Skip to main content

‹‹‹ prev (111) Page 107Page 107

(113) next ››› [Page 109][Page 109]

(112) Page 108 -
108
E AG LAIS SHAOR NA H-ALBA.
[lulaidh 1. 1S7C : .
BAS THEACHDAIREAN.
Bas Mhr MiiicLeoid, a b:ia an Ardchlach.
Air aa naoitheamh là deug de cheud mhios an
Earraich, chaochail an duine urramach so aig Baile-
ùr-nan-Caimbeulach, anns an robh a chòmhnuidh
an dèigh do theachdair òg bhi suidhichte 'n a àite
an Ardchlach.
Rugadh e ann an sglreachd Rogbairt ; ach an am
'oige chaidh an teaghlach d'am buineadh e air imrich
gu Inbheargordon, far an d' fhuair e ionnsachadh
maith fo theagasg Mhr T. Ros. M'an bhliadhna
182-1 thòisich e air teagasg sgoile ann an sglreachd
Ruith-sholuis,faran do mheal e ministreileachd,cair-
deas, agus teagasg Mhr Sage urramaich, a chleachd
da, fheasgair de 'n t-seachduin a chaitheamh 'n a
theagasg. Trid nan cothrom a shealbhaicheadh
agus a chuireadh gu deadh bhuil leis, bha e 'n a
sgoileir maith an uair a chaidh e an toiseach do
Cholaisd Obaireathain, 's a' bhliadhna 1820. Ann
an sin bha mòr mheas air aig a luchd-teagaisg uile,
air son a dhichill, a chomasan inntinn, agus a ghluas-
aid deadh-blieusaich. Dhiùlt e tairgse mhaith o
Dhr Gordon agus o Dhr Dickson gu dhol do Dhuin-
èidin, a theagasg agus a dh' ionnsachadh, a' meas
gu-m b' e a dhleasdanas fantuinn 's an taobh-tuatha :
agus anns a' bhliadhna, 1833, shuidhicheadh e mar
mhaighistir sgoile sgireachd Chinn-a'-charduinn, far
an d' fhan e gu km an Dealachaidh 's an Eaglais.
Ehritheil e Talla na Diadhaireachd ann an Obair-
eathain, far an d' fhoghlum e Eablira fo theagasg
Dhr Kidd, Diadhair ainmeil, a thug mòr speis da.
Trid a mhothachadh domhain air a mhi-airidhcachd
fèin, agus air cudthrom dreuchd na ministreileachd,
cha d' iarr e o 'n Chlèir cead searmonachaidh gus
an d' thàinig bliadhna an Dealachaidh. Thugadh
an ceadsindhagu toileach leCleireBhaile-dhuthaich,
aig a' choinnimh dheireannaich a bha aca m' an
do bhriseadh an ceangal eadar Eaglais na h-Alba
agus an Stàt : agus air aon de Shàbaidibh Ard-
sheanaidh na bliadhna 1843, thug Mr M'Leoid
seachad a cheud searmon ann an Eaglais Bhaile-
dhuthaich. Air an ath bhliadhna, shuidhicheadh
e ann an Ardchlach, far an do shaothraich e gu
dichiollach agus gu coguiseach gus an d' fhàilnich
a thrèoir gu buileach-
Tha o coltach gu-n robh eagal De air o làithibh
'oige. Bha breithneachadh soilleir aige de theag-
asgaibh agus de àitheantaibh a' Bhiobuill, air an
robh a mheadhrachadh oidhche 'us là.
Is e an tcisteas a thugadh m' a thimchioll le
ministear urramach, a bha mion eolach air còrr 'us
dà fhichead bliadhna, gu-n robh Mr M'Leoid a'
maiseachadh teagaisg Dhè agus a Shlànuidhir anns
na h-uile nithibh ; gu-n robh e comharraichte air
son 'irioslachd, agus 'fhein-àicheadh, air son a
ghràidh do phobull an Tighearna, agus 'eud a thaobh
glòir an Fhir-shaoraidh, agus cinneachaidh 'aobhair-
san ; agus gu-n do ghleidheadh a thrusgan gun
smal gus a' chrich.
Bas Mhr Domhnullaich a bha am Baile-a'-chaolais.
Air an treas là deug de cheud mhios an t-samh-
raidh, ghairmeadh an teachdair so a dh' ionnsuidh
'fhoise, aig aois naoi bliadhna deug thar fhichead.
Rugadh e ann an Siorrachd Rois ; agus dh' fhogh-
lumadh e air son na ministreileachd ann an Colais-
dibh Ghlascho agus Dhuineidin. Bha kite àrd aig
am measg a chompanach air son fòghluim ; agus
bha e 'n a dheadh sgoileir Eabhra. Air a' bhliadhna
1867, shuidhicheadh e mar mhinisteir ann an sgir-
eachdaibh aonaichteBhaile-a'-chaolais agus Ghlinne-
comhainn. Air d' a shlàinte briseadh o cheann da
bhliadhna, chaith e an geamhradh so a chaidh
ann am Bournemouth an Sasunn, a' pilltinn gu
Duineidin ann am meadhon an earraich ; agus an
sin chaochail e. Bha greim daingean aige de theag-
asgaibh mora an t-soisgeil; agus bha araon a shear-
monachadh agus a chaithe-beatha a' deanamh aith-
nichte gu-n robh e fèin fo am buaidh. Mar theach-
dair bha e taitneach don t-sluagh ; agus bithidh
bròn nach beag air son a bhàis air feadh na Gaidh-
ealtachd, far àn robh mòr spèis dha. Bha e pòsda
ri nighinn do Mhr Mac Aoidh nach maireann, a bha
an Liabost ; agus dh' fhàg e bantrach agus dithis
chloinne.
NAIGHEACHDAN-EAGLAIS 'S A'
GHAIDHEALTACHD.
MINISTEAR AN AIR AN GAIRM.
Mr Eachainn Cameron, o Thigh na bruaiche gu
sgire nan Loch.
Mr A. Murchison, a Bun Ilidh gu Glascho.
MINISTEARAN AIR AN SUIDHEACHADH.
Mr Domhnull Mowat, aig Dunait, an Gallthaobh.
MINISTEARAN A CAOCHAIL.
Mr William Domhnullach, à Baile a' chaolais.
Mr Eoin Fletcher, à Bràcadail.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence