Skip to main content

‹‹‹ prev (167) Page 147Page 147

(169) next ››› Page 149Page 149

(168) Page 148 -
148 Cionnus a dh-aithnicheas sinn
n-urrainn teagamh na's mò 'bhi agad mu do chreidimh
'us do ghràdh, na tha aig duine blàth gu'm bheil è blàth,
no aig duine làidir, sùnntach gu'm bheil è beò. Tha
Criosduidhean a' beagachadh an sòlais fèin, le sealltuinn
na's mò agus na's trice ris na comharraidhean a ta nis
agìnnseadh dhoibh ciod a tha ànnta-fèin, na ris na riagh-
ailtibh a ta gu soilleir ag ìnnseadh dhoibh ciod bu chòir
dhoibh a dheanamh : mar gu'm bi an staid anns am
bheil ìad, an dràst, an staid anns am bi ìad gu sìorruidh :
agus mur faigh ìad maitheanas anis, nach 'eil leigheas
air an son. Nach b' amadan fear a laidheadh a' guil
*s a' caoidh nach 'eil è nis a' faotuinn maitheanais, agus a
rìgh 'n a sheasamh fad na h-ùine làimh ris, agus a' tairgse
maitheanais dhà, agus 'g a chomhairleachadh gu sin a
ghabhail ? A Chriosduidh, cha chreidimh fìreanachaidh
do dhearbh-bheachd-sa air gràdh sònruichte Dhia dhuit,
ach do ghabhail-sa ri Criosd — thusa Criosd a dhlù-
ghabhail h-ugad, a chum do dheanamh ionmhuinn,
gràdhach. Is feàrr dhuit gu mòr Criosd a ghabhail
h-ugad, mar tha è air a thairgse dhuit, na bhi cho tric
a' caitheamh uine ri teagamh co dhiubh a tha Criosd
agad, no nach 'eil.
Is cùis iomagain eile do Chriosduidhean, na teagamhan
sin a bhitheas ag ìadhadh orra, 'nuair nach f haigh ìad
an gàirdeachas sin a thigair uairidh le dearbh-bheachd,
no 'nuair a chuirear dearbh-bheachd fèin an àit gàird-
eachais. Ach c'uime 'chuireadh sin iomagain orra?
Nach fhaod leanabh a ràdh gur mac è, ach amhàin cho
fad 's a bhitheas è 'faicinn fìamh-ghàire ann an gnùis
'Athar, no 'cluinntinn briathran sòlasach a bheòil? no
nach 'eil an t-athair a bha aige roimhe 'n a athair cho
caoimhneil, dìleas dhà fathast 's a bha è, ged nach f heaict-
eadh f ìamh-ghàire air, no ged sguireadh a bhriathran
aoibhneach ? Ciod air-bith a their, no ni athair, cha sguir
a dhàimh 's a ghràdh d'a leanabh fèin. Agus mar sin,
cha n-f hàilnich gràdh Dhia d'a chloinn fèin gu bràth.
Cheibhear anamanan fo iomagain a ta gu tric ag
èirigh o aineolas air a' mheadhon, no air an dòigh
ghnàthaichte trid am bheil Dia a' toirt sòlais. Saoilidh
ì id nach 'eil tuilleadh aca ri dheanamh ach ìarraidh,
agus gu'm builich Dia orra gach ni mar their lad-fèin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence