Skip to main content

‹‹‹ prev (212) Page 192Page 192

(214) next ››› Page 194Page 194

(213) Page 193 -
a mhisneachadh gus an Fhois so ìarraìdh. 193
d'f huair ìad an teagasg òg, bu leòr leth na h-oibre sin.
Is ann duibhs' a's mò an gràdh air thalamh. Is sibhse
a's mò ùghdarras os an ceànn. Is ann ruibh-se tha
ìad a' sealltuinn airson am beathachaidh uile. Is ann
duibh-se a's feàrr is aithne am mèinn 's an togradh.
Tha sibh maille riutha do ghnàth, agus fàth-chothrom
agaibh an còmhnuidh gu bhi 'bìadhadh an cridheachan
le eòlas maith. Cuimhnichibh-se so gu h-àraid, a
mhàthraichean, a tha na's trice na 'n aithrichean maille
ri bhur cloinn, am feadh a tha ìad fathast òg. Is mòr
bhur dìchioll a chum an cuirp a bheathachadh. Is mòr
bhur pìan agus bhur saothair 'g an toirt astigh do'n
t-saoghal. Agus nach dean sibh saothair a chum an
anamanan a theàrnadh ? Tha dìan ghràdh blàth agaibh
dhoibh, agus an leig sibh dhoibh a bhi càillte gu sìor-
ruidh ? Guidheam òirbh, matà, air sgàth sliochd bhur
cùim fèin, teagaisgibh ìad, comhairlichibh ìad, agus
gabhaibh mòr chùram dhiubh, agus na leigibh fois leo,
gus am faigh sibh an treòrachadh a dh-ionnsuidh Chriosd.
Guidheam òirbh, a phàranta Criosdail, a leughas na
briathran so, deanaibh iochd air anamaibh bochd bhur
cloinne fèin. Bithibh fìrinneach, dìleas do Dhia a
dh'earb clànn ruibh. Mur urrainn sibh na b' àill leibh
a dheanamh, deanaibh na 's urrainn sibh air an son.
Tha 'n eaglais agus an stàit, gach baile agus dùthaich
ag osnaich gu tròm fo'n dearmad a thathas a' deanarnh
air an dleasa^as so. Cha n-'eil eòlas aig bhur cloinn
air Dia, no air a lagh, ach bheir ìad " ainm Dhè' an
diomhanas ;" nì ìad tàir air aoradh Dhe' ; agus cha
theagaisg 'us cha chronaich sibh ìad. Air an aobhar
sin, cronaichidh Dia ìadsan agus sibhse. Cha lèir do
bhur gràdh do bhur cloinn am peacaidhean. Na bith-
eadh ioghnadh òirbh, matà, ged ghoirticheadh Dia sibli
airson peacaidhean bhur cloinne, oir tha sibh ciontach
anns gach peacadh a tha ìad a' deanamh, a chionn gu'n
d'rinn sibh dearmad air an teagasg agus air an cron-
achadh. Tòisiehibh anis, matà, air an dleasanas so,
agus na deanaibh dearmad air na's fhaide. Cuimh-
nichibh air Eli. Tha bhur clànn mar bha Maois ameasg
nan cuilc, ullamh gu bàsachadh mur faigh lad an
cuideachadh. Ma's àill leibh nach dìtear sibh mar

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence