Skip to main content

‹‹‹ prev (116) Page 96Page 96

(118) next ››› Page 98Page 98

(117) Page 97 -
a chaìlleas Fois nan Naomh. 97
mach do shìth mliealltach, agus gu'n leagadh è sìos thu
aig cosaibh Chriosd, ag ràdh " A Thighearna, ciod is
àill leat mise a dheanamh?" agus gu'm faigheadh tu
mar sin sith mhaith agus chìnnteach nach toirear uait
gu bràth, eadhon tòiseachadh do shithe sìorruidh nach
trèig thu idir, mar thr&geas sìth ghnogach an t-saoghal.
4. Caillidh ìad an sùgradh feòlmhor uile. Their ìad-fèin
rau'n " gàire" faoin, " Is cuthach e ; agus mu shùgradh,
Ciod a nì e ?" Ecles. 2. 2. Cha b'fheàrr è na " fuaim
droighnich fo phoit." Ecles. 7. 6. Cha robh ànn ach
lasair a mhair car tiota, chaidh è seachad gu grad,
agus cha till è tuilleadh. Is searbh leo an diugh focal
air bàs 'us breitheanas. Mùchaidh sin an sùgradh !
Cha n-fhuilig ìad aon smuain air am peacadh 's air an
cunnart fèin. Ut, ut ! cha n-f huilig ; tromaichidh sin
an spiorad ! Cha n-fhaodar idir guil, no caoidh airson
peacaidh, no "ìad-fein irioslachadh fo làimh chumh-
achdaich Dhè." Ni ìad gàire ri bròn diadhaidh. Ruag-
aidh ìad air falbh chram le faoin òran ; seadh, sgiùrsaidh
iad uatha gach smuain air na nithibh tìamhaidh sin.
Na abair diog riutha mu mheòrachadh air Dia, no
ùrnuigh ; is leòr sin gu'm fàgail truagh, no gu'n cur às
an cìall ! Anamana bochd ! Cia truagh bhur beatha,
'nuair nach bi ni idir agaibh ach dubh bhròn, — cruaidh
sgàineadh cridhe a' sìor-theannachadh 'ur bròin a
dh-easbhuidh aoibhneas mòr nan naomh, 's a dh-eas-
bhuidh bhur seànn aoibhneas goirid fèin ! An saoil sibh
'bheil aon chridhe mear, aon ghnùis aoibhneach, no aon
teangaidh shùgraidh ann an ifrinn? Their sibh an
diugh, " Is feàrr beagan sùgraidh na mòran bròin." Ach
nach b'fheàrr dhuibh gu mòr beagan bròin diadhaidh,
a bheir aoibhneas sìorruidh, na bhur sùgradh faoin uile ;
oir is ì crìoch an t-sùgraidh sin bròn.
5. Fòs caillidh ìad gach taitneas collaidh uile. Caill-
idh ìad gach uile ni bu taitnich' agus bu luachmhoire
leo, — an ni bu nèamh dhoibh. Caillidh ìad an ni sin bu
dia dhoibh, cho maith ri Dia fèin. tuitidh an duine
mòr-chuiseach, glòir-mhìannach sìos o àirde gach onoir !
Cha n-aithnichear a dhus 's a chnàmhan ameasg dus 'us
ehnamh nam " baigear" a's bochda, ni mò a bheirear
urram, no f àbhar d' a anam seach ìadsan. Cia lìon-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence