Skip to main content

‹‹‹ prev (45) Page 41Page 41

(47) next ››› Page 43Page 43

(46) Page 42 -
42
EAGLAIS SHAOR NA BE- ALBA.
[Maldh 1. 1875.
maille ri iomadh cleachdadh cile 'bha daicheil,
cruaidh.
Caffraria. — Tha an t-urr. Mr Moir, 'toirt cunntas
mhisiieachail mu thimchioll cinneachduinn an
aobhair an so. Tha, 'reir coslais, na h-achaidhean
geal chum an fhogharaidh. Am measg nam fin-
eachan borb mu 'n cuairt tha 'n soisgeul a buadh-
achadh. Gheibhear aois nan tri fichead 's a deich a'
cur na ceiste, " Ciod e ni mi chum 's gu 'n tearnar
mi?" Gheibhear òigridh 'nam buidhnean — ceathrar
'us cuignear cuideachd — 'teachd a dh' eisdeachd
naigheachd na slàinte.
Lobhdal. — Bithidh cuimbnc aig ar luchd-leugh-
aidh gu robh dùsgadh an so an uirigh, agus aireamh
nach bu bheag air an toirt fo chùram anama. Tha
Mr Smith, ag innseadh dhuinn air a mhios so a
chaidh, gu bheil iad sud uile a' dlùth-leantuinn ris
an Tighearn le rtin cridhe.
Trabiiancoir. — Air a cheud seachduin de 'n
bhliadhn' ùir, bha pobull an Tighearna a dh' aon
inntinn ag ùruigh gu 'n " tigeadh a rioghachd "
air an talamh. Bha cruinnichean sonruichte air
an cumail aig an àm anns gach earrain de 'n f'hion-
lios mhoir. Cha 'n fhiosrach sinne air cearnaidh 's
am bith 's an robh toradh na 's taitniche agus na 's
saoibhir air a ghiiilan na ann an Trahhancoir .
An lorg na coinnimhean so chaidh 589 a ghabhail
a steach do 'n Eaglais troimh shacramaid a' bhais-
tidh." Binn an Tighearn nithean mora air ar
sonne." " Thae maith, mairidh a throcair gu bràth,
agus 'fhirinn o linn gu linn."
TEACHD AIRE AN.
An t-urr. 1). MacEachainn. — Rainig an teachdaire
so Bombai mu mheadhon an Earraich, agus tha e
air toiseachadh air a shaothair. Tha e air sgrio-
bhadh dhachaidh gu 'n robh seorsa de bheachd aige
mu 'n d' fhalbh e air agartasa agus feum nan Innsean
air teachdairean soisgeulach, ach nach do thuige gu
so, ach ro bheag de 'n ghnothuch. Tha Bombai a r
ball a' cur feum air teachdaire eile le buaidbean
barrasach agus freagarrach ris an dreuchd.
An t-Urr. Mr. Stebhenson.- — -Tha Mr Stebhenson
air .Madras a ruigsinn mu thoiseach an Earraich, agus
an ath la thainig Mr Rae air falbh, agus tha e nis
anns an dùthaich so.
An t-Ollamu Palzell. — Mudheireadhan earraieh
dh' fhalbh an t-Ollamh gu a shaothair, am measg
nan Tsuluach, ann am Mòr-Roinn Natal. Bha e
fein agus a bhean da bhliadhna a mach a cheana,
ach thainig e dhachaidh an uiridh air son tuillc
cuideachaidh. Tha iad a nis air pilltinn a toirt leo
Mr Welsh gu bhi na mhaighstir-sgoile, Mr T.
Black, mar fhcar-ceairde,.agus Mr S. Caimbeul mar
ard-thuathanach.
Mr M'Diarmaid. — Chaochail an teachdair urram-
ach so aig Macfarlan ann an Kaffraria air an 9 mh
là de Februari. Bha e tri fichead agus tri bliadhna
deug a dh' aois. Bha e air aon de cheathrar a
chaidh a mach 'an 1827. Bithidh cuimhne shiorruidh
air an fhirean, agus taisbeanaidh an earrain so de 'n
fhionlios air son iomadh la, toradh dillseachd, eud,
buaidhean nadurrach, agus gràsan a bhuilicheadh
air an duine so.
SAOTHAIR NA H-EAGLAIS AIR SON IOMPACHADH NAN IUDHACH.
JEWISH MISSION.
Bha iomradh farsuinn air an earainn so do obair na
h-Eaglais air a chur air beulaobh an Ard-sheanaidh
mu dheireadh. Bheir sinn beagan chriomagan de
'n iomradh so aig an àm : —
'I ha Mr Van Andel, an teachdaire chum nan
Iudhach ann an Amsterdam, ceann-bhaile na h-
Olaind ag ràdh : — " Air dhotnh bhi 'triall troimh 'n
Ghearmailtairan t-samhradh so chaidh, bha iomadh
cothrom comharraichte agam air bhi 'tagradh agus a'
cur air aghaidh aobhar seann phobuill an Tighearna.
Air son eisimpleir, fhuair mi dh'onoir searmon-
achadh ann an eaglais naluchairt ann an Darmstadt,
far an robh, am measg luchd-èisdeachd lionmhor
cile cuid de 'n teaghlach rioghail agus de ! n luchd-
riaghlaidh. Ann mo shearmoin thug mi oidhirp air
bhi a' feuchainn ar dleasdanais do na h-Iucliiaic-h,
agus geallanna Dhè d' an taobh. Ghabhadh cho
maith ris na thubhairt mi, agus dhuisg e 'leithid a
dh' aire chum an ni a 's gu 'n d' iarr cuid de chàir-
dibh an Tighearna 's a' bhaile sin tuilleadh a
chluinntinn mu thimchioll; agus uime sin, shòn-
raicheadh coinnimh ann an tigh aoin diubh, far
an d' fhuair mi ootbrom air dol a stigb ni 's
mionaidiche 's a'' phuing. Mu'n d' fhàg mi Darm-
stadt, fhuair mi cuireadh càirdeil a dhol air m' ais
a rithist."
Teacddaireaciid Rannsachaidh.
Tha .àireamh mhòr, — mu thuaiream tri muillean
Iudhach sgapta air feadh nan caochladh rioghachd-
an agus mhòr-roinnean de 'm bheil Iompaireachd
Russia, air a deanamh suas. Riamh o àm a' chogaidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence