Skip to main content

‹‹‹ prev (37) Page 17Page 17

(39) next ››› Page 19Page 19

(38) Page 18 -
18 Cùnntas mu Nàdur
dhà-san air thalamh, ainmig agus fuar, suas 'us sìos,
anull 's anàll. An Tì nach do bheagaich a ghràdh dhuit,
'nuair a bha thu gu naimhdeil, dearmadach 'g a rag-
dhiùltadh, an sguir a ghràdh dhuit anis, an dèigh dhà
do dheanamh fìor ghràdhach, àillidh? An Tì a bheir
ort a bhi seasmhach ann do ghràdh dhà, ionnus gu'm
faod thu a ràdh nach bi " trioblaid, no àmhghar, no
gèur-leanmhuinn, no gorta, no lomnochduìdh, no
cunnart, no claidheamh comasach do ghràdh a sgaradh
o Chriosd," cia mòr na's seasmhaiche na sin a bhitheas
e-fèin. Is maith a dh-f haodas tu 'ràdh le Pòl, " Tha
dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingìl,
no uachdaranachda, no cumhachda, no nithe a ta làthair,
no nithe a ta ri teachd, no àirde, no doimhne, no creut-
air sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh
Dhè a ta ann an Iosa Criosd ar Tighearn." Ròm. 8. 38,
39. Nach eigh sinn amach anis fo iongantas an Abstoil
" Ciod a their sinn ris na nithibh sin ?" Is dìomhaireachd
an gràdh neo-chrìochnach so do chomas crìochnach.
Cha n-iongantach ged " is mìann leis na h-ainglibh a
bhi 'beachdachadh" air an dìomhaireachd so. Agus
ma's è mìann nan naomh an so, " a thuigsinn ciod ò
leud, agus fad, agus doimhne, agus àirde gràdh Chriosd,
a chaidh thar gach uile eòlas," is ì fois shìorruidh nan
naomh, mealtuinn Dhe' le gràdh.
Is ì so an toil-ìnntinn gus am bheil na h-uile nithe
maith a' treòrachadh, agus anns am bheil ìad a' crìoch-
nachadh, eadhon an tlachd do-smuainichte a tha aigan
t-sluagh bheannaichte ann am faicinn, ann an aithneach-
adh agus ann an gràdhachadh Dhè, agus ann a bhi air
an gràdhachadh leis. Is ì so " a' chlach gheal nach
àithne do neach air bith, ach do'n tì a gheibh ì. Taisb.
2. 17. Is cìnnteach, is è so " an t-aoibhneas anns nach
'eil comh-roinn aig coigreach." Tha uile shlighean
tròcaireach Chriosd a' treòrachadh gu aoibhneas nan
naomh, 's a' crìochnachadh ànn. Ghuil è, bha è bròn-
ach, dh'-fhuiling è, chum gu'n deanadh ìadsan gàird-
eachas. Cuiridh è a Spiorad d'an ionnsuidh gu bhi
'n a Chomhf hurtair dhoibh. Lìonmhoraichidh è geall-
aidhean doibh, foillsichidh è an sonas doibh, " chum
gu'm bi an aoibhneas lkn." Fosglaidh è tobar nau

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence