Skip to main content

‹‹‹ prev (163) Page 155Page 155

(165) next ››› Page 157Page 157

(164) Page 156 -
156 AIR LAGHAPH EAGLAIS.
anns an rioghaclid so f hein : s' gun tugadh
e gu slighe an t-sabhalaidh gach anam.
3. Ehiodh e iomachuidh, ma bhios e nar
comas, dol do sheapall taoibheigin gus an
laghadh so chosnadh ler n-urnaigh ann.
4. Bhiodh e feumail cuideachd roinn de
dh' oibrichean corporra no spioradail na
trocaire a chur an griomh.
Urnaigh gu Laghadh a chosnadh.
/^ DHIA, ard Athair naoimh, is tusa
^^ bonn a cheartais, agus peacadh sa
bith cha n-f haod tighinn ad chòir ; ciontan
us peacannan dhaoine cha n-urrainn dol as
bhod dhiughaltas ; an dèigh sin, làn bàighe
agus carrantachd, tha do lamhan sgaoilte
agus fosgailte, gus na peacaich a thilleas
riut le iior bhriste-cridhe a ghlacail leis
an toir iad a mach deagh thoradh an
aithreachais. A Dhia is mua trocair,
air sgàth do Mhic ionmhuinn Tosa Criosta,
a dhoirt fhuil, agus a dh' fhuilig am
bàs air-son nam poacach, dian riumsa
fathamas. A Dhia iochdoir, bho ghruund
mo chridhe tha fuath us gràin agam air
peacannan mo bheatha gu h-iomlan, agua
le cràdh spioraid tha mi an diugh a leirsinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence