Skip to main content

‹‹‹ prev (225) Page 205Page 205

(227) next ››› Page 207Page 207

(226) Page 206 -
206 Cha n-fhaighear Fois
aidh, " a ta gu furas ag ìadhadh umainn," a dhearbhadh
gu luath air gach creidmheach, nach ànn an so à gheibh
è fois. Air an aobhar sin, deiream ris gach neach a ta
nis agìarraidh fois' air thalamh, " Eiribh agus imichibh,
oir cha-n ì so bhur còmhnuidh, a chionn gu'm bheil e
air a shalachadh." Mic. 2. 10. Ann an nàdur nan
nithe sin cha n-'eil fìor fhois do'n f hìor Chriosduidh.
Tha ìad ro bhochd gu sinne 'dheanamh saoibhir ; ro
ìosal gu sinne àrdachadh gu sonas ; ro f halamh gu
anam a shàsachadh ; ro dhiombuan gu sinne 'dheanamh
toilichte gu siorruidh. Ma's ro shuarach fortan, no ni
sam-bith a mhiannaichear leinn gu dia a dheanamh
dheth, gu cìnnteach, is ro shuarach è gu fois ìarraidh
ànn/ Fèumaidh fois an anama 'bhi iomlan, a chum
toil-ìnntinn mhaireannach a thabhairt dà. Ach f àsaidh
gach toil-inntinn sean, a bheir crèutairean, agus sìol-
aidhidh ì às an dèigh a mealtuinn car ùine bige. Ged
f hrasadh Dia biadh ainglean anuas òirnn, is goirid gus
an gabhamaid sgìos de'n mhana fèin. Is neo-bhlasda,
tròm a dh-fhàsas gach taitneas air thalamh, mur ath-
bheothaichear è le annas. Tha na h-uile chrèutairean
dhuinn-ne, mar tha na fliùraichean do'n t-seillean ; is
beag mil a gheibh è air aon diubh, air an aobhar sin,
fè'umar greasad a dh-ionnsuidh aoin eile. Mar a's mò
'chi sinn de 'n chrèutair, is ann a's lugha gu mòr a
rìaraichear sinn leis. Is ìadsan amhàin nach f haic na's
mò na sgeimh a leth-muigh, a ta air an làn-toileachadh
leis a' chrèutair, gun aithneachadh idir cia mòr an
diomhanas a ta anns an leth-stigh dheth. 'Nuair a
dh-aithnichear gu soilleir, làn, cor dhaoine eile, agus a
chithear an t-olc 's am maith, a' ghaoid cho maith ris
an tomhas iomlanachd a ta ànnta, sguiridh ar meas orra,
agus ar taitneas ànnta.
6. Ma ghabhas sinn tlachd ann an creutairibh agus
ann am meadhonaibh, a dh-easbhuidh Dhè leo, meud-
aichidh sin ar truaighe. Na'n abradh Dia riut, " Gabb
mo chreutairean, m' fhocal, mo sheirbhisich agus
m'òrduighean, ach na gabh mi-fèin ;" am bu shonas sin
leat ? Na'n robh focal Dhè agad gun am Focal, a's è
Dia fèin, a bhi agad ; no aran an Tighearna, 'dh-eas-
bhuidh an Tighearna fèin, neach a's è an t-aran fìor ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence