd. Tha so a' nochdadh mar a tha
cumhachd an Ana-Criosd a' lughdachadh ; oir cha
'n fhada o 'n là, air nach biodh a chridhe againn,
ar beòil fhosgladh, anns na cearnaidhean ud.
Biomaid ag ùrnuigh, gu 'm bi a chumhachd air a
bhriseadh ni 's mo agus ni 's mo.
Feudaidh sinn ainmeachadh mar an ceudna, ni
eile a tha 'nochdadh cionnus a 'tha an fhirinn a'
soirbheachadh air Tìr Mhòir. Tha Eaglais an sud,
do 'n goirear Eaglais na Waldenses a tha 'na fianuis
air taobh Chriosd o chionn ceudan de bhliadhnaich-
ean air ais. Is iomadh ionnsuidh a thug am Papa,
gu a cuir fodha ; agus cha mhor nach d' rinn se e.
Chuir an Eaglais Shaor Ministearan a dh' fhailteach-
adh Ard Sheanadh na h-Eaglais so, air September
a chaidh seachad. Bha e air innseadh dhoibh o
chionn cuig bliadhna deug air ais nach robh aca
anns an Eagais gu h-iomlan, ach cuig sgireachdan
deug. A nis tha soirbheachadh cho mòr leatha, agus
gu 'm bheil da fhichead agus cuig Eaglaisean deug
aice ; maille ri tri fichend ait' eile, far am bheil a
ministearan a' searmonachadh an t-soisgeil. Gu 'n
soirbhicheadh an Tighearna ni 'e mo agus ni 's mo
le 'aobhar anns na cearnaidhean dorch' ud.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence