Skip to main content

‹‹‹ prev (381) Page 361Page 361

(383) next ››› Page 363Page 363

(382) Page 362 -
362 Còmhradh Diadhaidh
robh agam eòlas air Dia agus air 'fhocal, cho mòr 's a
tha mì nis a' mìannachadh ! nach mis' a b'urrainn
earbsa làn a chur ann an Dia air uair gach tèinn, 'g a
leantuinn cho beò-dhùrachdach 's a chuireas mì mo
làmh ri dleasanas air-bith, 'g a mhìannachadh an
còmhnuidh, mar thaitneas milis m'anama ; an sin cha
ghabhainn farmad ri toil-ìnntinn, onoir, no glòir an
t-saoghail. Ach, m'anam ! is goirid gus am bi thusa
ann an staid uile bheannaichte anns am faigh thu sòlas
fada nan cìan na's mò na 's urrainn thu ìarraidh anis,
ag oibreachadh d'uile bhuaidhean naomh le àrd aoibh-
neas 'an dluth làthair Dhè fèin, 'g a f haicinn gu soilleir,
agus cha n-ànn gu dorch, fada uaith, mar tha thu an
dràst !
" Nach òirdheirc Eaglais Chriosd an diugh seach aon
anam gràsmhor air-bith, ged is iomadh peacadh, àmh-
ghar, 'us geur-leanmhuinn fo 'm bheil ì nis a' fulang ?
Ach cia glan an Eaglais, 'nuair a làn-chruinnichear
agus a làn-ghlòraichear ì ; 'nuair a dh-èireas ì suas o
1 ghleànn nan dèur' gu ' Sliabh Shioin ;' 'nuair nach
peacaich agus nach fuilig ì ni's mò ! Is dorchadas
agus mi-dhreach glòir na seànn Ierusaleim ann an
coimeas ri glòir na h-Ierusaleim Nuaidh. An sin
togaidh sinn iolach àrd, aoibhneach, ait a' faicinn cho
glòrmhor 's a tha ar teampull nèamhaidh, 's a' cuimh-
neachadh cho bochd, suarach 's a bha 'n eaglais air
thalamh !
" Ach, mo chreach ! cia mòr mo sheachran 'us mo
chall ameasg mo smuaineachaidh. Shaoil leam fad na
h-ùine so gu'n robh mo chridhe bochd a' dol leam, ach
tha mì 'faicinn nach robh è. Is beag beatha 'gheibhear
ann an smuaintibh 's ann am briathraibh falamh a
dh-easbhuidh aignidhean. (Faic Caib. XIV. — Ear.
II.) Cha n-fhaigh Dia, no mi-fèin taitneas ànnta.
Càit an robh thus', a chridhe neo-airidh, fhad 's a bha
mis' a' fosgladh nan ionmhas sìorruidh ud dhuit? Nach
'eil nàir ort anis à do ghearan air easbhuidh sòlais, agus
à do thalach air Dia airson do lìonadh le bròn, an dèigh
dhà gu dìomhain taitneas ainglean a thairgse dhuit ?
Carson nach do lean thu mis' anis gu cùramach, dluth,
agus gheibheadh tu d'ath-bheothachadh, lèumadh tu le

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence