Skip to main content

‹‹‹ prev (35) Page 15Page 15

(37) next ››› Page 17Page 17

(36) Page 16 -
16 Cùnntas nan Nàdur
dh\lseachd do Thighearna, — amharus agad air a ghràdh,
'nuair bu chòir dhuit amharus a bhi agad ort-fèin?
Nach 'eil nàir ort gu'n robh thu riamh air d' f haotuinn
a' mùchadh toil a Spioraid, a' mì-mhìneachadh nam
freasdal 's a' gearan air na slighibh sin a threòraich thu
gu àit cho glòrmhor ? Tha làn f hios agad anis girn
robh d' Fhear-saoraidh 'g a do theàrnadh 'nuair a bha è
'casgadh do mhìann, cho maith 's an uair a bha è'ga
dheònachadh dhuit ; 'nuair a bha è 'briseadh do chridhe,
cho maith 's an uair a bha è'ga shlànachadh. Neor-
thaing dhuit, 'Fhèin neo-airidh, airson do chrùin so ; ach
do Iehobhah agus do'n Uan bitheadh a' ghlòir gu bràth."
Ach ! cia làn, cia fagus, cia milis an toil-ìnntinn,
an gràdh sin ! " Is gràdh Dia : agus an tì a tha 'fantuinn
ann an gràdh, tha e 'n a chòmhnuidh ann an Dia, agus
Dia ann-san." Is è gearan an anam' bhochd an diugh,
" Hò ! nach robh tuilleadh gràidh agam do Chriosd !"
Air là do ghlòire gràdhaichidh tu è gu làn. An diugh
cha n-aithne dhuit ach beag. cho gràdhach 's a tha è ;
agus uime sin, cha n-'eil do ghràdh dhàach beag. Air
an là sin, buailidh do shùil do chridhe, a' sìor-bheachd-
achadh air àilleachd iomlain Chriosd ; bithidh tu air do
ghnàth-lìonadh le beò ghràdh. A Chriosduidhean, nach
'eil anis cuimhne air fios a ghràidh a' beothachadh
gràidh annaibh ? Nach 'eil sibh air bhur leaghadh ?
nach 'eil bhur cridheachan fuar, reòt' a' blàthachadh ri
cuimhneachadh air caoimhneas Chriosd agus air grìan-
sholus a mhaitheis, Nach mò na sin gu mòr bhur
gràdh, 'nuair a bhitheas sibh beò air a ghràdh, uile
Ann-san, neach a's è " na h-uile ?" Gu cìnnteach is
obair agus duais gràdh. Cia àrd an t-sochair gu'm
bheil Dia a' ceadachadh dhuinn e-fèin a ghràdhachadh,
agus gu'n gràdhaichear è leo-san a ghràdhaich ana-
mìann 'us peacadh air thoiseach air ! A bhàrr air sin,
bheir è gaol airson gaoil, ni-h-eadh ach mìle uiread
na's mò. A Chriosduidh, lìonar suas thu gu do bhè'ul
le gràdh air an là sin, ach air meud a' ghràidh a bheir
thu, gradhaichear thu deich mìle cuairt na's mò. Faic
gàirdeana Chriosd a' fosgladh air a' chrànn-chèusaidh
agus rathad air 'f hosgladh do'n t-sleagh a dh-ionnsuidh
a chridhe, agus nach f hosgail a làmhan agus a chridhe

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence