Skip to main content

‹‹‹ prev (33) Page 13Page 13

(35) next ››› Page 15Page 15

(34) Page 14 -
14 Cùnntas mu Nàdur
'faicinn anis ! Nach do lean thu riamh a' fad-amharc
air " Grèin na f ìreantachd," gus an robh do shùilean
air am bualadh le deàrsadh na glòire iongantaich a ta
ànn ? Agus nach robh gach ni eile, fo'n deàrsadh sin,
dnbh 'us dorch dhuit ? gu h-àraid air làithibh d' fhul-
angais airson Chriosd, an t-àm air am faigh a phobull
gu tric sealladh na's mò dheth, nach fhaca tu riamh aon
" a' coiseachd ann am meadhon an teine" maille riut,
's " a choslas mar mhac Dhè ?" Dàn. 3. 25. Oreidibh
mì, a Chriosduidhean, seadh, creidibh Dia ■ sìbhs' a's mò
eòlas air Dia ann an Criosd anis, cha n- eil è ach mar
neo-ni ann an coimeas ris an eòlas a gheibh sibh. Is
gann is airidh è idir air eòlas a ghairm dheth. Mar a
sguireas na cuirp so, is amhuil sin a sguireas an t-eòlas
so airson eòlais na's coimhlionta : " Ma's eòlas, cuirear
air cùl e. Oir a ta eòlas againn ann an cuid, agus tha
sinn ri fàidheadaireachd ann an cuid. Ach an uair a
thig an ni a ta ìomlain, cuirear air cùl an ni sin nach
'eil ach ann an cuid. 'Nuair a bha mi a'm' leanaban,
labhair mi mar leanaban, thuig mi mar leanaban, reuson-
aich mi mar leanaban : ach air f às domh a'm' dhuine,
chuir mi na nithe leanabaidh air cùl. Oir tha sinn a r
faicinn 'san àm so gu dorcha tre ghloine ; ach an sin chi
sinn aghaidh ri h-aghaidh : 'san àm so is aithne dhomh
ann an cuid ; ach an sin aithnichidh mi eadhon mar a
ta àithne orm." 1 Cor. 13, 8-12. Na gabh iongantas,
uime sin, a Chriosduidh, gur " ì a' bheatha mhaireann-
ach eòlas air Dia agus air Iosa Criosd." Is è Dia agus
Criosd a mhealtuinn "a' bheatha mhaireannach," agus
is è eòlas toil-ìnntinn an anama. Cuiridh ìadsan, aig
am bheil an tlachd amhàin ann an nithibh talmhaidh,
an comhairle ris an f heòil, agus is bochd an sonas ieo
eòlas air Dia. Ach " Tha f hios againn gur ann o Dhia
a tha sinn, agus tha'n saoghal uile 'na luidhe 'san olc.
Agus tha f hios againn gu'n d'thàinig Mac Dhè, agus
gu'n d'thug e tuigse dhuinn, chum gu'm b'aithne dhuinn
esan a ta f ìor : agus tha sinne ann-san a ta f ìor, ann a
}lhac losa Criosd. Is e so an Dia f ìor, agus a' bheatha
mhaireannach." 1 Eòin 5. 19, 20.
Bithidh obair bheò, mhaireannach, shòlasach, tharbh-
ach aig do chuimhne anns an staid bheannaichte so.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence