Skip to main content

‹‹‹ prev (200) Page 180Page 180

(202) next ››› Page 182Page 182

(201) Page 181 -
a mhisneacfiadh yus an Fhois so ìarraidh. 181
Eòin, " a tha e 'faicinn gach là, cionnus a dh'fheudas e
Dia nach fac e a ghràdhachadh." Agus am bheil an
duine sin a' gràdhachadh a bhràthar, a chì è nis a'
greasad gu ifrinn, agus nach dean saothair a chum a
chumail às ?
Smuainich air a 1 chionta throm a tha dearmad an
dleasanais so a 1 fàgail air d 5 anam fein. Tha thu ciont-
ach ann am mort 's ann am mallachadh nan anamanan
sin uile air an d'rinn thu dearmad ; tha thu ciontach
anns gach peacadh a tha ìad a 1 deanamh an diugh ;
ciontach anns gach eas-onoir a tha ìad a 1 toirt do Dhia,
agus ciontach anns gach breitheanas a bheir am peac-
aidhean air a 1 bhaile, no air an dùthaich anns am bheil
ìad a 1 gabhail còmhnuidh.
Smuainich ciod a their thu riut-fèin, ma chì thu an
dèigh so do chàirdean bochd ann an lasraichean sìor-
ruidh, agus do choguis fèin ag ìnnseadh dhuit, mur
bitheadh do dhearmads 1 orra, gu'm faodadh ìad a bhi
air an teàrnadh. Ma sgriosar thu-fein mailie riutha,
gu^n dean an dearmad so do dhòruinn an-tromachadh.
Ma gheibh thu gu nèamh, gu 1 m bi thu brònach (sin ri ràdh
ma dh-f haodas bròn idir a bhi 's an àit naomh sin,) a 1
cluinntinn nan anamanan bochda sin, shìos ann an ifrinn,
ag èigheachd amach riut gu bràth, agus gach aon ag
ràdh, " Och ! och ! na ? n d^innis thusa mo pheacadh agus
mo chunnart dhomh gu soilleir, dìleas : na^n do labhair
thusa gu dìreach, teànn ri mo chridhe, dh-fhaodainn a
dhol às o^n dòruinn so, agus a bhi ann am fois I 11 Nacli
bu mhuladach leat an glaodh sin !
Smuainich cia àrd an t-aoibhneas dhuit air nèamh,
coinneachadh an sin ri anamaibh a bha thu-fèin a'
cuideachadh 's a 1 treòrachadh a dh-ionnsuidh an àite
sin, agus gur tu bu mheadhon air an toirt ànn ! Thu
nis a 1 faicinn an aghaidhean dealrach, ^us tu gu bràth
a 1 moladh Dhia maille riutha-san do^n robh thu, gu tric
air thalamh, a 1 teagasg eòlais air Criosd, 's ag aslachadh
orra ùmhlachd a thabhairt dà !
Smuainich cia lìan anam a rinn thus 1 tharruing gu
sligh nam mallachd, no 7 bha air a chruadhachadh leat
anns an t-sligh sin. Bha companaich againn-fein anns
a 1 pheacadh, air làithibh ar n-aineolais agus ar mi-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence