Skip to main content

‹‹‹ prev (161) Page 153Page 153

(163) next ››› Page 155Page 155

(162) Page 154 -
154 AIR LAGHADH EAGLAIS.
Leis a sin se is brigh do laghadh, fiachan
no pian aimsireil a thoirt air falbh am
pairt, no uile gii leir. Am fear a gheobh
fuasgladh am pairt,tha e cosnadhlaghaidh:
am fear a gheobh mathanas na f hiachan
uile, no na phian aimsireil uile, tha e toirt
a mach lan-laghaidh. Ach gu ruighinn air
sonas cho mor, a bharrachd air deagh
f haoisid us Corp an Tighearn a ghlacail,
tha aman iomachuidh rin coimhead, agus
dleasnasan suidhichte rin cur an cèill gu
bunailteach ; mar a nis a dh' innsear.
Na h-AmaiPbS na Dleasnasan gu Laghadh
a chosnadh.
B'i toil mhath ard Cheannaird na h-
Eaglaise, 's e faicinn uireasuidh spiorad-
ail nan Caitliceach uile anns an rioghachd
so lan-laghadh a thoirt dha na creidich
uile ann an Albain air na h-aman so
leanas, agus air na cumhnantan ioma-
chuidh so.
Ra h-Aman.
1. Mu ISTollaig: bho fheill Naoimh
Tomais (21 Dec.) gus a chiad Dònach
an dèigh Là nan-tri-Righ. A cunntadh
daonnan chiad latha, ^s an latha mu
dheireadh a dh' ainmichear,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence