Skip to main content

‹‹‹ prev (120) Page 100Page 100

(122) next ››› Page 102Page 102

(121) Page 101 -
a chailleas Fois nan Naomh. 101
chèile." Och nach truagh cor nan crèutairean sin !
" Cha ghabh an tì a rinn ìad truas diubh ; agus cha
nochd è caoimhneas dhoibh." Isà. 27. 4, 11. "Mar
a rinn an Tighearn gàirdeachas os an ceànn a
dheanamh maith dhoibh ; mar sin ni an Tighearn
gàirdeachas os an ceànn gu'n sgrios, agus gu'n toirt
gu neo-ni." Deut. 28. 63. Is truagh do na h-anam-
aibh a bheir air Dia gàirdeachas a dheanamh 'n am
peanas ! " Ni è mar-an-cèudna gàire ri 'n sgrios : ni c
fanaid 'nuair a thig an eagal, 'nuair a thig eagal orra
mar fhàsachadh, agus a thig lèir-sgrios orra mar ioma-
ghaoith ; 'nuair a thig tèinn agus cràdh-cridhe orra."
Gndth. 1. 26, 27. Is uamhasach an ni thar càinnt 'us
smuain, 'nuair nach faighear aon air nèamh, no air
talamh, a chuidicheas ach Dia, agus nach dean esan
ach gàirdeachas ri " tèinn" nan crèutairean truagh
sin ! Cha n-ànn idir gu litireil a " tha Dia a' deanamh
gkire agus fanaid" ri truaighe nam peacach ceannairc-
each. Is ann amhàin arè'ir gnàth-labhairt dhaoine 'tha
na focail sin air an labhairt anns an Sgriobtuir, ag
mnseadh cho teànn 's a bhuineas Dia ris a' pheacach,
ni nach gabh ìnnseadh air dòigh eile na's freagarraiche
le càinnt dhaoine.
5. Bithidh Sàtan agus peacaich fèin 'n an luchd-
dìoghaltais aig Dia, — 'g am pìanadh arèir òrdugh a
cheartais. Is è Sàtan a rinn na peacaich sin a
bhuaireadh, a mhealladh 's a chumail o Chriosd, agus
tròm-pbìanaidh è ìad anis airson gèilleadh dhà. Sin
amhàin an duais a bheir è dhoibh airson na seirbhis a
rinn ìad dhà gu tric. Dhiùlt 'us thrèig ìad Dia agus
Criosd ; agus rinn ìad dearmad air an anamanan fèin :
oir is ì còmhairle Shàtain a b'ànnsa leo na sin uile.
Air an aobhar sin, cuirear ìad fo dhroch ctiing an droch
mhaighsteir fèin. Na'n robh ìad cho firinneach ann an
deanamh seirbhis do Chriosd 's a bha ìad ann an
deanamh seirbhis do Shàtan, gheibheadh ìad duais na's
feàrr. Is ceart, matà, \ad a bhi 'n am pìanadairean
orra-fèin, a chum gu'm faic ìad mar sin, gu'm b' ìad-
fèin a sgrios ìad-fèin, agus nach urrainn ìad a choir-
eachadh ach lad-fein amhàin airson na dòruinn a ta
ìad a' fulang anis. ^r"~* ^ v

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence