Skip to main content

‹‹‹ prev (85) [Page 81][Page 81]

(87) next ››› Page 83Page 83

(86) Page 82 -
82 EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA. [April 1. 1870.
an toirt uainne ; ach an dearbh Phatronachd a tha iaclsan ag ràdh a fhuair iad, is ann o 'n
Pharlaniaid a fhuair iad i, agus faodaidh a' Pharlauiaid a' toirt uatha a rls. Agus cha-n e
sin uile, ach am fear a chuireadh an Eaglais Shaor fo chuing na Staid a ris, gun aithreachas
no tionndadh o na rinn iad oirre roimhe, cha d' rugadh e fhèin 'us gliocas air an aon là.
Faodaidh bhi gu 'n do chleachd iad samhladh air a bhi 'toirt an còirichean do 'n phobull,
ach cha chuala sinn guth o aon neach 'nam measg, air a bhi 'toirt a chòirichean do Chriosd.
Agus gidheadh, ehaidh cuid de mhuinntir Sgireachd Uige stigh leo gu h-iongantach.
Cha-n urrainn sinn a ràdh ach gur beag tha a choslas orra gu 'm b' aithne dhoibh am fhianuis
a bh' aca, no ma 's e 'us gu 'm b' aithne, is beag bha a cheangal aca rithe.
Bha cruinneachadh airgid air a dheanamh o chionn ghoirid airson oilthighean (colleges)
na h-Eaglais Saoire. Bithidh cairdean toileach a bhi 'cluinntinn ciamar a tha 'dol doibh air
a' bhliadhna, oir tha fios air a so, nach bi sluagh na h-Albainn gu bràth riaraichte le minis-
teiribh nach bi foghlumta, cho maith ri gràsmhor. Tha aig an àm ann an oilthigh Dhuineidin
126 foghlumaiche. Dhiubh sin tha 26 o eaglaisibh eile, cuid o Staidibh America, cuid
o Chanacla, cuid o na Presbiterich Aonaichte, cuid o Eaglais Phresbiterich Shasuinn, cuid o
Eirinn, cuid o Uales, cuid o na Baistich, agus cuid o na h-Independents. Tha feadhain ann
o Hungaraidh, o Bhohemia, o 'n Eadailt, o 'n t-Suain, o 'n Chajie of Good Hope, o New
Sealand. Tha 60 ann an Oilthigh Ghlascho, agus 24 ann an Abaireadhain, cuid diubhsan mar
an ceudna o eaglaisibh eile. Tha 's an iomlan 210 foghlumaiche aig an Eaglais Shaoir, mu
choinnimh 194 a bh' ann an uiridh. Tha so 'n a aobhar molaidh do 'n Tighearn, a tha 'toirt
luchd-saothrachaidh air adhart chum oibre an fhoghair mhòir. Agus is taitneach a bhi
'faicinn Eaglaisean eile a' cur a leithid a mheas air teagasg nan oilthighean againn. Tha
meas aig an tir fhathast air teagasg glan.
Chualas a chionn ghoirid o na daoinibh urramach a chaidh mach gu Livingstonia ann an
Africa, chum an Soisgeul a shearmonachadh do na daoinibh dubha. Eainig iad an t-àite, an
deigh saothair mhòr a dheanamh, a' dìreadh aimhnichean casa, 's a' siubhal coilltean dlùtha,
fo theas a bha anabarrach. Tha an soitheach beag toite aca a nis a' seòladh air Loch mòr
Nyassa, agus fuaim an t-soisgeil ri chluinntinn far nach cualadh riamh e. Thu luchd-reic 'us
ceannach nom tràillean fo eagal mar tha. Gu 'm b' ann a shoirbhicheadh an Tighearn leis na
daoinibh fiuthail, 'us gu 'm bitheadh a bheannachd 'g an leantuinn gach taobh a theid iad.
A' GHAIDHEALTACHD AGUS NA H-EILEANA.
An Soisgeul an Eilean I agus an Ros Mhuileach.
Tha Mr D. C. Ross, ann an litir gus an Ollamh
Mac Lachlainn, ag innseadh gu-n do chaith e trl
Sàbaidean, a thuilleadh air Mthibh seachduin, anns
na h-àitibh iid, a' searmonacbadh an t-soisgeil.
Ann an leabhar air "Dùsgadh agus obair Dùsgaidh"
le Mr Mac Phearson an Dun-deagh, tha Mr Ros ag
ràdh gur aon chomhara n thugadh air fìor dhùsgadh
"gu-m bheil dàrachd neo-ghnàthach air a thais-
beanadb chum focal De eisdeachd." " Cionnus ma
ta," tha Mr Ros a' feòrach, " a sheasas Eilean Mhuile
an deuchainn so?" Ann am freagradh na ceisde,
tha e ag ainmeachadh gu-n robh an aimsir, an uair
a bha esan an sin, anabarrach stoirmeil : ach air
oidhchibh gun ghealach, gun reult, 's iad gailbh-
each le tairneanach agus dealanach, le gaoith agus
uisge, bha an sluagh a' cruinneachadh 'n an cuid-
eachdaibh mora. Aig sgaoileadh na coinnimh,
chlteadh iad a' sgapadh thar monadh 'us mòintich,
cuid diubh le lochranaibh, agus cuid eile le fòid
mùine air a' lasadh, agus a' ghaoth a' seideadh
sruth'a de shradaibh a 'a cosmhuil 's an dorchadas
ri earball reult-chearbaich.
Air aon oidhche cha d' fhuair cuid de 'n t-sluagh
dhachaidh gus an robh e dà uair dheug. Air
oidhche eile bha cuid diubh nach d' ràinig an
tighibh fein gus an ath mhaduinn. Air an oidhche
sin bha triùir air an dùsgadh fo theagasg Mhr
Oaimbeil. 'N am measg-san bha seann bhean,
dliith air ceithir fichcad bliadhna 'us deich, a shuidh
sios goirid an dèigh sin aig bòrd an Tighearna.
Bha mòran de 'n t-sluagh a' fulang o chnatan a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence