Skip to main content

‹‹‹ prev (274) Page 254Page 254

(276) next ››› Page 256Page 256

(275) Page 255 -
a choimhead air thalamh. 255
Ach am fear aig am bheil a chreidimh a' sruthadh bbo .
eòlas air Dia, agus o ghràdh do Dhia agus do Chriosd,
is è a's dìchiollaich' a iabhras air an là shona sin air am
faigh è an làn-mhealtuinn. Is tearc, luachmhor an
Criosduidh sin d'an aithne f ìor f hèum a dheanamh de 'n
f hìrinn shoilleir. Air an aobhar sin, comhairlicheam
dhuit-sa, ma's àill leat beatha nèamhaidh, na caith ach
beag de do smuaintibh, de d'ìdn, de d'èud, agus de do
bhriathraibh air deasboireachd nach urrainn sìth, no
sòlas a thoirt do d'anam. 'Nuair a bhitheas cealgad-
airean beò air rùisg 'us plaoisg, bì-sa beò air na h-aoibh-
neasaibh a ta shuas. Is maith a bhi comasach air f ìrinn
Dhè a dhìon ameasg dhaoine, agus is còir dhuinn lèugh-
adh agus ionnsuchadh a chum na crìche sin ; ach
thugamaid a' cheart aire nach ceadaich sinn do dheasb-
oireachd mu'n fhìrinn fèin ar cridheachan a ghluasad
de na nithibh a ta shuas. Is tric a ehualas muinntir
a' consachadh ri 'chèile mu chreidimh, ach is ainmig a
chunnacas ìad a' fàgail na cùise na's soilleire, an dèigh
dhoibh sgur, na bha ì 'nuair a thòisich ìad. Tha na
nithe sin ro dhomhain airson sealladh goirid dhaoine.
Is beag is f heàirrd anam air-bith cònsachadh mu 'n
fhìrinn, agus is maith nach 'eil mòr chònsachadh mu
na fìrinnibh a's prìseile luach. Ach èisdeamaid anis
ciod a tha focal Dhè fèin ag ràdh air a' chùis so : —
" Gabhaibh ris an neach a ta anmhunn 's a' chreidimh,
ach cha-n ann chum deasboireachd amharusach." Rbm.
14. 1. " Ach seachainn ceisdean amaideach agus neo-
f hòghluimte, air dhuit fios a bhi agad gu'n tog iad conn-
saichidhean. Agus cha-n fheud òglach an Tighearna
'bhiconspoideach. 2 Tim. 2. 23. "Ach seachainn ceisd-
ean amaideach, agus sloinnteireachd. agus cònspoidean,
agus consachadh mu'n lagh : oir tha iad gun tairbhe agus
dìomhain." Tìt. 3. 9. " Ma bheir aon neachatharracn-
adh teagaisg uaith, agus nach aontaich e do bhriathraibh
fallain, eadhon do bhriathraibh ar Tighearna Iosa
Criosd, agus • do'n teagasg, a ta rèir na diadhachd :
Tha e uaibhreach, gun eòlas aige air ni sam-bith, ach
e às a chèill mu thimchioll cheisdean, agus bhriathar-
connsachaidh, o'n tig farmad, comhstri, anacainnt
droch amharusan, fiar-dheasboireachd dhaoine aig am

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence