Skip to main content

‹‹‹ prev (99) Page 95Page 95

(101) next ››› Page 97Page 97

(100) Page 96 -
96 GRAS AM PAILTEAS, &C. '
Mar an ceudna shaoil mi gu'n robh caochla
cheuman crduichte ann diù sin cho math sa
bh'ann do pheacannan eile, agus air sonn'a b'urr-
ainn mis' f haicinn, fathast gu'm faodadh gu'n
robh am peacadh a rinn mise mar aon air nach
faoidte chaoidh dol seachad.
160. Bha mi nise gu tric fo nàire air son
gu'n robh mi ann am dhuine cho gràineil ri
ludas, smaointich mi mar an ceudna, cho fuath-
mhor sa bhithinn ann an làthair nan uile
naomh air latha 'bhreitheannis, ionnas nach
b'urrainn mi aig an àm ud duine math fhaicinn
a shaoil mi aig an robh deagh chogais gu'n mo
chridhe a chrithneachadh roimhe am feadh a
bha mi 'na làthair ; O ! a nise chunnaic mi
glòir ann an imeachd maille ri Dia, agus an
tròcair, a bh'ann do neach deagh chogais a bhi
aige 'na làthair-san.
161. Bha mi gu mòr air mo bhuaireadh aig
an àm sin chum mi-fèin a thoileachadh le
bairealan meallta ghabhail do'm ionnsaidh mar
iad so, nach biodh leithid latha bhreitheanais idir
ann, agus nach èireadh sinn a rithist suas o'n
eug, agus nach robh am peacadh na ni cho
doilghiosach sa chaidh aithris, agus dhìiisg am
buaireadair suas na smaointean so, — '' Oir ged'
dh'fhaodadh na nithe ud a bhi fior, ma chreid-
eas tusa nach eil iad mar sin, ach 'nan dearbh
bhrèig bheir sin comhf hurtachd dhut air son an
àma ta làthair, mas a h-èigin dut dol a dhìth,
c'arson a phianadh tu thu-fèin roi'n àm ? fuad-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence