Skip to main content

‹‹‹ prev (61) Page 23Page 23

(63) next ››› Page 25Page 25

(62) Page 24 -
24
Ann am briathra an teagaisg tha againn teisteas an
Athar le ghuth fein o 'n ghlòir òirdheirc mu Chriosd, is e so
mo Mhac gràdhach-sa anns am bheil mo mhòr thlachd ;
eisclibh ris.
Tha shine a ta a lathair an so an diugh nar peacaidh,
agus do bhrìgh gur peacaich sinn, 'nar cloinn a' bhàis air an
t-slighe chum na siorruidheachd. Tha saorsa agus slàinte
ar anaman a seasamh air aire agus ùmhlachd a thoirt a nis
do theisteas an Athar mo thimchioll a Mhic — air gabhail ris
— creidsinn agns gluasad ami. Is e so mo Mhac gràdhach-
sa, anns am bheil mo mhòr-thlachd, eisdibh ris. So guth
tròcair a ghràidh agus na slàinte o nèamh ribhse an diugh.
Feuchaibh nach dean sibh dimeas air, nach druid sibh 'ur
cluasan agus 'ur cridheachan 'na aghaidh, Eisdibh ris, agus
mairidh ur anama beò.
Ann an labhairt air na briathra, bheir sinn fainear tre
còmhnadh gràis.
/. Teisteas an Athar mu thimchioll Chriosd. Is e so
mo Mhac gràdhach-sa anns am bheil mo mhdr-thlachd.
II. Cinnteachd, no firinn an teisteis so.
III. Dleasnas nan uile fodh Vt t-soisgeil, da 'm bheil an
teisteas so air a chur an cèil l, ùmlilachd a thoirt do 'n Mhac,
gabhail ris mar an Tighearna agus an Slànuighear air teisteas
an Athar, eisdibh ris.
I. A reir an òrduigh so tha sinn ri bhi tabhairt fanear
cuid do na nithe àraidh ann an teisteas an Athar — "Is e so
mo Mhac," etc. Bheir sibh fainear se Iosa o Nasaret, esan
a bha air a bhreith am Betlehem, agus a chuir a mhathair
Muire 'na luidhe sa phrasaich, esan a bha dol mu'n
cuairt ann an tir Iudea an uair a bha Ceesar Augustus
'na iompaire 's an Roimh agus Pontius Pilat na uachdaran
an Iudea, a teagasg agus aig oibreachadh miorbhuilean cumh-
achdach, Esan a bhrath ludas, a dhit Pilat, agus a bha air
a cheusadh air sliabh Chalvari, da 'm bheil Jehovah a toirt
an teisteis so o ghlòir òirdheirc — "Is e so mo Mhac gràdh-
ach-sa anns am bheil," etc.
1 . Is e Iosa o Nasaret mata Mac gràdhach an Athar anns
am bheil a mhòr-thlachd, agus a ta e ag aithneadh do
dhaoinibh èisdeachd ris. Is e so mo Mhac gràdhach-sa.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence