Skip to main content

‹‹‹ prev (242) Page 222Page 222

(244) next ››› Page 224Page 224

(243) Page 223 -
a choimhead air thalamh. 223
dhol air an aghaidh, thog ìad orra gu falbh gun dàil.
Mar a's trice 'their Dia a Na gràdhaichibh an saoghal,
no na nithe a tha 's an t-saoghal," is ann a's teotha
dh-fhàsas ar gràdh do'n t-saoghal. Nach saor, tric
a gheibhear sinn a' smuaineachadh air ar taitneasaibh,
air ar càirdean, air oibribh, air an fheòil 's a h-ana-
mìarmaibh, seadh air èucoiribh 'us truaighean, air
eagalan 'us trioblaidean ! Ach càit air thalamh am
faighear Criosduidh aig am bheil a chridhe làn-shuidh-
ichte air an f hois nèamhaidh ? Dè so ? Am bheil sinn
cho làn aoibhneis, agus gun fhèum air tuilleadh?
Nach 'eil dad idir air nèamh gu sinne 'dheanamh aoibh-
neach ? Ach nach ann againn a tha na cridheachan
feòlmhor, tròm, dall. Islicheamjaid na cridheachan
feòlmhor sin anns am bheil cho beag sùim mu Chriosd,
agus mu ghlòir. Mur labhramaid air ni sam-bith eile,
ach air nithibh an t-saoghal so, mheasadh na h-uile sinn
mi-dhiadhaidh ; carson, matà, nach meas sinn ar cridh-
eachan fe'in mi-dhiadhaidh, 'us cho beag tlachd aca ann
an Criosd agus ann an neamh ?
Ach is ànn amhàin riutha-san aig am bheil an
cuibhrionn air nèamh a thatar a' labhairt an so, —
riutha-san aig am bheii an dòchas an sin, agus a threig
na h-uile nithe airson na glòire so : agus am bi sgàth
òrm a chomhairleachadh dhoibh-san ìnntinn nèarnhaidh
àiteachadh air thalamh? Mo chomh-Chriosduidhean,
mur èisd. mur gèill, mur creid sibhse, cò eile a nì è ?
Is maith a dh-f haodas sinn gearan a dheanamh nach
eisd an saoghal ain-diadhaidh. dall ri earaii dìleis, agus
a ràdh, mar thuirt Maois, " Peuch, cha d'èisd clann
Israeil rium; cionnus ma tà 'dh'èisdeas Pharaoh rium-
sa?" Ach, a leughadair, comhairlicheam dhuit, ma tha
dòchas agad ri cuid anns a' ghlòir so, do chridhe fein a
ghairm anis gu cùnntas. Cronaich è gu sgaiteach airson
a dhearmaid air Dia. Tog suas clo smuaintean de gach
dìomhanas. Lùbadh d'anam agus smuainicheadh è^air
sìorruidheachd. Dean saothair chabhagach airson na
beatha ri teachd. Cleachd thu-fèin ri meòrachadh
spioradail. Na biodh do smuaintean air na nithibh so,
ainmig, no èutrom. Fairc d'anam ann an sòlasaibh
nèimh. Ma gheibh thu d'anam mì-tlioileach, ceànn-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence