Skip to main content

‹‹‹ prev (217) Page 197Page 197

(219) next ››› Page 199Page 199

(218) Page 198 -
198 Cha n-fhaighear Fois
nithear air là na socair, no air là na h-anshocair ? Och !
Och ! mur cuirteadh an spur annainn air uairibh, bu
mhàll cèum na cuid a's mò dhinn gu nèamh ! Carson,
matà, nach gabhamaid gu toileach buillean-greasaidh
geur o Dhia, chum ar maith, 'us feum cho mòr aig ar
droch nàdur orra ? Smuainich fèin, a Chriosduidh, nach
cùramach, caithriseach, luath a ghluaiseas do chèum gu
nèamh fo bhuillibh na h-easlainte, seach do chèum fo
thaitneas soirbheachaidh.
5. Thoir fainear arìst — is ì gu h-àraid an fheòil a's
mò a gheibhear air a buaireadh agus air a goirteachadh
le trioblaidibh. Gheibhear an t-anam saor o'n chuid a's
mò de na fulangasaibh do'm bheil sinn buailteach, mur
dean sinn-fèin a phìanadh d'ar deòn. " Carson, matà, O
m' anam, a tha thus' a' dol leis an f heòil sin, agus a' gearan
mar tha ise ri gearan ? Nach bu chòir dhuit a cumail
fodha, agus a cur fo smachd; agus ma ni Dia sin air do
shon, an tig dhuit a bhi mì-thoilichte ? Nach è thus' a
bhi 'g a toileachadh a thug ach beag gach bròn spioradail
ort? Carson, matà, nach deanadh a mì-thoileachadh
d'aoibhneas a mheudachadh? ' Nach sèinn Pol agus Sìlas
laoidh-mholaidh, ged tha 'n casan daingnichte anns a'
cheap' ? Cha robh an spioradan ann am prìosan. Ah,
anam neo-airidh ! an è sin do thàingealachd do Dhia a
dh'àrdaich thu cho mòr os-ceànn do chuirp ? 'Nuair a
bhitheas do chorp a' grodadh anns an uaigh, is còmp-
anach thusa do spioradaibh foirfichte nam fìrean. Nach
'eil sòlas agad an dràst, air nach 'eil fios aig an f heòil ?
Na gearan idir, matà, air làimh Dhè, 'nuair a bheanas
ì ri do chorp. Is gràdh gach smachdachadh a bheir a
làmh : agus carson nach buineadh è riut-sa mar bhuin
è ris na naoimh uile ? Na creid .gu bràth gu'm mìnich
an fheòil dhuit gu ceart a' chùis a tha 'n t-slat a' cìall-
achadh. Their d'f heòil gur fuath, gràdh ; agus gu'm
bheil Dià a' sgrios, an uair a tha è 'teàrnadh. Tha
d'fheòil a' fulang, agus an lorg sin cha bhreitheamh
freagarrach idir ì." ! na'n creideamaid Dia fèin, na'n
gèilleamaid do'n t-slait-smachdachaidh, mar tha focal
Dhè ag àithneadh, na'n tuigeamaid cho tarbhach 's a
tha ì do'n anam, na'm faiceamaid mar thaì 'g ar greasad
a dh-ionnsuidh ar fois', agus na'm b'urrainn sinn tosd a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence