Skip to main content

‹‹‹ prev (85) Page 65Page 65

(87) next ››› Page 67Page 67

(86) Page 66 -
56 Comharradh na Muinntir sin do>m bheil
buin fois nan naomh dhuit-sa. ' bi glic, matà, tuig
so, thoir fainear do chrìoch dheireannach !' Am feadh
a ta fathast d 1 anam ann do chorp, agus " luach ann do
làimh," agus fàth-chothrom agus dòchas romhad, fosgail
do chluas 'us crom do chridhe ri comhairle Dhè, chum
gu'm faigh thu fois maille ri " sluagh Dhè" ann an
" oighreachd nan naomh 's an t-solus." Col. 1. 12.
Tha è fìor shoilleir o'n Sgriobtuir gu'm bi an f hois
so air a mealtuinn le " sluagh Dhe." Tha sin air a
dhearbhadh dhuinn ann an caochladh àit de'n f hVrinn.
Tha an sluagh so air an " roimh-òrduchadh" airson na
foise so, agus an f hois so air a roimh-òrduchadh air an
son-san. " Cha nàir le Dia gu'n goirear an Dia-san
dheth : oir dh'ulluich e dhoibh baile." Eabh. 11. 16.
Ts ìadsan " soithichean na tròcair, a dh'ulluich e roimh-
lkimh chum a ghlòire." Ròm. 9. 23. " Ann an Criosd
fliuair ìad oighreachd, air dhoibh bhi air an roimh-
òrduchadh a rèir rùin an tì a ta 'g oibreachadh nan uile
nithe a rèir comhairle a thoile fèin." Eph. 1.11. " Agus
an dream a roimh-òrduich e, ghlòraich e mar an cèudna."
Ròm. 8. 30. Cò is urrainn an fhois so a thoirt o
" shluagh Dhè," a ta air a h-ullachadh dhoibh ie
comhairle Dhia fèin. Tha ìad arèir an Sgriobtuir " air
an saoradh" airson na foise so. " Tha dànachd againn
chum dol a steach do'n ionad a's naomha, tre fhuil
Iosa." Eabh. 10. 19. Theidear asteach an diugh tre
chreidimh agus ùrnuigh, agus le làn sheilbh an dèigh
so. Seinnidh na naoimh " òran nuadh" air nèamh
" Dhàsan a shaor iad do Dhia le 'f huil fèin, £s gach uile
shluagh agus chinneach, agus a rinn rìghrean agus sag-
airt dhiubh do Dhia." Taisb. 5. 9, 10. Carson, a bha
fuil Chriosd air a dòrtadh ? carson a dh'fuilig è ? no cia-
mar a " chì è do shaothair 'anama," mur 'eil " fois air
a fàgail fa chomhair sluaigh Dhè ?" Tha 'n f hois so air
a gealltuinn doibh gu tric anns an Sgriobtuir. Mar
dhealraicheas na spèuran àrd le reultaibh, tha focail na
fìrinn a' dealrachadh le geallaidhean gràsmhor Dhè d' a
shluagh. Tha Criosd ag ràdh riutha " Na biodh eagal
ort, a thrèud bhig ; oir is ì deadh thoil bhur n-Athar an
rìoghachd a thoirt duibh." " Agus a ta mise ag òrduch-
adh dhuibh rìoghachd. mar a dh'orduich m' Athair

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence