Skip to main content

‹‹‹ prev (74) Page 70Page 70

(76) next ››› Page 72Page 72

(75) Page 71 -
GRAS AM PAILTEAS, &C. 7^
m' inntinn, '' Ciod uime sin a their sinn ris na
nithibh sin ? Ma tha Dia leinn cò dh' fhaodas
a bhi n-ar n-aghaidh ^'' (Rom. viii. 31.) Bha
so mar an ceudna 'na chòmhnadh dhomh, " do
bhrìgh gu'm b'eil mise beò, bithidh sibhse beò
mar an ceudua." (Eoin. xiv. 19.) Ach cha
robh na briathran so ach 'nan cagairibh, agus
'nan sanasaibh, agus iad sin air an cèilidh diom-
buan ; oir £:ed bu mhillis leams' iad f had sa mhair
iad, cha roba orra mhain ach blas mar bh'air
braithlìn Pheadair, bha iad air an togail suas uam
arithist le gradaig gu nèamh, (Gniomh x. 16.)
114. Ach an deigh sin dh' fhoillsich an Tigh-
earna e-fèin ni bu làine agus ni bu ghràsmhoire
dhomh, aofus gu dearbha shaor e mi, cha n-ann
a mhain, o'n chiont a laidh air mo chogais a
thaobh nan nithe ud, ach mar an ceudna bho'n
dearbh thruailleachd aca, oir bha 'm buaireadh
air a thoirt airfalbh, agus bha misair mo thoirt
a dh'ionns ùdh mo chiall suidhicht' a rithist mar
bha criosdaidhean eiie.
115. Is cuimhne leam, aon latha air dhomh
a bhi siubhal a chum na dùthcha, gu'n robh
mi a' smaointeachadh air aingeachd v.giis
toibheum mo chridhe, agus a' beachdachadh air
an nàimhdeas a bha annam do Dhia ; gu'n tàinig
an Sgriobtur so gu m' inntinn ; — " Gu'm biodh
na h-uile air an deanamh rèidh ris-fèin trid-san
air dha sìth a dheanamh tre fhuil a' chroinn-
cheusaidh-san."' (Col. i. 20.) Nileisan robhmi
air mo thabhairt gu fhaicinn a rithist sa rithisf

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence