Skip to main content

‹‹‹ prev (74) Page 70Page 70

(76) next ››› Page 72Page 72

(75) Page 71 -
1 u.uamidh 1. 1876.] IOMRADH AIR OKAOBHSGAOILEADH AN T-SOLSGEIL.
71
"rùnachàdh a thighinn a mach an so, agus leis am
bu mhaith còmbradh a dheanamh rium, cuireadh
e a litir gu 92 Park Road, Glasgow.
AlNDREA W. StOBO."
Tha cuuntas ro thaitneach air a thoirt anns an
Record Bbeurla, a bb' air a cbur a mach ann am
mios October mu dbeireadh, air an doigh saothrach-
aidh a th' aig na ministearan, air dboibh ùr-thois-
eacbadb ann an co-tbionalan.
Tha fear dbiubh aig radb —
"Rainig mi Otago, ann am Februaraidh 1854.
Tbugadb dhomh mar raon saothracbaidb, an dùtbaich
gu leir. eadar ' Green Island,' agus Tokomairiro, agus
eadar foir na mara an ear, agus foir na mara 'n iar.
Fhuair Mr Banarman an tlr an taobh thall do
so. Mu 'n d' rainig mi, cba robh uiread a tbalamh
aig an t-sluagh gu leir fo bbàrr agus a tha 'nis
aig aon diubb. Gidheadb, chuir iad suas tigb
sgoil, agus tigh maighistir sgoile, agus fhuair iad
maigbistir sgoile. Is anns an tigh bheag so, a
choinnich mi air tùs ris a cho-thional ; agus a bha
mi air mo shuidbeacbadh os an ceann. Cha robh
an seòmar làn, ged' a thainig iad as gach cearnaidh
gu bhi làthair. Rè fichead blindhna gu leth, bba
agam ri coiseachd eadar nan iiitean searmonachaidli,
fo tbeas mor na grèine ri am samhraidh, agus troimh
làthaich ri àm geamhraidb. Bha na tri àitean
searmonachaidli agam fad o cheile. Fadheòidh
cheannaich mi each, agus bba so na mhòr ghoireas
domh, agus na chaomhnadh saothair. A chuid, agus
a chuid, mar a cbaidh an sluagh an lionmborachd,
thainig iad gu bhi na 'n tri co-thionalan, an aite
'bhi 'nan aon cho-thional ; agus thog a' chuid do 'n
t-sluagh am nieasg an d' fhan mi fein, eaglais a
chosd £2500. Tha so a' nochdadh, mar a tha an
sluagh a dol an lionmborachd anns an dùthaich so ;
agus mar an ceudna, a' fas ann an saoibhreas.
Thainig na co-thionalan eile, a bha air tùs ceangailte
rium, gu bhi mar an ceudna lionmhor ann an sluagh,
agus saoibhir ann am maoin, agus gu ministearan a
bhi air an suidbeachadh 'na 'm measg. Anns a
bhliadhna 1854 cha do chruinnich an co-thional
agam ach £54, 0s. 7d., gu ministear a chumail suas.
A nis tha iad a cur ri cheile £873. Mar so chinn a'
cheud cho-thional fadheoidh, na chuig co-tbionalan ;
agus tha gach aon diubh a nis, làn chomasach, air
ministear a chumail suas."
WELLINGTON.
Air mios meadhonach an t-samhraidh mu dheir-
eadh, leag Marquis Normanby, Ard-Uachdran New
Zealand, bunait aon de na h-eaglaisau againn anns
a 'bhaile so, far am bheil Mr Senmas Paterson 'na
mhinistear.
Labhair Mr Paterson aig an km so, mar a leanas.
" Thainig mòran dhinn, araon ministearan agus
sluagh as an diitbaich a tha gu tuath air an amhuinn
Tweed, ann an Alba; agus tha cuimhne thaitneach
againn, air an daimh, anns an robh sinn uaireigin, ris
an Eaglais Phresbiterianach anns an dùthaich sin.
Gidheadh, is c a nis ar n-iarrtus agus ar n-oidhirp,
Eaglais Phresbiterianach eile a chur suas anns an
diitbaich so — dùthaich ar n-uchdmhacachd. Tha e
'na thoileachadh dhomh a ràdh gu 'm bheil an
Tighearna a' soirbheachadh leinn gu mòr, a thaobh
so. Tha sinn mar an ceudna air ar misneachadh
leis a cho-aontachadh a th' eadar gach earrainn do
'n Eaglais againn anns an tir so. Uime sin tha mi
a nis an ainm a cho-thionail ag iarraidh air do
Mhorachd gu 'n deònaicheadh tu dhuinn clach
bhuinn na h-Eaglais a tha sinn a nis gu thogail a
leagadh."
Fhreagair Marquis Normanby agus thubhairt c,
"' Tha mi ro-thoilichte sin a tha nis air iarraidh orm
a dheanamh. Tha fios againn cia cho ealamh, agus
a tha sinn 'n uair tha nithe aimsircil a' soirbheachadh
leinn, nithe spioradail a dhi-chuimhneachadh. Agus
uime sin, tha gàirdeachas orm a bhi 'faicinn anns an
tir so, cho liugha eaglais agus a tha togta, na tha ga
togail. Tha so a' nochdadh, nach 'eil sin neo-mhoth-
achail do mhaitheas an Tighearna, a tha e 'nochdadh
dhuinn, anns an tir so, agus gu cinnteach, tha sinn
fo iomadh comain dha. Tha mi 'n dòchas gu 'm bi
an eaglais a tha nis 'ga togail, 'na meadhon air
mòran a thoirt a dh' ionnsuidh crò Chriosd agus an
oigridh ann a' chearnaidh so a thogail suas anns an
eagal agus ann an oilean an Tighearna."
HAWKE BAY.
Air mios deireannach an earraich fa dbeireadh,
chaidh Mr Patrick Riddle a mach, a dh-ionsuidb an
àite so, gu bhi 'saothiachadh anns an fhion-lios.
Rainig e, agus tha e taitneach ri radh, gu 'm bheil,
a reir eoltais, a shaothair air a h-aideachadh leis an
Tighearna.
Mar so, tha na h-Eaglaisean aig a' bhaile, agus o na
bhaile, a' deanamh saothar a chum leas spioradail ar
luchd-di'ithcha a chur air aghaidh anns na dùchanna
cèin ud. Biodh ar luchd-leughaidh a' guidhe ris an
Tighearna, gu 'n cuir e a bheannachadh, a chum
agus mar a tha an slnugh an sud a' dol an lion mhor-
achd, gu 'm bi iad gu leir, air an toirt a chuid agus
a chuid, fo bhuaidh bheannaichte na firinn mar a ta
i ann an Criosd.
TIR MHOR NA ROINN EORPA.
Ann am Paipear-naigheachd, a th' air a chur a
mach le Mr Pilatte, a tha na mhinistear ann am
Baile Niece, 'san Fhraing, tha iomradh ro thaitneach
air a dheanamh leis, cionnus a tha sgoiltean Sabaid,
agus comunn dhaoin' oga, gu bhi 'rannsachadh nan
Sgriobtuirean, a' dol am mothaid. Tha mile agus
ochd thar fhichead do sgoiltean Sabaid, gu bhi
'teagasg na h-oigiidh, 'san Fhraing, aig an àm so.
Tha aig an am cheudna tri fichead agus a naoi de
chomunnan dhaoin' og' ann. Cha b' urrainn dearbh-
adh na bu shoilleire bhi againn, gu bheil deagh
obair a' dol air a h-aghaidh 'san Fhraing — far an
robh dorchadas na Papanachd cho fada 'riaghladh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence