Skip to main content

‹‹‹ prev (214) Page 194Page 194

(216) next ››› Page 196Page 196

(215) Page 195 -
195
Caibdeil X.
Cha n-fhaighear Fois nan Naonih air thalamh.
Clia n-'eil sinn fathast air teachd a dh-ionnsuidh ar
n-àite-tàimh. Ach tha àit-tàimh a' feitheamh òirnn.
matà, nach peacach, amaideach a bhi 'g a ìarraidh,
no dùil a bhi againn ris an so ! Càit am faighear
Criosduidh nach 'eil toilltinneach air achmhasan do
thaobh na cùise so ? B'àill leinn gach cùis soirbheach-
adh leinn an còmhnuidh. Dh-ìarramaid gach ni a tha
socrach, taitneach do'n f heòil. Is beag a tha sinn a'
tuigsinn cho mi-rèusanach 's a tha ar mìann. Ma
gheibh sinn àitean-còmhnuidh goireasach, biadh 'us
aodach, fearann 'us teachd-astigh, agus meadhonan
nan gràs a dh'òrduich Dìa, chum ar maith spioradail, is
leòr sin leinn, agus ìarraidh sinn fois ànnta. Ma's
fortanach, no mì-t hortanach ar staid, ma's tmn no slàn
sinn, gheibhear sinn gu dìan a' sìor-ìarraidh fois' ann
am mealtuinn a' chrèutair, — ann an taitneasaibh faic-
sinneach. 'Nuair a bhitheas taitneas aimsireii uainn,
nach fhaighear sinn 'g a ìarraidh na's dùrachdaiche na
dh-ìarras sinn Dia fèin ? Nach fheàrr leinn a mheaìtuinn
na mealtuinn Dhè ? Agus ma chaiileas sinn ar tait-
neas aimsireil, nach truime leinn sin na làthaireachd
Dhè fèin a chàll ? Cha leòr leinn ar beannachdan
aimsireil a ghnàthachadh a chum ar cuideachadh agus ar
n-ùrachadh air an t-sligh gu nèamh, ach fèumar nèamh
fèin a dheanamh dhuinn dhiubh sin. A Chriosduidh a
lèughas so, cha n-'eil peacadh sam-bith eile 's an
t-saoghal a b'f heàrr leam thus' a thuigsinn 's a sheachnadh
na 'm peacadh so, na'm b' urrainn mì ìnnseadh ciamar
a thuigear è ; oir is mòr cònsachadh an Tighearna
ruinn anns a' chùis so. Anis a chum sin a thuigsinn
guidheam ort gu dùrachdach smuaineachadh — cho
rèusanta 's a tha trioblaidean na beatha so, — agus cho
mi-rdusanta 's a tha fois ìarraidh ann an toil-ìnntinn
aimsireil ; — smuainich fòs cho mì-thoileach 's a tha
sinn a dhol anùll air a' bhàs a chum seilbh 'f haotuinu
air fois shìorruidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence