Skip to main content

‹‹‹ prev (194) Page 190Page 190

(196) next ››› Page 192Page 192

(195) Page 191 -
GRAS AM PAILTEAS, &C. 191
fàilteachadh nara ban so air an deach iad a
choimhead, no thàinig a choimhead orra, rinn
mi air uairibh m'aobhar fèin a thoirt seachad 'na
aghaidh ; agus an uair a theireadh iad rium
nach robh ann ach cuibhrionn do mhodhalachd ;
thuirt mi riu nach bu chiatach an sealladh e ;
choitich cuid dhiù gu dearbha a' phòg naomha ;
agus a sin dh'fheòraich mi dhiù c'arson a bha
iad dearmadach no leth-bhreitheach, a' cur f àilt'
air na mnathaibh bu sgiamhaiche agus a'
leigeadh leosan a bha neo-sgiamhach a bhi dol !
Co-dhin, ge be air bith cho ion mholta is da 'n
robh a leithid so ann an sealladh muinntir eile,
bha e neo-chiatach ann am bheachdsa.
316. Agus a nise chum na cuise so a thrus-
adh suas, tha mi gairm, cha n-e mhain daoine
ach ainglean a chum mo dhearbhadh ciontach
de ghnothach feòlmhor a bhi agam ri mnaoidh
sam bith ach mo bhean fèin 'na h-aonar ; ni mò
tha eagal orm an gairm an dara h-uair, air
dhomh fios a bhi agam nach urrainn mi mio-
thlachd a chuir air an Tighearna ann an cliis mar
so, gìed ghairm mi air Dia chum a chuimhneachadh
do'm'anam, gu'm beil mi neo-chiontach a thaobh
nannithe so. Cha n-e gu n robh mi mar so air mo
ghleidheadh air son aon mhathas a th annam
fèin, a bharr air neach eile, ach bha Dia tròcair-
each dhomh agus choimhid e mi, agus tha mi a'
guidh' air gu'n coimhid e mi do ghnà, cha n-ann
a mhàin uaithe so, ach o gach uile dhroch
sLlighe agus ghniomh, agus gu'n glèidh e teàr-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence