Skip to main content

‹‹‹ prev (23) Page 19Page 19

(25) next ››› Page 21Page 21

(24) Page 20 -
20
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[April 1. 1875
AN "HOME MISSION."
An obair 's na bailtibh. mora agus air Galltachd na h-Alba.
Bha e air ainmeachadh 's an Iomradh ma dheir-
eadh, gu 'm feumadh an Eaglais Shaor agus Eaglais-
ean eile bhi aig mòr shaothair agus chostus, mu 'm
biodh na rugadh agus a thogadh ann am neochiiram,
maille riusan a thuit air falbh o ghnathachadh
mheadhona nan gràs, air an togail agus air an aiseag
chum comunn na h-eaglais faicsinnich. Agus tha
e 'na aobhar thaingealachd do 'n Tighearna gu 'm
bheil aig an àm mòr eud, shaothair, agus chostus,
air an taisbeanadh le mòran anns a chuis so. Cha-'n
eil idir an tomhas cumhachd is saothair fathasd
air an nochdadh a dh' fh' eumas a bhi deanta chum
an obair a thabhairt gu iomlanachd. Ach is maith
nach 'eil na h -Eaglaisean gu tur 'nan codal mu'n
chuis, mar bha iad gu mòr 'sa ghinealach a dh'
fhalbh.
Am bailtibh mòra mar tha Glascho, Duneidin,
Dundeagh, agus an lethidibh sin, is i an doigh a
leanas is trice tha iad a' gabhail chum na h' oibre
so chuir air a h-aghaidh.
Tha aon do na cothionalaibh suidhichte fuidb
riaghladh na cleire a' sealtuinn air cearnaidh araidh
do'n bhaile anns am bheil mòran dhiubhsan a
tha dearmad meadhona nan gràs a fhrithealadh, a'
gabhail cùmhnuidh. Tha 'n cothional suidhichte a
tuaiasdalachadh teachdaire (mar is trice searmon-
aiche òg, eudmhor) air son na h' earrainn sin do'n
bhaile, chum a bhi 'saothrachadh 'n am measg, a'
gairm orra o theaghlaoh gu teaghlach, g'an tional a
stigh gu seòmar sgoile no àite farsuing eigin eile gu
searmonachadh dhoibh — agus mar sin air na h'uile
dhoigh 'feuchainn re'n aiseag chum uchdna li -eaglais.
'N uair a tha na h-uircad do ehcudaibh mar so air an
tional ri cheile, tha an cothional a thoisich a' chuis a'
faicinn Eaglais air a cur suas air an son, tha teachd-
aire air a shu dheachadh os an ceann, agus tha 'n
cothional ùr an sin air a ghabhail a s teach chum
aireamh agus shoehairean chothionala suidhichte
na h-eaglais. J ha e trio a' tachaiit n uair a tha 'n
cothional ùr so a r soirbbeachadh gu'm bheil iad
fèin a' sineadh air an t-saothair cheudr.a mu earrainn
eile do'n bhaile, a ghabhtadh roimh mu'n timchioll
fèin, aaus mar so iad a' taisbeanadh an taingealachd
airson na rinneadh air an son agus an iarrtus air iad
fein an caoimhneas ceudna nochdadh mu mhuinntir
eile.
Ann am bhi mar so cruinneacbadh ri cheile nam
fògarach ud, cha 'n 'eil na cothionalan a tha
'toiseachadh na cuise toilichte le a mhàin searmon-
aiche a thurasdalachadh chum na h-oibre a chur air
aghaidh. Tha buill a chothionail fèin g'an roinn
fèin ann an ordugh, agus a' gabhail earrainn anns an
obair. Mar so, le bhi 'gairm air na teaghlaichibh,
'labhairt riu mu 'n anamaibh, g'am fiosrachadh
'nan trioblaidibh, a' fuasgladh orra na'n eiginibh,
agus air iomadh doigh a tabhairt caoimhneasan an
t-soisgeil dlùth dhoibh, tha iad g'an treorachadh
chum an Tighearna, agus 'gan aiseag chum orduigh-
eansan.
Nis cha bu mhisde na Gaidheil ged lemadh iad
eisempleir na muinntir ud a tha mar sud a' saothra-
chadh chum 'ur co-chreutairean bhi air an aiseag
chum chleachdaidhean Chriosdail. Tha ni 's mo na
stiaoilteadh air feadh na Gaidhealtachd nach 'eil a cur
cos taobh a stigh eaglais air la tha sabaid, no tigh
anns am bheil coinneamh ùrnuigh air a cumail air
latha seachduin, am feadh agus a tha aireamh
mòran nis lionmhoire nach fhaicear an tigh an
Tighearna ach a nis agus a rls. Agus is ainmif a
tha còmhnadh 'sam bith air a dheanamh ri teach-
daire a chothionail chum an t-olc so bhi air ath-
lea^achadh. Bu chòir do chairdibh agus do choimh-
earsnaich an leithid sud, cùram dùrachdach a
ghabhail ehuin an tabhairt chum meadhona nan
gràs a fhrithealadh gu riaghailteach, agus nan
deanadh iad so, rachadh leo anns a' chuid mhòr.
Tha Dr Blaikie, aon do Phrofessoraibh Dhuin-
èidin, gu drtracbdach a sparradh air uile bhuill
chothionala a bhi dieheallach anns an obair so,
agus gu cinnteach bu chòir do na n' uile saothra-
chadh 'sa chuis oir cha-n 'eil coir aig neach air
bith a ràdh mar thubhairt Càin " Am mise fear
coimhid mo bhràthar." Thugadh mar an ceudna
na Gaidheil a bhitheas, mar dh' fheumas mòran
dhiubh dheanamh, 'dol gu bailtibh agus àitibh
eile gu obair fhaotainu, an aire nach bi iad a
tuiteam air falbh gu briseadh sàbaid agus dearmad
air n eadhonaibh nan gràs. Tha eaglaisean agus
ministeirean Gaidhealach 's na bailtibh mora uile,
a bhitheas ro thoilichte Gaidhoil a tha nan coigrich
fhaicinn 's na cothionalaibh aca, agus ged thuiteadh
do chuid a bhi far nach biodh searmoin 's a Ghailig
faisg orra, tuigidh iad a' bheag no mhòr don
Bheurla, agus is fhearr bhi maille ri sluagh an
Tighearna aig aoradh-san, no bhi caithe là na sabaid
an diomhanas. Co-cheangailte ri so tha e teachd

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence