Skip to main content

‹‹‹ prev (18) Page 10Page 10

(20) next ››› Page 12Page 12

(19) Page 11 -
URNAIGH MAIDNE. 11
naoimh. Thighearna, le cuideacliadh
do ghràs cha dian mi tuilleadh eucoir ort.
Tha mi ann am meinn do mhathais agus
do throcair. Tha mi 'n earbsa laidir, tro
thoillteanas losa Criost, gun eisdthu rium,
gun neartaich thu mo thoil, agus gum
faigh mi comhnadh an Spioraid Naoimh,
gus mo dhleasnas maidne chur an ceill
anns an doigh a bhios taitneach leatsa,
agus a choisneas grasan dha m' anam.
O Athair shiorruidh, a tha lionadh nam
flathas is airde led ghloir, tha mi gam
umhlachadh fhein ad lathair, agus a toirt
aoraidh, molaidh, us cliu dha t'ainm
naomh air-son nan grasan lionar a
bhuilich thu orm ; air-son mo chruth-
achadh air reir t^iomhaigh agus do choltais
fhein; mo shaoradh le fuil phriseil do
Mhic ionmhuinn, agus mo naomhachadh
leis an Spiorad Naomh : agus air-son mo
thoirt sabhailt as gach cunnart san robh
mi riamh gu toiseach an latha diugh. O
mo Dhia, bi maille rium air an latha so,
agus air gach latha dhem shaoghail. Dian
mo chomhnadh gii gluasad gu stuama,
beusach, umhlaidh, faighidneach, carth-
annach nad lathair naomh air an latha
so. O mo Dhia, gleidh mi bho gach olc

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence