Skip to main content

‹‹‹ prev (208) Page 188Page 188

(210) next ››› Page 190Page 190

(209) Page 189 -
a mhisneachadh gus an Fhois so ìarraidh. 189
cùramach aonachd agus sìth a ghnà-chumail suas
ameasg an t-sluaigh. Ma's maith leibh aobhar Chriosd
agus slàint an t-sluaigh a chur air aghaidh, deanaibh
gach nì ann an cèum na sìth agus a' ghràidh. Bu cho
turasda coinneal a chumail beò ann an stoirm, ri sluagh
a chumail ann an deadh eagar coguis, no ann am fonn
fallain, tuigseach, cìallach, gràsrahor, nèamhaidh, spior-
adail, diadhaidh, agus ann an caithe-beatha riaghailt-
each, ameasg aisith agus còmhstri. Uime sin, matà,
àraichibh-se aonachd, sìth agus gràdh ameasg an
t-sluaigh. " Is beannaichte an seirbhiseach sin, a
gheibh a Thighearn, an uair a thig e, a' deanamh mar
sin." Lùc. 12. 43.
Agus deanadh am pobull an dleasanas fein do'n
luehd-teagaisg. Eisdeadh ìad gu dùrachdach agus
gabhadh ìad gu toileach ri teagasg a' mhinisteir a tha
gu dìleas a' searmonachadh soisgeil Chriosd dboibh.
Cuidicheadh ìad è ; neartaicheadh ìad a làmhan, agus
misnicheadh ìad a chridhe, air gach dòigh 'n an comas,
a chum obair an Tighearn' a chur air aghaidh. Cuimh-
nichibh-se, a phobuill, gu'm fèum gach ministear fìrinn-
each, dìchiollach, là no làithean de'n t-seachduin a chur
air leth, a chum ullachadh a dheanamh gu h-uaigneach
'n a sheòmar-smuaineachaidh, airson gach sàbaid. Agus
ma's maith leibh biadh spioradail a bhi air 'ullachadb
air bhur son fèin, ma's maith leibh obair an Tighearn 1 a
chuideachadh air a h-aghaidh ann bhur measg fèin,
leigibh fois le bhur ministear air làithibh an ullachaidh.
Gabhaibh a' cheart aire nach fhaighear sibh a' cur
dragh air, no 'g a ^hluasad, gun aobhar ro àraid, air na
làithibh sin. Chithear crèutairean cho feòlmhor,
talmhaidh, no aineolach, ionnus gu'm bheil ìad coma
ciamar a thèid obair naomh an ullachaidh so air a
h-aghaidh, ma gheibh ìad an gnothach fèin, geda
dh-f haodadh è 'bhi deante air là eile. ' Bitheadh aithne
agaibh air seirbhisich an Tighearna, a tha os bhur
ceànn, agus 'g a bhur comhairleachadh ; agus biodh
meas mòr agaibh dhiubh ann an gràdh airson an oibre.'
1 Tes. 5. 12, 13.
Anis sibhse uile ris an d'earb Dia clann agus
seirbhisich, cuimhnichibh cùram a ghabhail de'n an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence