Skip to main content

‹‹‹ prev (375) Page 355Page 355

(377) next ››› Page 357Page 357

(376) Page 356 -
356 Còmhradh Diadhaidh
thlachd-sa. Is àill leis mis 1 a bhi fagus dà gach là 'us
uair, agus a bhì do ghnath anns gach gnothach a 1
creidsinn ànn, a 1 meòrachadh air, agus air mo lìonadh
le smuaintibh milis, beò air a mhaitheas. nr' obair
bheannaichte, freagarrach do mhic Dhè ! Ach,
Thigearna, ged is mòr a' chuilm ud a chuir thu romham,
is beag ì dhomh-sa gus an cuirear acras òrm. Chuir
thusa biadh milis, blasda nèimh romham, ach mo
chreach ! tha mise cho dall as nach f haic mi è, cho
tìnn, fànn as nach fhaigh mì blas milis air, cho meil-
ichte, fuar, rag as nach sìn mì mach làmh d'a ionnsuidh.
Air an aobhar sin, a Thighearna, ìarram gu h-iriosal an
gràs àraid so uait, mar dh'fhosgail thu nèamh dhomh le
d'f hocal, fosgail mo shuilean, chum gu'm faic mì è, agus
mo chridhe gu tlachd a ghabhail ànn ; air-neo cha bhi
nèamh 'n a nèamh dhomh-sa. thus', a Spioraid na
beatha, sèid air do ghràsaibh fèin annam-sa. Gabh air
ìàimh mì. Tog suas o'n talamh mì, chum gu^m faic mì
a 1 ghlòir sin a dh^ullaich thu airson na muinntir aig am
bheil gràdh dhuit !
" Teichibh uam anis, sibhs 1 a chùraman agus eagalan
a bha ^buaireadh m'anama, agus teich thus', a bhròin, a
bha gu tric a 1 ciùrradh mo chridhe. Hò ! Teichibh uam
car ùine ; leigibh dhomh car tamuill ; seasaibh air ais ;
fanaibh shìos an so, gus an tèid mise suas agus am
faic mì m'fhois. Ged nach 'eil mise fìor eòlach air an
rathad, is eòlach Criosd air. Sin an t-àit-còmhnuidh
sìorruidh a bha riamh aige mar Dhia glòrmhor. Sin
an t-àit gus an tug è a chorp glòraichte fèin. Bì obair
Chriosd an t-àit sin a cheannach. Is ì obair Chriosd
an t-àit sin ullachadh, agus mise ullachadh air a shon,
agus mo thoirt d'a ionnsuidh. Thug Dia sìorruidh
na fìrinn gealladh dhomh, — gealladh sèulaichte le sèula
agus le focal Dhè, — ma chreideas mì, agus is mì a
ehreideas ' ann an Criosd, nach sgriosar mì, ach gu'm
bi a 1 bheatha shìorruidh agam. 1 Is goirid an ùia gus
an togar m'anam a dh-ionnsuidh an àite naoimh sin,
agus cha n-fhada gus an lean mo chorp è. Agus am
faod mo theangaidh a ràdh, Is cìnnteach, cha n-fhada
gus am bi mise beò maille ri Dia, agus nach le'um mo
chridhe nis le aoibhneas ^s an taobh-stigh dhìom ? Am

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence