Skip to main content

‹‹‹ prev (246) Page 226Page 226

(248) next ››› Page 228Page 228

(247) Page 227 -
a choimhead air thalamh. 227
cèum na's àirde na sluagh eile nach d'fhuair an onoir
sin. Ciod a theirear, matà, ris an fhear a choisicheas
gach là gu nèamh, agus a chì Rìgh nan rìgh an sin, a'
dol astigh gu tric an làthair Dhè, agus a' sàsachadh
anam' air " craoibh na beatha?" Arèir mo bheachd
fèin, tha'n daine sin fad air thoiseach, ann an onoir,
air na daoinibh a's mò saoibhreas, urram 'us ìonnsuch-
adh 's an t-saoghal.
3. Is ì ìnntinn nèamhaidh ceum a's cìnntiche agus
a's faisge 'bheir sinn air beatha shòlasaich, thoilichte.
Is fuar, reòta na diichan a's fhaide gu tuath, a chìonn
gu'm bheil ìad astar fada bho theas na grèine. Carson
a gheibhear Criosduidhean cho fuar, cho reòta, cho
mi-shòlasach, ach ìad a bhi beò astar cho fada bho
nèamh? Agus ciod a tha 'deanamh cuid diubh cho
blàth, cho toilichte, cho sòlasach, ach ìad a bhi na's
àirde agus na's fhaisg' air Dia. 'Nuair a thig a'
ghrìan fagus duinn 's an earrach, faic mar dh-fhàiltich-
eas gach nì a teachd ! Fàsaidh an talamh gorm, cuiridh
na craobhan amach am blàth, ath-bheothaichidh na
luibhean, seinnidh na h-eòin, agus bithidh f ìamh ghàire
air gach nì. Anis na'n caitheamaid ar beatha maille
ri Dia, a' sìor-chumail ar cridheachan air na nithibh a
ta shuas, is ann againn a bhitheadh an t-earrach
aoibhneis 's an taobh-stigh dhìnn ! Cha b' fhada gus
am falbhadh geamhradh searbh ar bròin ! Is moch a
dh-èireamaid a mholadh a' Chruthaidheir ghlòrmhoir !
Chriosduidh, faigh suas. Sin an t-àit anns am
faighear co-chomunn blàth ri Dia. I s milis, blàth an
co-chomunn so leis gach neach a bha shuas ! Creideam
gu'n do bhlais thu-fein air an t-sòlas so air uairibh.
Cuin bu mò do shòlas ? Nach ann an uair a bha thu gu
h-iriosal a' còmhradh ri Dia agus a' labhairt ri luchd-
àiteachaidh an t-saoghail a's àirde, agus a' beachdach-
adh air an àitibh-còmhnuidli, agus d'anam air a lìon-
adh le roimh-bhlas air glòir ? Ma's aithne dhuit, o
d'fhiosrachadh fèm, ciod èàrd luach a' chleachdaidh so,
faodar a ràdh gur aithne dhuit ciod è sin aoibhneas
spioradail. " 'Nuair a thogas," mar tha Daibhidh ag
ràdh, " an Tighearn solus a ghnùise, air a' chridhe,
cuiridh è a^ibhneas ànn ni's mò na 'nuair a's pailte

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence