Skip to main content

‹‹‹ prev (161) Page 141Page 141

(163) next ››› Page 143Page 143

(162) Page 142 -
142 Cionnus a dh-aithnicheas sinn
tuir leis am faod thus' a dhearbhadh agus aithneachadh gu
cìnnteach, an ànn, no nach ann de shluagh Dhè thu-fein.
1. Tha Focal Dè ag ìnnseadh dhuinn gu'm faod
neach dearbhadh cìnnteach 'f haotuinn air a theàrnadh
fèin, agus gur còir dhà sin ìarraidh le saothair. Tha 'n
Sgriobtuir ag ìnnseadh dhuinn gu tric gu'n d'f huair na
naoimh, a bha romhainn, fios air am f ìreanachadh agus
air an teàrnadh siorruidh fèin : tha sin air 'f hoillseach-
adh anns na briathraibh so : — " Ge b'e neach a chreideas
ann an Criosd, cha sgriosar è, ach tha a' bheatha
mhaireannach aige." Ach bu dìomhain sin a ràdh
mur b' urrainn neach aithneachadh ànn-fèin am bheil,
no nach 'eil è nis a' creidsinn ann an Criosd. Tha
eadar-dhealachadh mòr air a chur, anns an Sgriobtuir,
eadar cloinn Dè agus cloinn an diabhuil : agus tha è ag
àithneadh dhuinn " tuilleadh dìchill a dheanamh, chum
ar gairm agus ar taghadh a dheanamh cìnnteach." Tha
è a' dìan-sparradh òirnn ' sinn-fèin a cheasnachadh,
agus a dhearbhadh, agus aithneachadh annainn-fein, am
bheil sinn 's a' chreidimh, agus am bheil Iosa Criosd
annainn, mur daoine a chuireadh air cùl, no daoidh sinn.'
2 Cor. 13. 5. Tha fòs àithntean an Sgriobtuir ag
ìarraidh òirnn gàirdeachas a dheanamh do ghnàth, ar
n-Athair a ghairm do Dhia, a bhi beò 'n a mholadh,
gràdh a thoirt do theachd Chriosd, a bhi 'g ìarraidh a
theachd an aithghearr, agus sòlas a ghabhail dhuinn-fèin
ri luaidh air sin. Ach cò is urrainn aon de na nithibh
sin a dheanamh gu toileach, mur 'eil è cìnnteach, ann
an tomhas, gur leanabh do Dhia è ?
2. Cha n-'eil teagamh nach 'eil Sàtan a' deanamh a
chuid fèin ameasg nan iomadh bacadh a tha gu tric a'
cumail dhaoine bho dhleasanas an f hèin-cheasnachaidh.
Ciod-air-bith cumhachd ata aig Sàtan, no meadhon, no
inneal, no ìnnleachd a's urrainn a' bhèist a ghnàthach-
adh, bi cìnnteach gu'n cuirear air obair ìad uile, chum
thus' a chumail air d' ais o'n dleasanas so, seach gach
dleasanas eile. Is duilich leis truaillidheachd nan
daoine diadhaidh a bhi nis a' leaghadh às fo 'n aoibhneas,
fo'n chìnnteachd agus fo'n bhuannachd a gheibhear leo
'n an ceasnachadh fèin gu tric, toileach, dìleas. Is maith
a tha f hios aige, do thaobh nan daoine mì-dhiadhaidh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence