Skip to main content

‹‹‹ prev (72) Page 34Page 34

(74) next ››› Page 36Page 36

(73) Page 35 -
BEANNAC HAD H NA DREAM GHEIBH MAITHEANAS
DHE.
vS aìm vxxiì. 1.— i: Is beannaichte esan d' an do mhaitheadh
'easaontas, d 3 am bheil a plieacadh air 'fholachadh. Is bean-
naichte an duine nach euir an Tighearn' euceart as a leth."
THA gach neach do chlaun nan daoine an dèigh sonais,
agns ciod 's a bith, eadar-dbealachadh a dh' fheudadh
a bhith am buaidhibh an inntinnean chum luachmhorachd,
do maise fhaicinn an cuspairibh, tha iad uile aig iarraidh an
deigh ni èiginn o bheil dòchas aca, agus o bheil iad a
gealltuinn doibh fèin sonas. Ach an creutair truagh an
duine, o na chaidh e air seachran o Dhia, tobar na beat ha,
agus gach fior shonas, tha shuile air an cur as, agus cha
n' aithne dha cionnas a ghabhas e aon a cheum chum fior-
shonas ; tha e co dall ri clach a thaoibh nithean spioradaiL
Rannsmch a chridhe, amhairc co dluth agus co geur agus as
comasach dhuit ann, cha 'n fhaigh thu ann na chridhe
h-urrad do mhaitheas air fhàgail leis a' pheacadh agus a
•dh' fhireanaicheas aon smuain mhaith — a dh' iounsuidh
Dhia tobar na beatha agus an t-sonais. Tha e air seachran
o Dhia tre an aineolas a ta ann, aineolach air nàdur tìor
shonais, ciod anus am bheil e co-sheasamh, no cionnas a
ruigear air. Ach tha an neach a sgriobh an t-salm so fodh
fhoillseachadh agus teagasg an Spioraid, agus cleachdadh
creidimh a deanadh aithniohte dhuinn c aite am bheil fior
shonas r' a fhaotainn, ciod anns a bheil e co-sheasamh, agus
cionnas a ruigear air ; is beannuichte an duine sin a fhuair
'na pheacaidh mathanas, da"m bheil a pheacaidh air fholach,
agus nach cuir an Tighearn euceart as a leth.
Cha 'n 'eil aon neach do chlann nan daoine sona am
feadh a ta e as eugmhais a bheannachd so, ciod 's a bith a
dh' fheudadh e bhi sealbhachadh, ciod 's a bith a staid agus
inbhe 's an t^saoghal, agus cicd 's a bith an sonas a shaoladh
^ a bhi aige, ma na bheil e 'n sealbh air a bheamiachadh so,
mathanas peacaidh. Tha "aoibhneas agus a shonas uile na
an tonasg cosmhuil ri fuaim droighinn fuidh na phoit ; cha
chomasach iad a chumail mominte o 'n bhàs, no an tomhas
as lugha do chomhfhurtachd a thoirt da 'nuair a theid e an
laithir Dhia no aig là mòr a' bhreitheanais.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence