Skip to main content

‹‹‹ prev (135) Page 131Page 131

(137) next ››› Page 133Page 133

(136) Page 132 -
132
EAGLAIS SH AO 11 NA H-ALBA.
[lanuaraidh 1. 1877-
n ainm so ro lionmhor, agus tha cùig 'ar fhichead
diabh air an àiteachadh. Tha an sluagh an cum-
antas glè bhochd,agus neo-chomasach air meadhonan
a chumail suas. Tha an Eaglais, tre chomunn an
Home Mission, a' cumail suas àitean-searmonach-
aidh far nach 'eil ministear suidliichte, agus a' toirt
cuideachaidh chum stipinn a' mhinisteir a phàigh-
eadh ann an coimh-thionalan ùra.
Quaiìff. — AiTEAN-SEARMONACnAiDH. — Tha an t-àite
so sè mile o bhaile Lerwick, leth-rathaid eadar e
agus Dunrossness. Tha fear-ceasnachaidh a saoithr-
cachadh ann. Tha e dall, ach glè fhreagarrach air
son na h-oibre, agus e measail aig an t-sluagh. Tha
eaglais bheag, ghoireasach ann, maille ri tigh-comh-
nuidh do 'n fhear-cheasnachaidh Tha eadar ceithir
iichead agus ceithir fiohead 's a deich a' frithealadli
air an t-Skbaid, ieth-clieud 's an sgoil-Shàbaid, agus
behead ann am Buidheann Biobuill. Tha mar an
cjudna coinneamhan-ùrnuigh, agus coinneamhan-
teagaisg air an cumail air aghaidh feadh an kite.
Tha an t-àite ro fheumach, agus staid diadhachd gle
'osal mu 'n cuàirt air. Tha o cheann ghoirid
comharran air toraidhean grksmhor r' am faiciun an
lorg nam meadhonan.
West Yell. — Tha an t-kite so an Eilean Yell
agus 'n a earrann de 'n sgireachd sin ; ach tha an
Eaglais cùig mile deug air falbh, agus monaidhean
'us mòintichean farsuinn eatorra. Tha eaglais ann
a chumas dlùth air tri cheud, agus tigh air son an
teachdaire. An taobh a stigh do mhile gu leth tha
ceithir behead teaghlach A bharrachd air an
t-seirbhis air an t-Sàbaid, tha coinneamhan air
feasgair na Sàbaid an tri àitean mu 'n seach, coinn-
eamhan-ùrnuigh air an t-seachduin, agus Buidheann
-Biobuill.
Sandness. — Buinidh so do sgire Walls, an sgir-
eachd, feudar a ràdh, a's duilghe shaoithreachadh 's
na h-eileanaibh uile. 'S e àireamh an t-sluaigh a
tha 's an sgireachd ceithir cheud deug; agus tha
iad roinnte 'n an tri earannan, — earann am Walls,
carann an Sandness, seachd mile air falbh, agus
earann eile am Papa Stour, eilean a tha a r a sgaradh
o 'n eilean ris an abrar Tir-mhor le coalas-mara
doinionnach, mile gu leth air leud. Tha ochd fichead
luchd comanachaidh ann, de 'm bheil leth-cheud an
Sandness. far am bheil eaglais a chumas ochd fichead.
Tha beagan airgid air a thional air son eaglais a
thogail am Papa.
Tha tri coimhthionalan ùra anns am bheil minis-
tearan air an suidheachadh — Dunrossness, Fetlar,
agus Weisdale— mu nach urrainn sinn labhairt air
leth. Tha iad, mar a dh' ainmich sinn, 'n an àitean
bochda, agus an eisimeil c'jmhnaidh air son am
ministearun a chumail suas.
L\xrs-TnoRC (Orkney).
Tha na h-eileanan a tha fo 'n ainm so na's dlùithe
do laimh na eileauan Shialltuinn. Ged tha minis-
tearan agus coimhthionalan suidliichte 'n am measg,
giilheadh tha iomadh kite fàsail annta, far nach 'eil
mimstearan no òrduighean suidliichte. Ann an
sglre Walls, air son eisimpleir, tha eilean anns am
bheil còrr 'us ciiig ceud anam, gun eaglais de sheòrsa
air bith ; agus is ann ainmig fad leth na bliadhna a
gl.eibh an sluagh thar a' chaoil do n eilean 's am
bheil eaglais na sgireachd. Tha an sluagh air bhi
air an dearmad gu mòr. Agus tha a' bliuil. Tha
an suidheachadh spioradail fad o bhi ta.itneach.
Tha ar n-Eaglais, tre ar Home Mission, air toiseach-
adh o cheann ghoirid air oidhirp a dheanamh air
greim a ghabhail do 'n t sluagh. Tha an t-uachd aran
ro thoileach larach eaglais a thabhairt, agus an
iomadh rathad tha e 'g a thaisbeanadh fhSin fialuidh
agus càii deil.
PoRT-G nLASCHO.
Tha àit' iir air l'hosgladh an ceann an iar a' bhaile
so. Tha da mhile gu leth anam 's an earainn so air
son am bheil meadhonan 'g an ullachadh. Tha
eaglais iaruinn air a cur suas, a chumas ceithir
cheud gu leth, agus achosdas mile punnd Sasunnach.
Tha dòchas, tre shaothair an t-searmonaiche agus a
luchd-cuideachaidh, gu 'n tig e an dine ghoirid gu
bhi fo chùram ministeir suidhichte.
EAGLAIS-CuiJlnNEAOriAIN' DlIR Candlisii, an
Glascho.
Chaidh clach-stiidh na h -eaglais so a leasiail.
Tha l 'g a togail ann an sraid Chaldair, air Rathad
Chathcart, far am bheil sluagh lionmhor, agus a
ghnàth a' dol an llonmhorachd. Cha-n 'eil ach tri
bliadhna o 'n a dh' fhosgladh àite-searmonaehaidh
ann. 'S an km sin dh' fhkg Mr Stiabhard, minis-
tear na h-Kaglais saoire an Ycster, a choimhthional,
agus thainigegu bhi air ceann na h-oibre. Beagan
an dè gh sin thug an t-Ard-Sheanadh cead minis-
tear a ghairm, agus tha Mr Stiùbhard air a ghairm,
agus air a shuidheachadh ann. Tha an coimhthional
air meudachadh gus am bheil a nis tri cheud luchd-
comanachaidh ann. Gus a so bha iad ag aoradh
ann an Talla a thogailh air làrach na h Eaglais.
Cha-n fhoghainn so ni 's fhaide ; tha uime sin
eaglais eireachdail 'g a togail, a chumas mile, agus
a chosdas cùig mile punnd Sasunnach. Gidheadh
an dèigh na chuir an coimhthional fhèin cruinn,
agus an còmhnadh a fhuair iad o 'n chomunn air son

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence